FaclairDictionary EnglishGàidhlig

100 years since Kyle Lodge was established Ceud bliadhna on a chaidh an Loidse a' Chaoil a stèidheachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Ceud bliadhna on a chaidh an Loidse a' Chaoil a stèidheachadh

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, bha Saor-Chlachairean bho air feadh na h-Alba an làthair ann an Caol Loch Aillse Disathairne 's tha iad a' comharrachadh ceud bliadhna on a chaidh an loidse a stèidheachadh ann an sin. Tha eachdraidh inntinneach aig Loidse a' Chaoil, gu h-àraidh leis an dlùth-cheangal a bh' aca ris a' Chabhlach Rìoghail tro chogaidhean mòra na 20mh Linne. Tha Pàdraig MacAmhlaidh ag aithris às a' Chaol.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Tha iad air a moladh agus tha iad air malachadh, ach tha aon cinnteach, tha Saor-Chlachaireachd slàn fallain ann an iomadh baile beag Gàidhealach. Bha a-riamh cliù aig Saor-Chlachairean airson carthannas agus tha Loidse a' Chaoil moiteil às na tha i fhèin a’ dèanamh dhan fheadhainn a tha feumach.

[Eanraig MacAonghais] Tha i uabhasach cudromach sa choimhearsnachd a chionn ma bhios coinneamh aca, bidh iad a’ trusadh airgead agus bidh iad an uair sin a’ toirt an airgid sin a-mach airson daoine nach eil cho math dheth ‘s a tha iad fhèin. Mar eisimpleir, an-uiridh thug iad còig ceud not gu Crossroads Care ann an Caol Acainn agus thug iad còig ceud not do Nursaichean Mhic a’ Mhaoilein anns a’ Chaol anns an seo fhèin. Agus a barrachd air an sin, bidh iad a’ toirt airgead thall ‘s a bhos do charthannas is rudan mar sin cuideachd.

[Ronnie Miller] What we do is helping people. That can be in a tangible way by direct aid. In other words, money, or it can be by supporting people who need support. We also offer something that people can participate in. It’s very difficult to explain what freemasonry is until you’re a part of it, but the fraternal aspect of it, being with other people rather than sitting at home watching TV or videos.

[Pàdraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Ged a bha mòran do bhuill na Loidse air falbh tron Dàrna Cogadh, ‘s ann a thàinig fàs air Loidse a' Chaoil aig an àm sin. Bha sin air sgàth ‘s gur e Port den Chabhlach Rìoghail a bh’ anns a’ Chaol agus seo far am biodh seòladairean a’ dol dhan Loidse, seach gun robh iad air falbh bho na loidseachan aca fhèin.

[Pàdraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Seo cumhaichean a fhuair Loidse a’ Chaoil bho chriutha soithich a bha an-sàs ann an obair dhìomhair eadar Innis Tìle agus na h-Eileanan Fàrothach.

[Eanraig MacAonghais] Bha i a’ cur sìos mèinnichean agus bha na seòladairean a bh’ oirre, bha iad a’ cleachdadh na loidse a bha seo agus mar chuimhneachan oirre dh’ fhàg iad an phìos fiodh an sin leis na chuir iad plaque oirre. Agus is ann mar chuimhneachan air an t-soitheach a bha sin.

[Pàdraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Chan ann tric a tha camara telebhisein a’ faighinn a-steach do Loidse Shaor-Chlachairean, a’ fàgail gu bheil cuid amharasach mun dìomhaireachd a tha a’ cuairteachadh gnothaich. Ach canaidh Saor-Chlachairean gur e maitheas a’ bhunait a th’ aca.

[Eanraig MacAonghais] A dh’ aindeoin tha daoine a’ smaoineachadh. ‘S ann air a’ Bhìoball, tha a h-uile càil a tha stèidhichte mu dheidhinn nan Clachairean. Tha am Bìoball fosgailte aig a h-uile coinneamh a th’ againne agus nuair a tha sinn a’ dèanamh càil ‘s ann air a’ Bhìoball a tha a h-uile càil air a dhèanadh.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Padraig MacAmhlaidh, BBC An Là, Caol Loch Aillse.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!