FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sarah enjoyed this prehistoric book Leabhar ro-eachdraidheil a chòrd ri Sarah NicEachainn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar ro-eachdraidheil a chòrd ri Sarah NicEachainn

[Anna] ’S mar sin dheth cha robh, chan eil ùidh air a bhith agadsa ann a bhith a’ leughadh sci-fi. Dè seòrsa rud nuair a bha thu ag èirigh suas, dè bhitheadh tu a’ leughadh? No dè seòrsa cur-seachad a bh’ agad nuair a bha thu ag èirigh suas?

[Sarah] Tha mi a smaointinn nuair a, na leabhraichean a bhithinn a’ leughadh caran nuair a thòisich mi air leabhraichean mar sin a leughadh an toiseach, bhithinn a leughadh Nancy Drew ’s feadhainn den t-seòrsa sin.

[Anna] Cò againn nach bitheadh?

[Sarah] Uill sin an rud! Tha sin caran tràth san àrd-sgoil tha mi a’ creidsinn no ceann shuas na bun-sgoile a bhithinn a’ leughadh nan leabhraichean sin, agus an uair sin caran chan eil fhios a’m an e gluasad air falbh bho leughadh a rinn mi airson greis ach tha mi a-nis aig an ìre far an leugh mi, togaidh mi leabhar sam bith, fhios agad, ’s feuchaidh mi. Chì mi an còrd e rium ’s an dèidh caibideil no dhà bidh fios a’m co-dhiù a bheil mi air faighinn a-steach air gus nach eil.

[Anna] ’S mur am biodh tu a’ leughadh nuair a bha thu òg, dè an còrr a bhiodh tu a’ dèanamh?

[Sarah] Uill tha mi cinnteach mar a bha a h-uile òganach eile aig an àm, bhithinn a’ coimhead telebhisean ’s bhithinn, bha mi an lùib buidhinn dràma ’s bha ...

[Anna] Innis dhomh mar a chaidh thu an sàs anns an dràma.

[Sarah] Nuair a bhiodh na fèisean a’ dol, bha mi an lùib nam fèisean nuair a bha mi sa bhun-sgoil agus bhithinn a’ dèanamh dràma ann an sin. Chan eil lùth-ciùil no seinn no sìon dhe sin annam ’s mar sin far ...

[Anna] Cuiridh mi geall gu bheil!

[Sarah] ... ’s ann gu dràma a chaidh, fhios agad, a chaidh mo stiùireadh mar gum biodh. ’S caran thog mi, bha mi a-riamh a’ gabhail ris gur e an rud a bu choireach gun robh daoine a’ smaointinn gun robh mi cho math air dràma, gu bheil guth làidir agam agus deagh Ghàidhlig a bha gam stiùireadh an taobh sin.

[Anna] Uill tha an dà rud feumail, nach eil?

[Sarah] Tha an dà rud gu math feumail, cinnteach gu leòr, ach co-dhiù tha mi fhathast an sàs ann an dràma. Nis tha mi ann an Sgioba Dràma Uibhist aig an taigh so lean sin rè nam bliadhnaichean. Bha mi an lùib sgioba nuair a bha mi ann an Inbhir Nis.

[Anna] Innis dhomh mun sgioba dràma an-dràsta anns a bheil thu. Tha sibh air a bhith gu math soirbheachail.

[Sarah] Tha sinn a’ dèanamh glè mhath. Nuair a thill mi air ais a dh’Uibhist, uill tha mi cinnteach gu bheil mi às dèidh a bhith an sàs ann an Sgioba Dràma Uibhist bho chionn ochd bliadhna no mar sin, ’s tha sinn a’ dèanamh dealbh-chluich a h-uile bliadhna. Tha sinn ag amas air a dhol chun a’ Mhòid. Diofar chuspairean. Gu math tric ’s e comadaidh. Tha sinn a’ faireachdainn gu bheil comadaidh, tha e a’ tighinn tarsaing nas fheàrr air an àrd-ùrlar agus ...

