FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fergie’s first job A’ chiad obair aig Fergie

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

A’ chiad obair aig Fergie

[Dòmhnall] Fergie Dòmhnallach, fear-ciùil ainmeil a’ bhogsa, Mùideartach, geamair an dèidh tòiseachadh na phòidsear, òstair agus iomadach dreuchd eile. Fàilte oirbh, Fergie.

[Fergie] Fàilte, a Dhòmhnaill.

[Dòmhnall] A’ chiad dreuchd, an dreuchd phroifeiseanta agaibh mar gum biodh agus cuiridh seo iongnadh, tha mise an amharas, air cuid de na tha gar coimhead, ’s e sin physiotherapist.

[Fergie] ’S e. Tha thu ceart.

[Dòmhnall] Ciamar a thàinig sibh gu physiotherapy?

[Fergie] Chan eil fhios a’m. Bha mi, thàinig mi dhachaigh às an arm agus bha mi, ’s e PTI a bh’ annam anns an arm agus ’s e toss-up a bh’ ann – Jordanhill airson physical education teacher no physiotherapist, obair ann an spòrs agus a h-uile sìon. Ach bha mi aon, ’s e Highers a bh’ aca anns an àm sin, chan eil fhios a’m dè th’ aca a-nise, ach bha mi aon Higher gann agus rinn mire-sit agus fhuair mi e ach rinn mi m’ inntinn suas ron sin physiotherapist agus dh’fhàg mi Jordanhill.

[Dòmhnall] ’S rinn sibh physio ann an colaiste ann an Glaschu.

[Fergie] Glaschu, seadh dìreach, ’s e.

[Dòmhnall] Agus an uair sin ag obair mar physiotherapist. Càite?

[Fergie] Uill bha, ’s e, bha mi ann an meall de na h-ospadalan. An toiseach bha mi aig Lennox Castle, Gartnavel, Stobhill. Meall dhiubh sin chan eil iad ann a-nise. Agus à sin fhuair mi sioft do dh’Inbhir Nis agus bha mi nam domiciliary physiotherapist anns a’ Ghearastan. Loch Abar a bh’ agam.

[Dòmhnall] Aig Bòrd na Slàinte.

[Fergie] Aig Bòrd na Slàinte.

[Dòmhnall] So bha sibh air an starsnaich agaibh fhèin an uair sin ann an Loch Abar.

[Fergie] Ò bha, bha. ’S e, chòrd sin uabhasach rium a chionn bha, thug e dhomh cothrom a bhith an sàs ann an obair seilge ’s iasgaich ’s ciùil ’s, agus a h-uile sìon a chòrdadh rium.

[Dòmhnall] ’S bha sibh cuideachd a’ trèanadh balaich iomain, nach robh?

[Fergie] Bha. Bha.

[Dòmhnall] Ciamar a dh’obraich sin?

[Fergie] Uill ’s e An Gearastan a bh’ ann agus suas ris an àm sin cha robh iad, ò ’s e second division a bh’ annta agus cha robh iad, cha robh iad a’ faighinn air adhart uabhasach math idir agus dh’fhaighnich iad dhòmhsa an trèanadh mi iad agus …

[Dòmhnall] Air sgàth ’s gur e physio a bh’ annaibh?

[Fergie] ’S ann . Agus thuirt mi “oh that’s alright” a chionn rinn mi beagan, beagan dhe sin le Partick Thistle agus juniors, Maryhill Juniors ’s mar sin agus bha knack agam agus meall dhe na physios a bha còmhla rium anns a’ cholaiste bha Seumas MacGriogair Manchester United ’s Craig a bha le Rangers agus bha mi eòlach air na balaich sin agus chùm iad ceart mi le obair trèanaidh. Tha cuimhne agam nuair a chaidh mi, a’ chiad oidhche a bha mi anns a’ Ghearastan agus thàinig na balaich a-staigh a’ ruith air Diardaoin, tha mi a’ smaoineachadh, ’s e an aon oidhche a bha iad aige agus bha iad a’ ruith a-mach gu Spean Bridge agus a’ ruith air ais. Bidh mu dheich mìle an sin agus thilleadh iad agus bha iad dìreach washed out agus cha robh guth air …

[Dòmhnall] Trèanadh ceart.

[Fergie] Ò Aidh, aidh, aidh.

[Dòmhnall] Ach chuir sibhse ceart iad.

[Fergie] A’ tionndadh ’s a’ ruith mun chuairt agus meall den obair sin.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!