FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The roads are quiet but the birds aren’t! Tha na rathaidean sàmhach ach chan eil na h-eòin!

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Tha na rathaidean sàmhach ach chan eil na h-eòin!

[Meghan] Is mise Meghan, tha mi aig an taigh agam ann an Blackbridge an-dràsta, ach b’ àbhaist dhomh a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha mi air a’ chùrsa T.BH. So tha mi an-dràsta dìreach a’ cur crìoch air na bh’ agam ri dhèanamh airson a’ chùrsa seo an seo aig an taigh.

[Meghan] Ach a bharrachd air seo, tha mi cuideachd air a bhith a’ cumail sùil air na h-eòin a tha mun cuairt orm.

[Meghan] Chan e birdwatcher a th’ annam mar as àbhaist, ach tha mi air a bhith a’ mothachadh gu bheil cus a bharrachd ri chluinntinn an-dràsta agus gu h-àraidh na fuaimean aig cuckoos agus chan eil iadsan uabhasach cumanta an seo mar as àbhaist.

[Meghan] Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil seo ’s dòcha air sgàth ’s gu bheil na rathaidean gu math sàmhach an-dràsta.

[Meghan] An àite na neadan aca fhèin a thogail, tha cuckoos a’ cleachdadh nan neadan a rinn eòin eile [Meghan] agus tha e coltach gu bheil sin a tha a’ tachairt anns na craobhan a tha seo.

[Meghan] Tha e coltach gum bi cùisean sàmhach airson ùine fhathast agus mar sin ‘s dòcha gum bi barrachd eòin a’ tighinn a chèilidh orm.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!