FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The work of Naomi Mitchison is celebrated in Carradale Obair Naomi Mhitchison a chomharrachadh ann an Carradal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Obair Naomi Mhitchison a chomharrachadh ann an Carradal

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, chaidh obair na bana-sgrìobhaiche Naomi Mhitchison a chomharrachadh aig tachartas ann an Carradal ann an Cinn Tìre aig an deireadh-sheachdain. Bha i gu mòr a’ strì airson ceartas sòisealta agus còireachan bhoireannach. Chaidh taisbeanadh fhoillseachadh aig an tachartas cuideachd ‘s thathar am beachd a thoirt timcheall sgìre Earra-Ghàidheil, bha Andrea Wolff an-làthair.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thàinig sluagh mòr gu baile beag Charradal air taobh sear Chinn Tìre air an deireadh-sheachdain. Bhathar a’ comharrachadh seachdad ‘s a còig bliadhna bhon a cheannaich an sgrìobhaiche Naomi Mhitchison an taigh mòr sa bhaile. Bha i cuideachd ag obair airson ceartas sòisealta agus bha i an-sàs gus talla a’ bhaile a thogail. Is coltach gun robh muinntir an àite agus an teaghlach aice gu math measail oirre.

[Neil Mitchison] Bha ise mar Charraig nan Àl mar a chanas iad, cha robh i ag atharrachadh idir. Bha i làn bheatha, làn bheachdan, uabhasach math air èisteachd, uabhasach math air. Bhiodh i uaireannan a’ faighinn faisg air daoine, mar a thuirt mi a-nochd, falbh còmhla rithe air turas trèan agus mus ruigeadh an trèan an ceann thall, ‘s ann a bhiodh tu air eachdraidh-beatha fhaighinn bho dhithis eile sa carraidse còmhla riut a h-uile teans gum biodh e an bheatha sin a’ nochdadh ann an leabhar aice-se an ath bhliadhna, no a’ bhliadhna às dèidh sin.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh an taisbeanadh a chur ri chèile mu bheatha agus obair Naomi. Ged a bha cuid de na beachdan aice adhartach, tha e coltach gun robh i cuideachd measail air traidisean.

[Naomi Mitchison] Bha rudan ann mu dheidhinn beatha anns an taigh a bha uabhasach traidiseanta, can, dìnnear mòr far nach robh a’ chlann no coin ann, ach aig an aon àm, bha i uabhasach fosgailte, bhiodh daoine a’ tighinn a-steach fad na h-ùine, bhiodh rudan a’ dol le ise a’ dèanamh barbeques agus a’ dol a-mach air chuairt agus b’ aithne dhith a h-uile duine anns a’ bhaile agus b’ aithne dhaibhsan ise cuideachd. Anns an dòigh sin, bha i uabhasach fosgailte.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh bàrdachd a sgrìobh Naomi a chur air an àrd-ùrlar air an oidhche.

[Pamela Gilbraith] We could learn a lot about the things she wrote a long time ago, which actually face us now about Carradale is actually a declining population, an elderly population. Our young people are going, just as she said, in some of the novels. She warned us this would happen if we didn’t look to our industry, manufacturing things becoming more sustainable, so you know, I think she was well ahead of her time and we should listen to her now and read her literature.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn sa bhaile fad seachdain mus tèid e air chuairt tro Earra-Ghàidheal agus Alba air fad. Andreas Wolff, BBC An Là, Carradal.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!