FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meaning of the word Ciall an fhacail

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ciall an fhacail

[Ùisdean] A’ chiad chuairt. Tha a h-uile duine a’ faighinn facal agus tha aca ri mìneachadh no ciall an fhacail sin a lìbhrigeadh dhomh. Tha aonan dhe na facail aig gach sgioba ged-thà fuadain. Feumaidh gach sgioba breithneachadh orra agus tuairmse a dhèanamh dè an fhìrinn. Tha cothrom aig gach sgioba an taobh eile a cheasnachadh, sin ma leigeas mise leotha, agus sgaoilidh mi puingean mar a thogras mi fhèin. Dà phuing gu cinnteach ma nì sgioba a-mach an fhìrinn. Agus, seo mar a nì mi sin - ma tha sibh ceart “Yay!”, tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a’ chùis, agus chan eil fhios’ am cò tha seo “Boo!”, ma tha sibh ceàrr, chan eil fhios’ am cò th’ ann, Iain. Tha mi amharasach gun cluinn sibhse ’s dòcha am fear sin

[Iain] Sin, gu math tric.

[Ùisdean] Gu math tric.

[Iain] ’S ann air an adhbhar sin a tha air ar taobh.

[Ùisdean] ’S ann. ’S i ceist ma-thà, cò tha ag innse na fìrinn, agus tha mi a’ dol gu Màiri-Anna airson a’ chiad fhacal a th’ againn.

[Màiri-Anna] Am facal a th’ agam, ’s e “uidhpear”

[Ùisdean] Uidhpear?

[Màiri-Anna] “Uidhpear”. Nist’, “uidhpear”, ’s e fear a th’ ann a tha e fhèin a’ smaoineachadh gu bheil e math air càil sam bith a dhèanamh, ged a b’ e saoirsneachd, peantadh an taighe is a’ sgeadachadh a h-uile càil dhen sin, ach chan eil. G’ e bith dè rud ris an cuir e a làmh, chan eil e ga thoirt gu buil gu snasail no gu ceart mar a mhiannachadh tu.

[Iain] An ann bhon fhacal “ùidh” a thàinig seo?

[Màiri-Anna] Chan ann, a chionn ’s chan eil ùidh idir anns an obair aige.

[Ùisdean] Tha mi a’ smaoineachadh, b’ fhiach Iain comharra. Tha sin gu math sgiobalta, Iain.

[Iain] Nam biodh ùidh aige ann…

[Màiri-Anna] Chan eil comharra aig Iain oir chan eil ciall eatorra idir, idir, idir. ‘S ana n tha sinn an amharas gu bheil e ceangailte ris an fhacal “oidhirp”, a chionn ’s e oidhirp-fhear a th’ ann, fhios a’d, nì e oidhirp, thèid e chun na mòine ’s feuchaidh e ri rùdhain a chur ri chèile.

[Iain] Ach fàgaidh e?

[Màiri-Anna] Tuitidh na fàdan ann an siud

[Angela] Luideach, caran, a bheil e luideach?

[Màiri-Anna]Luideach. Uh huh.

[Iain] Luideach na chuid obrach?

[Màiri-Anna] Ach na bharail fhèin, glan air an obair.

[Iain] Ò seadh, tha mi ga fhaicinn.

[Màiri-Anna] Na bharail fhèin fhios agad.

[Angela] Car mòr às fhèin.

[Màiri-Anna] Nì e a h-uile càil.

[Iain] Tha gu leòr den t-seòrsa timcheall!

[Ùisdean] Ann an Ìle.

[Iain] Uill, anns a h-uile h-àite, tha mi a’ smaointinn.

[Màiri-Anna] Chan eil ann ach oidhirp, chan eil càil ga thoirt gu buil mar bu chòir.

[Ùisdean] Angela? A bheil ceist agaibh?

[Angela] “Uidhpear”. Tha mi dìreach a’ smaointinn air an sin, ged-thà.

[Iain] An cuala thu riamh e?

[Angela] Cha ch uala, chan urrainn dhomh a ràdh gun cuala. An robh e agad fhèin an sin, am Beàrnaraigh, a Mhàiri-Anna?

[Màiri-Anna] Nise, cha robh agus tha mise an dùil gun robh rudeigin na b’ fhaide deas oirnn, gum biodh e agadsa ann am Beinn na Faoghla, ach ’s dòcha gun robh e na b’ fhaide, na b’fhaide gu deas.