[Anna] Tha mi a’ creid gu bheil daoine nas dualtaiche a dhol a choimhead comadaidh. ’S fheàirrde daoine gàire.

[Sarah]’S fheàirrde daoine gàire gu dearbh agus gu dearbh fhèin tha iad ga fhaighinn againne, co-dhiù tha sinn a’ feuchainn ri chur annta gus nach eil!

[Anna] Agus bha thu cuideachd, rinn sibh dealbh-chluich mun Chiad Chogadh. Nise chan e comadaidh a tha sin.

[Sarah] Chan e, chan e ach mar a tha e, fhios agad, tha thu a’ faighinn, gheibh thu dìreach mionaid no dha, uill chan e mionaid no dhà, fhios agad, ach sealladh no dhà de Chomic Relief fiù ’s ann an rud trom. Agus cuideachd nuair a tha daoine cho eòlach air an sgioba againn a-nis chan eil e gu diofar dè an caractar a tha thu a’ cluich. Aon uair ’s gun coisich cuid againn a-mach air an stèidse tha luchd-amhairc a’ sracadh a’ gàireachdainn ort ’s tha iad an uair sin a’ tuigsinn nach eil còir aca.

[Anna] Feumaidh sibh rudeigin a liathadh. Ceart ma-thà, dè mu dheidhinn a’ chiad leabhar a thug thu a-steach dhuinn?

[Sarah] Uill ’s e a’ chiad fhear a thug mise a-steach ’s e am fear seo, The Clan of the Cave Bear le Jean M Auel.

[Anna] Cò mu dheidhinn a tha e?

[Sarah] Tha an leabhar mu dheidhinn nighinn òig aig còig bliadhna a dh’aois ann an ... ’S ann ann an àm ro-eachdraidh a tha an sgeulachd stèidhichte, so tha e prehistoric caran agus tha i air a toirt air falbh bhon teaghlach aice le crith-thalmhainn agus tha i air a fàgail leatha fhèin. Agus an uair sin tha i, tha treubh eile de dhaoine a’ tighinn seachad, fhios agad, tha iad ga faighinn agus tha iad ga gabhail thuca fhèin.

[Anna] ’S mar sin dheth ged a tha e stèidhichte ann an àm bho chionn fhad an t-saoghail tha na rudan air a bheil e a’ togail, tha iad a’ buntainn ri daoine an latha an-diugh. Mu dheidhinn sgaradh agus buntainneas.

[Sarah] Tha, tha e a’ bualadh air an sin. Cuideachd tha e gu math emotive, fhios agad, a thaobh mar a tha ... Bha mise nam dheugaire nuair a leugh mi e agus bha e a’ togail grunn chuspairean, fhios agad, ’s dòcha nach robh mi air smaoineachadh air roimhe. An leithid rud mar sin, fhios agad, duine beag a’ call a h-athar ’s a màthar.

[Anna] ’S a bheil thu a’ smaoineachadh seach gun robh thu aig an ìre a bha siud, bha thu nad dheugaire, gun robh thu ’s dòcha nas dualtaiche na faireachaidhean a tha sin a ghabhail gu do chridhe na bu chruaidhe?

[Sarah] Chan eil fhios a’m am b’ urrainn dhomh a ràdh, fhios agad, gun robh mi a’ faireachdainn buileach cho làidir sin mu dheidhinn ach gu dearbh ’s e a’ chiad leabhar mar a chì sibh tha ... ’s e leabhar mòr a th’ ann, dhòmhsa co-dhiù aig an aois ud.

[Anna] ’S tha sreath ann, nach eil?

[Sarah] Tha sreath ann, aidh. Tha mi a’ smaointinn gur e ceithir a tha san t-sreath. Earth's Children an t-ainm a th’ air an t-sreath.

[Anna] ’S leugh thu gu lèir iad?

[Sarah] Leugh mi gu lèir iad ach chan eil mòran de chuimhne a’m air càch idir, agus uill leugh mi co-dhiù a trì dhiubh. Chan eil fhios a’m an do leugh mi am fear mu dheireadh.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!