FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The support of the church Taic na h-eaglaise

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Taic na h-eaglaise

[Iain] Chaidh mise a Ghlaschu ann an naoi ceud deug dà fhichead ’s a dhà dheug. ’S ann a chaidh mi dhan oilthigh an Glaschu agus thòisich mi an uair sin air teagaisg ann an Glaschu agus thachair mi ri Cathy agus ’s ann à Barraigh a bha a daoine-sa agus an aon chreideamh aice ’s a bh’ agam fhìn. Phòs sinn ann an trì fichead, aig an Nollaig trì fichead agus bha sinn ann an Glaschu gus an robh e sia bliadhna às dèidh sin agus ’s ann an trì fichead ’s a sia ’s ann a thill mi air ais a dh’Uibhist. Bha mi aon bhliadhna ann an Uibhist. An uair sin thàinig an obair suas nam cheannard air Sgoil Bagh a’ Chaisteil agus bha sin ann an trì fichead ’s a seachd a fhuair mi sin agus tha mi an seo fhathast.

[Iain] Bha sianar chloinne againn. Bha ceathrar againn nuair a thàinig sinn à Glaschu. Aon rud a tha cuimhne ’m air bha Maighstir Calum, cha robh e ach air tighinn an seo. Bha e air turas a chur air dòigh còmhla ri buidheann de dh’fheadhainn à paraiste Bheinn na Faoghla agus dh’inns e dhuinn aig an eaglais duine sam bith a bha airson a dhol ann gum faodadh iad a dhol ann agus chuir mi fhìn agus Cathy a-staigh ar n-ainm agus sinne an aon dithis à Barraigh a bh’ ann. Agus tha mi cho toilichte as an sin a chionn ’s e an aon chothrom a fhuair sinn a-riamh falbh leinn fhìn gun an teaghlach agus chaidh sinn dhan Ròimh agus seachdain ainmeil a bha sin dhòmhsa co-dhiù. Bha sin anns an Dàmhair ann an ceithir fichead ’s a h-aon agus mus robh bliadhna a-mach bhàsaich i. Bhàsaich i san t-Sultain às dèidh sin.

[Iain] Latha a bha seo fhuair i phonecall. Bha iad air rudeigin fhaighinn ann am biopsy agus dh’fheumadh i a dhol fo lannsa agus chaidh i sin, ach cha robh mòran dòchais ann. Bha an rud air a dhol ro fhada. Bha e air grèim fhaighinn nach gabhadh mòran a dhèanamh ris. Bha fhios ’m nach robh Cathy a’ dol a bhith beò. ’S ann an uair sin ’s ann a bhuail e orm cho luachmhor ’s a bha mo chreideamh dhomh ’s a bha e dhuinne air fad.

[Iain] Bha Cathy, bha i dà fhichead ’s a còig nuair a bhàsaich i. ’S e rud a tha sa bhàs, gun cuireadh e a-mach a h-uile duine againn agus faodaidh mise a ràdh gun robh mi fortanach nach do bhuail e orm a-riamh thuige siud. Ach thuig mi an uair sin, uill, chan e idir carson a thigeadh seo ormsa ach carson a thigeadh e air daoine eile agus mise a sheachnadh? A chionn chan eil seachnadh air a’ bhàs co-dhiù agus gun robh e dìreach goirt aig an àm. Bha e goirt, goirt aig an àm.

[Iain] Às dèidh dhi bàs fhaighinn, àm doirbh a bha siud a chionn bha a’ chlann air falbh air fad thall ’s a-bhos ach am fear a b’ òige, Cailean. Bha e aona bliadhna deug an latha a thìodhlaiceadh a mhàthair.

[Iain] Agus bha an eaglais ’s an ùrnaigh agus rudan den t-seòrsa sin bha e na thaic mhòr dhòmhsa. ’S e a chùm ri chèile mi, faodaidh mi a ràdh a chionn chan urrainn dhomh creidsinn ciamar a bhithinn mur a biodh creideamh agam ’s mur a bithinn comasach air ùrnaigh ’s cuideachadh iarraidh air Dia aig amannan nuair a bha, bhiodh gnothaichean doirbh agus, mar a thuigeas tu, nuair a tha teaghlach òg agad ’s iad air falbh thall ’s a-bhos tha uallach ’s iomadach rud an cois sin agus siud na bu mhotha ’s na bu mhotha a bhithinn a’ tionndadh ris an eaglais agus ri Dia. Agus lean sin mi chun an latha an-diugh. Ma thig rud sam bith cruaidh nam rathad, ’s ann ris an eaglais a thionndaidheas mi. Ach ’s e àm doirbh a bh’ ann ach ’s e an eaglais bha i na taic mhòr, mhòr dhòmhsa co-dhiù agus tha mi cinnteach gun robh ’s dhan teaghlach air fad. ’S i a chùm còmhla sinn.

[Iain] Cha b’ urrainn dhòmhsa a thuigsinn ciamar a bhithinn mur a biodh creideamh agam agus mar sin tha mi taingeil gun robh e agam. Bidh mi a’ toirt taing do Dhia air a shon iomadach uair.

[Iain] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a’ chuid as motha de dhaoine nuair a tha iad òg a’ tòiseachadh a’ creidsinn gur e fasan a th’ ann dhaibh. ’S e rud a tha iad ag ionnsachadh o am pàrantan, o luchd-teagaisg, on eaglais fhèin, ach mar a tha thu a’ tighinn air aghaidh ann an aois tha thu a’ faicinn na doimhneachd a th’ ann ’s am feum a th’ ann dhut agus cho falamh ’s a bhiodh do bheatha às aonais. Duine sam bith a tha a’ fuireach leis fhèin mar a tha mise, bidh e a’ faireachdainn aonranach agus, a-rithist, tha a bhith a’ dol dhan eaglais ’s a bhith an lùib dhaoine eile ’s a bhith anns a’ chomann a tha sin tha sin a’ toirt togail dhomh. Sin a’ toirt togail mòr dhomh.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!