FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Future developments for the A9 Leasachaidhean a tha anns an amharc airson an A9

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Leasachaidhean a tha anns an amharc airson an A9

[Màiri Rodgers - Presentair] Rinn taisbeanadh a shlighe a-nuas an A9 a dh’Inbhir Nis an-diugh airson soilleireachadh a thoirt do dhaoine mun leasachadh a tha san amharc airson an rathaid. Thèid coinneamhan a chumail ann an diofar sgìrean airson na planaichean gus an rathad air fad a dhèanamh dà-fhillte a shealltainn ann am barrachd doimhneachd. Tha iad cuideachd airson beachdan a’ phobaill a thrusadh. Tha an aithris seo aig Iain MacAonghais.

[Iain MacAonghais – Neach aithris] ’S e aon dhe na ròidean as fhaide ann an Alba a th’ anns an A9. Mar chnàimh-droma na dùthcha, a’ siubhal faisg air trì cheud mile eadar Dùn Bhlàthain agus Inbhir Theòrsa. Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun deagh obair mhòr a dhèanamh air, ann an iomairtean rathaid a dhèanamh dà-fhillte air fad ron bhliadhna mhìle ‘s a còig air fhichead. Tha fhios gum bi gu leòr agaibh eòlach air an rathad a tha seo – an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt. Agus tha fhios gum bi e cuideachd a’ cur gu leòr a dhaoine às an ciall. Cho luath ‘s a tha thu air rathad a tha aon-fhillte, tha e doirbh, doirbh a bhith a’ faighinn seachad air daoine a tha a’ dol nas slaodaiche na tha sibh fhèin. Ach fiù ‘s nuair a tha thu air rathad dà-fhillte, chan fhada idir a mhaireas e, agus ‘s e sin a tha a’ fàgail gu bheil mòran dhen bheachd gu bheil e deatamach gun tèid an obair-leasachaidh seo a dhèanamh.

[Tormod MacLeòid] Tha sinn a’ faicinn a-nise gu bheil làraidhean mòra air an rathad, fad na h-ùine, agus tha e uabhasach doirbh faighinn seachad orra. ‘s e ‘platooning’ a th’ aca air a-nise far a bheil aon fhear air chùl an fhir eile. Agus nuair a thig thu gu overtake lanes, chan urrainn dhut ach trì fichead mìle san uair a dhèanamh airson faighinn seachad orra. Tha làraidhean ga do bhlocadh dheth gus an tig deireadh an lane agus mar sin, tha seo a’ fàgail daoine, tha mi a’ smaoineachadh, an-fhoiseil.

[Iain MacAonghais – Neach aithris] Tha coinneamhan na seachdain-sa ag amas air cothrom a thoirt do dhaoine ann am bailtean air an t-slighe na planaichean fhaicinn ann an doimhneachd agus molaidhean no draghan a thogail le Buidheann Còmhdhail na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum bi buannachd ann an dà-chuid a thaobh an eaconomaidh agus a thaobh sàbhailteachd. Ach tha mòran de na tha a’ nochdadh anns an taisbeanadh a’ coimhead air a’ bhuaidh a dh’ fhaodadh a bhith aig an leasachadh air daoine agus gnìomhachasan na sgìre. A rèir a’ Bhuidheann Còmhdhail thèid èisteachd ri beachdan dhaoine

[Jo Blewitt – Transport Scotland] We very much hope to get a local view on things, you know, people who live and work in the corridor, people who use the road, who have to move around, all the time, where they see the different challenges are. How they use the route, you know, there might be aspects such as cycleways and walkways, that you know, that we haven’t picked up on at the moment that we want to know about. It’s that type of thing, really.

[Iain MacAonghais – Neach aithris] Chan eil teagamh gu bheil buannachd air a bhith ann do dhràibhearan ri linn leasachadh a chaidh a dhèanamh air an A9 a tha seo aig a’ Mhòigh, faisg air Baile Inbhir Nis. Ach ‘s e tha Buidheann-Chòmhdhail na h-Alba a-nise ag iarraidh ged-tà, ach beachdan dhaoine air na leasachaidhean a tha anns an amharc. Iain MacAonghais. BBC An Là, air an A9, faisg air baile Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!