FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gilleasbuig’s precious book Leabhar prìseil aig Gilleasbuig

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar prìseil aig Gilleasbuig

[Anna] Fàilte, an toiseach a-nochd Gilleasbuig Fearghasdan. Bidh sibh eòlach air-san bhon obair a bhios e a’ dèanamh air telebhisean agus a thuilleadh air an sin bidh esan a’ ceannachd agus a’ reic seann leabhraichean à seada aig bonn a’ ghàrraidh. Fàilte ort, a Ghilleasbuig. Agus còmhla ris-san tha Catrìona NicRath a bhuineas do Ghabhsann an Eilean Leòdhais ach an-diugh a’ fuireach agus ag obair mar dhotair teaghlaich ann an Glaschu. Fàilte ortsa, a Chatrìona.

[Catrìona] Fàilte.

[Anna] Nis a bharrachd air a bhith a’ bruidhinn air na trì leabhraichean as fheàrr leotha, tha mi air iarraidh orra cuideachd aon dhiubh sin a mholadh do chàch a chèile a leughadh agus gheibh sinn a-mach mu na leabhraichean a tha sin nas fhaide air a’ phrògram. A’ tòiseachadh agadsa a Ghilleasbuig, bha thu ann an Nis airson bhliadhnaichean nuair a bha thu beag. Dè seòrsa saoghail a bh’ agad ann an Leòdhas?

[Gilleasbuig] Uill mar a thuirt tè rium nuair a chaidh mi a chèilidh ann an Nis o chionn goirid “’s math am bainne a fhuair thu”. Bha e math. ’S e àite … àite beòthail a bh’ ann an Nis nuair a bha mi beag. ’S dòcha nach eil uiread de shluagh ann an-diugh ach an uair sin bha tòrr dhaoine a’ fuireach ann agus bha a’ Ghàidhlig bitheanta. ’S i a bh’ aig a’ mhòr-chuid de dhaoine nuair a bha iad a-mach.

[Anna] Agus ’s e d’ athair a thug ann sibh.

[Gilleasbuig] ’S e. Bha m’ athair na mhinistear san Eaglais Stèidhichte ’s bha e an sin nuair a rugadh mise ann an seachdad ’s a còig agus bha sinn ann còig bliadhna gus an d’ fhuair e gairm a Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach agus mar sin ...

[Anna] Agus tha mi a’ creidsinn nuair a bha thu ann am mansa, ’s e àite trang a tha sin le daoine a-mach ’s a-steach.

[Gilleasbuig] Daoine a-mach ’s a-steach an-còmhnaidh. Daoine a’ tadhal, ministearan eile, daoine a’ tighinn a choimhead air m’ athair, èildearan, daoine a’ cèilidh an-còmhnaidh.

[Anna] Bhiodh e annasach uaireannan.

[Gilleasbuig] Bha. Tha cuimhne a’m bha Iain Paisley ann turas. Chan eil fhios a’m carson a bha e ann an Nis ach bha ministear, thug e Iain a chèilidh air m’ athair. Tha seòrsa de chuimhne agam air an cruitheachd mhòr a bha seo a’ nochdadh aig an doras.

[Anna] Duine mòr a bh’ ann.

[Gilleasbuig] Duine mòr.

[Anna] Nise, nuair a bha thu ag èirigh, nuair a bha thu a’ fàs suas, dè seòrsa rud a bhiodh tu a’ leughadh?

[Gilleasbuig] Uill an ùidh a bu mhotha a bh’ agamsa nuair a bha mi beag ’s e saoghal nàdair agus beathaichean dhen h-uile seòrsa agus tha mi a’ smaoineachainn gur e an rud, ’s e rud a bu mhotha a ghlac m’ aire nuair a bha mi beag ’s e, cha b’ e leabhar a bh’ ann idir ach cairtean a bha an Reader’s Digest a’ cur a-mach air an robh dealbhan den h-uile seòrsa creutair agus air a’ chùl bha fiosrachadh mu dheidhinn agus bha seòrsa de bhogsa plastaig anns an robh na cairtean seo –ceudan dhiubh – agus mas math mo chuimhne, bha mise air a h-uile gin dhiubh, bha fhios agam dè bh’ annta, bha mi air a h-uile fear ionnsachadh. ’S e sin an seòrsa party piece a bh’ agam – daoine a bhith a’ taghadh agus …

[Anna] “Dè am beathach a tha seo?”

