FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Three new words Trì faclan ùra

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Trì faclan ùra

[Ùisdean] Uill tha sinn uile eòlach gu leòr ma-thà air faclan ùra ann an Gàidhlig cuideachd eadar GOC, Stòr-Dàta, Am Faclair Beag, Am Faclair Mòr agus Am Faclair Meadhanach. Nì sinn ar dìcheall ur cuideachadh ma-thà anns an t-suidheachadh sin anns a’ chuairt a tha seo. ’S dòcha co-dhiù, agus chì sinn cò as luaithe air na buzzers. Nis, am fuaim a th’ agaibhse, a Mhàiri Anna, air an taobh sin.

[Ùisdean] Sin agaibh an ròn Bheàrnaraigh. Agus air an taobh seo?

[Ùisdean] Anna, an dèan thu a-mach dè tha sin?

[Anna] Dè tha sin?

[Coinneach] An traon.

[Iain] An traon.

[Anna] An traon.

[Ùisdean] An traon. Traon. Puing do Choinneach.

[Iain] Ò thalla!

[Ùisdean] Bheir mi puing do Choinneach airson an traoin. Sin mar a tha e ma-thà. Dà phuing airson gach freagairt a tha ceart. Bonus ann an siud ’s ann an seo mar a roghainn mi agus ma tha na freagairtean ceàrr cuiridh mi a-null chun taobh eile e.

[Coinneach] Tha thu a’ coimhead math, Uisdein ...

[Ùisdean] Seo a-nis a’ chiad fhacal. Buailibh air na buzzers. “Tuaileas”. Dè tha am facal seo a’ ciallachadh? “Tuaileas”. A Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] Tha e rudeigin coltach ri “faileas” ach ann am briathran. Sgeulachd nach eil buileach ceart ach ’s dòcha gu bheil i a’ comharrachadh rudeigin eile.

[Ùisdean] Uill ....

[Màiri Anna] A’ samhlachadh rudeigin eile.

[Ùisdean] Ann an dòigh ’s e ’s ann an dòigh eile chan e. An taobh seo.

[Iain] “Tuaileas”. Tha ise dìreach a’ bruthadh an rud dh’aona-ghnothaich ach am faigh i barrachd ùine smaoineachadh mu dheidhinn.

[Ùisdean] Tha e ag obair dhi.

[Iain] “Tuaileas”.

[Coinneach] Gabh mo leisgeul, fhear na cathraiche, bhuail ise e ’s fhuair iadsan barrachd ùine.

[Ùisdean] À seadh ach bha i ceàrr ge-tà.

[Màiri Anna] Chan eil mi buileach ...

[Ùisdean] Uill tha ceangal aige ris an lagh.

[Iain] À seadh.

[Ùisdean] “À seadh”, “à seadh” ’s tha e a’ fàilligeadh ort.

[Iain] Tha e a’ fàilligeadh ...

[Ùisdean] Uill ’s e “slander” agus “liabel” a th’ ann.

[Màiri Anna] Nach e sin a thuirt mi?

[Iain] ’S e sin a thuirt i gu ìre.

[Màiri Anna] Ò tapadh leatsa, Iain.

[Ùisdean] Seach gu bheil thu cho dìcheallach, aon phuing do Mhàiri Anna. Seo a-nis an ath-fhacal. Feuchaibh na buzzers. An dàrna facal. “Sguabair-dheoghail”. “Sguabair-dheoghail”. Nam biodh tu a’ cleachdadh sin ...

[Ùisdean] ’S e an ròn a bh’ ann ged a theab Iain Anna a bhathadh an siud. A Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] Fhios agad, ’s e inneal ùr teicnigeach a tha seo ...

[Ùisdean] Inneal a th’ ann.

[Màiri Anna] ... a tha iad a’ cleachdadh ann an dairy farming ...

[Ùisdean] Ò chan e, chan e.

[Màiri Anna] ... nuair a tha iad a’ cur na laoigh òga bho na màthraichean agus a’ càirteadh na bàthachadh.

[Ùisdean] ’S e inneal a th’ ann gun teagamh.

[Coinneach] Bha dùil agamsa, a dh’innse na fìrinn, ...

[Ùisdean] Fhuair sibh cothrom, a Choinnich.

[Coinneach] Gabh mo leisgeul.

[Iain] Tha fios gur e rud leis gum bi thu a’ glanadh a’ bhrat-ùrlar a th’ ann.

[Ùisdean] Seadh. Cuir facal air.

[Iain] Uill “vacuum cleaner”.

[Ùisdean] “Vacuum”. “Vacuum”. “Hoover”.

[Iain] “Hoover”. ’S ann a-nis a tha thu ri sanasachd. Tha feadhainn eile ann.

[Ùisdean] Aon phuing do dh’Iain. “Vacuum cleaner”, “ vacuum cleaner” a bh’ ann. An treas facal a-nis. Seo an ath-fhear. Feuchaibh na buzzers. An ath-fhacal “cluaiseag”. “Cluaiseag”.

[Coinneach] Ò tha Màiri Anna math air an seo.

[Ùisdean] Tha an ròn math.

[Coinneach] Tha an ròn math.

[Màiri Anna] Fhios agad gum faca mi iad cho tric. Fhios agad na “cluaiseagan” bidh iad air Coinneach nuair a bhios e a’ craoladh air an rèidio ach an cluinn e daoine eile.

[Ùisdean] Headphones?

[Màiri Anna] Uh huh.

[Ùisdean] Chan e.

[Ùisdean] Chun taobh eile. Chan e “headphones” idir a th’ ann. “Cluaiseag”.

[Iain] An e rud air fòn, an e?

[Ùisdean] Coimpiutair. Rudeigin air coimpiutair.

[Iain] Rudeigin air coimpiutair.

[Ùisdean] Ò tha e a’ dol a dh’fhàilligeadh oirbh. “Tab”, “ tab”. “Tab” air coimpiutair.

[Coinneach] Càite am bi thu a’ faighinn sin ann?

[Iain] Cò às a thàinig am facal sin?

[Ùisdean] Às an fhaclair. “Cluaiseag”.

[Coinneach] Ach càite am bi thu a’ faighinn sin air coimpiutair?

[Màiri Anna] Badeigin ...

[Anna] Bidh thu ga fhosgladh ...

[Ùisdean] Lorgaidh sinn e nuair a thèid sinn dhachaigh, a Choinnich.

[Anna] Duilleag.

[Ùisdean] Aig deireadh sin tha a dhà aig an taobh seo aig Màiri Anna agus Coinneach, agus chan eil agaibhse ach aonan an turas sin. Iain agus Anna, aonan. Chan eil sibh ro fhada bho chèile ge-tà uair sam bith.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2013.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!