[Angela] Uill, cha robh uidhpearan againn ann ged-thà! Cha robh daoine mar sin...

[Màiri-Anna] ’S dòcha gu bheil iad aca ann am Barraigh no Miùghalaigh.

[Iain] Gu dearbh, cha robh iad cho fada deas ri Ìle co-dhiù!

[Angela] Cha robh, cha robh daoine mar sin againn.

[Ùisdean] Sin do bharail-sa!

[Ùisdean] Ok, ma thà. Fàgaidh sinn sin. Fàgaidh sinn am facal a bh’ aig Màiri-Anna an-dràsta agus thèid sinn gu Dòmhnall, gu Rhyno, eh am facal a th’ agadsa, a Dhòmhnaill?

[Dòmhnall] “Brangaid”.

[Ùisdean] Brangaid”?

[Dòmhnall] Sin e. Chan e facal Niseach a tha seo, tha e a’ tighinn bho shuas Dùthaich MhicAoidh, shuas an taobh sin. Ach, ’s e “brangaid” a tha a’ tighinn bho ‘brang’, rud a bhiodh a’ cur mu bhus na bà agus uaireannan bhiodh sin air a dhèanamh le sìoman, is ròpa, airson bò gun leanadh i thu, nan robh i làidir sa cheann.

[Angela] An e seòrsa de srian a bh’ ann? Srian.

[Dòmhnall] Seòrsa de srian, ‘brang’, ach dh'fheumadh e, bha e a’ dol mun, mar gum b’ e, bus na bà, bhiodh uaireannan fiodh air a chur ann airson a theannachadh ’s e clagan a bhiodh aca, tha mi a’ smaoineachadh, an àite. Ach an uairsin, ghluais am facal gu bhith na “bhrangaid”, agus ’s e rud a th’ ann a th’ air a chur ri chèile la snàithean is rudan mar sin.

[Iain] Bha dùil ‘am gur e biadh mòr a bhiodh agad a’ chiad char sa mhadainn.

[Dòmhnall] Sin e. Uill, “brangaid mhòr uabhasach”, ’s e biadh a bhiodh ann nan robh e air a dhroch chur ri chèile, chanadh iad sin mu dheidhinn càr.

[Ùisdean] Chan e an aon rud ri ‘bangaid’ nas motha.

[Iain] Chan e... Bha uidhpear a rinn e…

[Ùisdean] Angela?

[Angela] Bha mise a’ dol a dh'fhaighneachd an e seòra de, fhios ‘ad, an aon rud ri, mar a chanadh iad am Beurla “brace”, mar gum biodh?

[Dòmhnall] Aidh, ’s e rud mar sin.

[Dòmhnall] Chan ann am broinn beul na bà, ach air an taobh a-muigh. ’S e sin e agus an uair sin nam biodh tu a’ bruidhinn mu dheidhinn seann chàr, no rudeigin, bhiodh e mar “brangaid”.

[Angela] ‘S e bangaid a tha sin ged-tà

[Ùisdean] Uill, ’s dòcha gur e ‘banger’ a th’ agadsa, uill ’s e ‘banger’ a th’ agadsa, an càr mu dheireadh a chunna mi agaibh. Co-dhiù, fàgaidh sinn sin ann an sin an-dràsta. ’S e dà fhacal “brangaid”, “brangaid”, nàdar de rud a bhiodh a’ dol mu bhus na bà, a bh’ aig Dòmhnall, agus “uidhpear”.

[Dòmhnall] Ach, an uair sin a’ gluasad gu bhith nar thràilleach.

[Iain] Dè do bheachd?

[Ùisdean] Agus inneal luideach a th’ ann ma-thà. Sin agus droch obraiche le barail gur e deagh obraiche a th’ ann, a bh’ aig Màiri-Anna. “Uidhpear”. Ceist ma-thà, cò aig a tha an fhìrinn?

[Angela] Tha sinn ag aontachadh.

[Iain] Tha sinn ag aontachadh le chèile gur ann aig Màiri-Anna an turas seo a tha an fhìrinn, agus chan ann tric sin!

[Angela] Màiri-Anna, tha, tha. Tha sinn aontaichte.

[Ùisdean] Màiri-Anna. Bheil sibh, a bheil sibh aontaichte? Tha sibh aontaichte?

[Iain] Tha sinn aontaichte.

[Ùisdean] A’ Mhàiri-Anna, an ann agad a tha an fhìrinn?

[Ùisdean] Ò! Glè mhath! Glè mhath. Mo bheannachd aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson...

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!