[Gilleasbuig] … dh’innsinn dhaibh. Mar sin, agus lean sin rium fad làithean na sgoile agus gu h-àraidh bha ùidh agam ann an eòin, eunlaith. ’S e an cuspair a b’ fheàrr a chòrd rium nuair a bha mi san sgoil, agus mar sin lean mi orm ’s chaidh mi, rinn mi bith-eòlas, biology, anns an oilthigh ann an Obar Dheathain.

[Anna] ’S tha sinn a’ fuireach ann an Nis airson a’ chiad leabhair agadsa. ’S e leabhar sònraichte a th’ ann leat fhèin. Nach seall thu dhomh an leabhar ’s innis dhomh dè th’ ann.

[Gilleasbuig] Uill tha dà lethbhreac agam dheth an seo. ’S e “A’ suathadh ri iomadh rubha” le Aonghas Caimbeul - no “Am Puilean”, am far-ainm a bh’ air – agus ‘s e seo ’s dòcha an còmhdach as fheàrr as aithne do dhaoine a tha eòlach air an leabhar ach sin an aon rud mun leabhar nach do chòrd riumsa agus seach gu bheil mi ...

[Anna] Tha e gu math seann-fhasanta, nach eil? An seòrsa còmhdaich a tha sin.

[Gilleasbuig] Tha, còmhdach car … Chan aithne thu bhon chòmhdach cho prìseil ’s a tha an leabhar ach, agus tha e bog cuideachd. ’S fheàrr leamsa còmhdach cruaidh ’s chuir mi còmhdach cruaidh air an lethbhreac agam fhèin.

[Anna] Thu fhèin a rinn sin?

[Gilleasbuig] Mi fhèin a rinn ... Bha mi a’ dèanamh, tha mi air a dhà no trì cùrsaichean a dhèanamh ann an ceangal leabhraichean agus chuir mi aodach agus leathar air an fhear seo. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh an leabhar gu math airidh air còmhdach nas spaideile.

[Anna] Nise, tha fhios gum bi feadhainn eòlach air a’ Phuilean ach dè th’ anns an leabhar a tha sin agus thoir beachd dhuinn air an t-seòrsa farsaingeachd a th’ ann.

[Gilleasbuig] Uill tha … bha … an rud a rinn Am Puilean ’s e rud nach do rinn duine a-riamh ron a sin. Gàidheal a sgrìobh mu a bheatha fhèin, na chànan fhèin agus mar sin ’s e leabhar uabhasach cudromach a th’ ann anns an t-seagh sin fhèin, ach a thuilleadh air an sin chan ann a-mhàin gun robh beatha iongantach aig an duine bho òige suas tro na … tro a bheatha a’ fàs suas agus a’ gluasad air feadh an t-saoghail ann an diofar obraichean mar shaighdear, mar bhuachaille, mar sheòladair, agus mu dheireadh a’ gluasad air ais a Nis ach gu bheil e air a sgrìobhadh ann an cainnt cho brìoghmhor, cho inntinneach ’s cho àlainn agus cha chreid mi gun do leugh mi càil a-riamh a thug bàrr air an leabhar anns an t-seagh sin cuideachd so leabhar …

[Anna] Thoir beachd dhuinn ma-thà. Nach leugh thu pìos beag dhuinn? Tha thu air cuibhreann dheth a thaghadh.

[Gilleasbuig] Mar a thuirt mi ’s e seòladair a bh’ ann agus seo dìreach earrann beag airson sealltainn an seòrsa cainnt a bhiodh e a’ cleachdadh

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!