FaclairDictionary EnglishGàidhlig

In search of cockles An tòir srùbain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Seòid a’ Chidsin Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Seòid a’ Chidsin

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

An tòir srùbain

[Ruaraidh] ’S bha astar againn ri dhol mus fhaigh sinn dha na srùbain, eh? An e obair chruaidh a th’ ann an taca ri bhith ag obair air na faochagan?

[Doonie] An taca ri bhith ag obair air na faochagan tha mi a’ creidsinn dìreach gu bheil e car mun an aon rud. Tha thu crom gu math, a’ chuid mhòr den latha. Tha seo gu math tlachdmhor, a bhith a-muigh air an tràigh air latha brèagha. Nuair a tha latha brèagha ann!

[Ruaraidh] Aidh.

[Doonie] Bidh làthaichean ann nach bi buileach cho math ris seo an-diugh.

[Ùisdean] Chan eil a h-uile latha mar an latha an-diugh.

[Doonie] Chan eil a h-uile latha mar an latha an-diugh.

[Ruaraidh] Agus na srùbain a bhios sibh a’ faighinn an seo, càite am bi iad a’ dol?

[Doonie] Tha dhan Spàinn, an fheadhainn a bhios mise a’ faighinn. Bidh na làraidhs a’ tighinn a-steach a h-uile seachdain ’s tha iad gan toirt leotha beò gus am bi iad beò a’ ruighinn air a’ mhargaidh anns an Spàinn.

[Ruaraidh] Cha tèid an fheadhainn seo seachad air Borgh Mòr.

[Doonie] Ò uill, ’s ann an sin a bu chòir gu leòr aca a bhith a’ dol nam biodh daoine ann an seo a bhiodh gan ceannach.

[Doonie] Cha bhi mise ach a’ deanamh suas leis an ràcan suas faisg air ’s an uair sin nuair a dhèanadh tu sgrìob ...

[Ruaraidh] Aidh.

[Doonie] ... an uair sin gan togail.

[Ruaraidh] Dè cho fad ’s a bhios sibh a-muigh an seo mar as trice?

[Doonie] Dh’fhaodadh tu a bhith ann gus an cuireadh an làn às thu.

[Ruaraidh] Aidh.

[Doonie] Dìreach a’ leantainn an làin a-mach. Tha thu ag obair anns an uisge ’s tha e nas fhasa. Tha e nas ghlaine. Tha na srùbain nas ghlaine. Feumaidh tu uaireannan tìde a chur seachad dìreach gan lorg. Gus am faigh thu ...

[Ruaraidh] Gus am faigh thu àite far an robh iad?

[Doonie] Seadh. Cha d’ fhuair sinn ann an sin fhathast.

[Ruaraidh] Chan eil sin dìreach buileach dona.

[Ùisdean] Bha mise fair ag iarraidh làn mo dhùirn mar sin a’ cantain ris. Làn dà dhùirn no rudeigin mar sin.

[Ruaraidh] Aidh. Nam faighinnsa punnd bhithinn gu math toilichte.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil gu leòr againn ann an sin a-nis. Tha e cho math an fhàgai leis an ràcan a-nis.

[Doonie] Ò uill fhuair thu gu leòr.

[Ruaraidh] Mòran taing airson sin.

[Doonie] Tapadh leibh fhèin.

[Ùisdean] Tapadh leat, a dhuine.

[Doonie] Tha mi an dòchas gun còrd iad ribh.

Chaidh am prògram seo, Seòid a’ Chidsin, a chraoladh an toiseach ann an 2017.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!