FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new Gaelic translation service Seirbheis eadar-theangachaidh ùr Ghàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Seirbheis eadar-theangachaidh ùr Ghàidhlig

Màiri Rodgers - Preseantair] Dh’fhaodadh airgead mòr a chaomhnadh le seirbheis eadar-theangachaidh ùr Ghàidhlig. Chaidh siostam TòMaS a chruthachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus iad den bheachd gum faodadh an cànan atharrachadh gu mòr a rèir bha ag eadar-theangachadh. A-nis ged-tà, tha dòchas ann nach ann mar sin a bhios cùisean. Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Mòrag NicIlleathain a’ cur an nobhail aig Mìcheal Morpugo sa Ghàidhlig aice fhèin. Le luchd-eadar-theangachaidh bho Leòdhas gu Lodainn, chan eil rian ann, ach gum bi eadar-dhealachadh ann an dòighean sgrìobhaidh. A-nise, tha dòchas ann nach tachair sin, ‘s e TòMaS, no Translation Memory Service an t-ainm a th’air – a’ chiad sheirbheis de sheòrsa anns a’ Ghàidhlig

[Ruairidh MacAoidh - OGE] Tha an seirbheis air-loidhne. Tha mi an dòchas gum faigh sinn eadar-theangairean is buidhnean poblach airson seo a chleachdadh – airson cinnt a dhèanamh nach eil sinn dìreach ag eadar-theangachadh an aon rud, bliadhna as dèidh bliadhna. Mar sin, tha dùil againn, gum b’urrainn dhuinn na seann eadar-theangaichean a chleachdadh a-rithist ‘s a-rithist.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an t-seirbheis ag obair san aon dòigh ‘s a tha fòn-làimhe. Cumaidh e na faclan agus na h-abairtean a tha luchd-eadar-theangachaidh a’ cleachdadh agus air a chleachdadh. Le sin, cuiridh e Gàidhlig air na h-abairtean a dh’aithnicheas e – rud a shàbhaileas tìde do luchd-eadar-theangachaidh.

[Mòrag NicIlleathain – Eadar-theangair] ‘S tha dùil agam a chleachdadh a-rithist airson rud a tha mi an ìmpis tòiseachadh air far am bi cnapan den aon rud anns na faidhlichean. Tha e freagarrach airson sin, ach aig an aon àm, tha mi a’ cur Gàidhlig air nobhail le Morpurgo agus cha chleachdainn e airson sin. Aig an ìre seo, cha bhiodh e freagarrach airson leithid sin.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chosg an goireas ùr deich air fhichead mìle not. Tha an fheadhainn air a chùlaibh ag ràdh ged-tà gum faodadh buidhnean poblach a dh’fheumas planaichean Gàidhlig a chur air dòigh airgead mòr a chaomhnadh. Ach a bheil sin a’ ciallachadh gur ann air an luchd-eadar-theangachaidh a dhùnadh an doras?

[Ruairidh MacAoidh - OGE] Bidh barrachd ùine aca airson barrachd obrach a dhèanamh. Le seo, air sgàth ‘s gum bi barrachd chompanaidhean a’ tighinn air bhòrd, tha sin a’ ciallachadh gum bi barrachd obrach ann agus mar a tha - a thaobh amasan nam planaichean Gàidhlig, tha feum aig na companaidhean poblach air barrachd fhoillseachan Gàidhlig a chur air dòigh. Mar sin tha dùil ann gum bi barrachd obrach ann gu sònraichte leis na buidhnean ùra a tha a’ tighinn air bòrd cuideachd.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Eileen NicDhòmhnaill. BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!