FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eilidh’s decisions to be vegan Co-dhùnaidhean Eilidh airson a bhith na vegan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrudaire. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgudaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Co-dhùnaidhean Eilidh airson a bhith na vegan

[Ruairidh Alasdair] Tha mi a’ falbh air cheilidh ri Eilidh, a dh’atharraich i gu bhith na vegan an-uiridh. Tha mi airson faighneachd dhith carson thàinig i dhan cho-dhùnadh seo.

[Ruairidh Alasdair] Dè na h-adhbharan as cudromaiche dhutsa, airson a bhith nad vegan?

[Eilidh] Uill tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e… Uill, tha e a’ toirt cron air beathaichean a gan ithe. Chan eil mi a’ mi a’ smaointinn gu bheil sin ceart. Agus cuideachd, nuair a tha thu a’ coimhead a-steach dha, ’s nuair a thu a’ dèanamh an rannsachadh agad, tha thu a’ faighinn a-mach gur e an rud ceart a th’ ann, agus gu bheil e math dhut, agus gu bheil e tòrr nas fallain mar nach eil thu ag ithe feòil no càil sam bith mar sin.

[Ruairidh Alasdair] A bheil thu a’ smaointinn gu bheil veganism a fàs nas cumanta gu h-àraid am measg daoine òga mar eisimpleir?

[Eilidh] Tha gu dearbh. Dhòmhsa gu pearsanta, tha… tha mu chòig de na càraidean agam a-nis air an tionndadh nan vegans neo vegetarian co-dhiù. Tha tòrr dhaoine a’ stad ag ithe feòil. Tha barrachd ’s barrachd dhaoine a’ mothachadh nach eil e ceart.

[Ruairidh Alasdair] Dè a-nis a bha do theaghlach a’ smaointinn nuair a thuirt thu riutha airson a’ chiad uair “tha mi a’ dol a bhith nam vegan”?

[Eilidh] Bha iad uile a’ magadh orm, agus a’ cantainn “oh, cha bhi thu, cha bhi thu a cumail ris. Bhiodh thu ga toirt às, às dèidh mar mhìos” no rudeigin mar sin. Ach, cùm mi leis, agus tha mi toilichte le sin.

[Ruairidh Alasdair] Shin thu nis bliadhna an dèidh làimh, tha thu fhathast an seo o chionn ’s gu bheil rudeigin a’ dol gu math.

[Ruairidh Alasdair] An e cuspair a th’ ann an veganism, a tha thu a’ smaointinn a tha connspaideach ann an dòigh sam bith. Am bi daoine ag argamaid mun seo.

[Eilidh] Gu dearbha. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil droch ainm aige. Bidh daoine, nuair a tha thu a’ cantainn “Oh, tha mi nam vegan”, bidh daoine dìreach mar “Oh, vegan! Tha feum agad a’ cantainn sin rium.” Ach chan eil e mar sin idir. Tha tòrr dhaoine a tha vegan, tha iad dìreach mar daoine àbhaisteach.

[Ruairidh Alasdair] Dè a-nis a chanadh tu ri daoine tha ’s dòcha a’ mhòr-cuid a’ magadh mach a bhith veganaich.

[Eilidh] Dìreach chanain riutha, tha feum agad a dhèanamh an rannsachadh agad. Nuair a tha thu a’ coimhead a-steach dha, agus a’ faighinn a-mach, dè tha veganism a’ ciallachadh gu ceart, tha thu a’ mothachadh gur e rud math a th’ ann agus gur e an rud ceart a th’ ann ri dhèanamh.

Chaidh am prògram seo, An Sgrudaire, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!