FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sea-Eagles in Mull Iolairean mara ann am Muile

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Iolairean mara ann am Muile

[Andreas Wolff – Neach-aithris] ‘S e eòin shònraichte a th’ anns na h-iolairean mara agus mheatair gu leth eadar ceann nan sgiathan aca. An-diugh tha feadhainn dhiubh air tighinn beò a-rithist ann am Muile.

[Emily Edwards – Dualchas Nàdair na h-Alba] Uill, chaidh iolairean mara à bith ann an Alba ann an naoi ceud deug agus a h-ochd-deug agus bha sin air sgàth ‘s geur-leanmhainn le daoine agus air sgàth ‘s gun do chaill iad cuid de na h-àrainnean aca le daoine a bhith a’ leagail chraobhan agus a’ drèanadh na talmhainn. Ach anns na seachdadan chaidh prògram ùr a chur air dòigh gus iolairean mara a thoirt air ais a dh’Alba agus ann am Muile, chaidh na ciad iseanan a leigeil ma sgaoil anns na h-ochdadan. Bhon uair sin, tha iad beag air bheag air a bhith soirbheachadh ann am Muile.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh buidheann a stèidheachadh a bhios a’ toirt luchd-turais gus coimhead air na h-iolairean ann am Muile. Thathar a’ tomhais gu bheil iad a’ cur còig millean not ri eaconamaidh na sgìre gach bliadhna.

[Debby Thorn – Mull Eagle Watch] They get to actually see, at close quarters, a white-tailed eagle family - the adults bringing up a pair of chicks, right through to fledgling. And it’s not just the white-tailed eagles, they’re seeing other wildlife as well. We can show them golden eagles, hen harriers, and mammals that are around. It’s that whole experience.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Gu mì-fhortanach, chan eil e coltach gu bheil na h-iolairean mun cuairt an-diugh, ach a rèir na buidhne a bhios a’ cur nan tursan seo air dòigh, ‘s iad an aon àite air an t-saoghal far am faodar coimhead air iolairean dhen t-seòrsa gu poblach agus a-niste, ‘s iad an dàrna àite a fhuair duais còig rionnagan bho VisitScotland airson tursan a tha a’ coimhead air fiadh-bheatha ann an Alba. Tha gearanan air a bhith aig cuid de thuathanaich mu na h-eòin ach, a rèir choltais, fhuair a’ choimhearsnachd suas ri deich mìle not bhon bhuidhinn seo sa bhliadhna.

[Deedra Chase – Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich] Fhuair an còisir airgead bhuapa airson taic a chur thugainn a dhol sìos chun a’ Mhòid agus rudan mar seo. Tha sin uabhasach math agus faodaidh buidheann sam bith sa choimhearsnachd cuir a-steach airson taic le pròiseact is rud sam bith a tha iad ag iarraidh.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Ged nach eil na h-iolairean an-còmhnaidh aig an taigh, bidh cuideigin eile mun cuairt gus fàilte a chur air an luchd-turais. Andreas Wolff, BBC An Là, Muile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!