FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New preaching opportunities Cothroman ùra searmonachaidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Cothroman ùra searmonachaidh

[Preseantair] Às dèidh uallach nan deuchainnean, faothachadh sa bhliadhn’ ùir agus na balaich air fad air faighinn trompa.

[Preseantair] Fhad ’s a tha iad san t-seminary thathar a’ moladh do thagraichean na ministearalachd cothroman searmonachaidh a ghabhail cuideachd.

[Presentair] Madainn na Sàbaid agus tha Innes a’ dol a dh’Inbhir Àir às dèidh dha cuireadh fhaighinn bhon choitheanalann an sin.

[Innes] Tha mi gu math cleachdte ri dìreach dol a-steach dha àitean ùr’ co-dhiù agus dìreach a’ dol straight air a shon airson ’s e An Fhìrinn a th’ ann ’s tha mi dìreach a’ fosgladh an àird An Fhìrinn really ’s tha sin a’ còrdadh rium.

[Preseantair] Tha Innes air an rathad gu Inbhir Àir ach tha fhios aige gum feum e a bhith faiceallach nach bi e a’ dèanamh tuilleadh ’s a’ chòrr searmonachadh sna mìosan ri thighinn.

[Innes] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil eaglaisean air faighinn a-mach gu bheil sinn ann. Cha robh mi a’ faighinn tòrr invitations an-uiridh – no an seimstear a chaidh seachad – ach anns na seachdainean a chaidh seachad tha mi air faighinn emails agus phonecalls. Thabookings agam ann am February ’s March, April. Tha mi a’ smaoineachadh gum bi mi gu math trang ach tha feum agam cuideachd a bhith faiceallach nach bi mi a’ dèanamh cus so tha mi air a bhith ag ràdh ri dhà no trì cuideachd “Uill chan urrainn dhomh an deit seo a dhèanamh. Chan urrainn dhomh tighinn. Chan urrainn dhomh dèanamh seo agus chan urrainn dhomh dèanamh sin”.

[Innes] Chan urrainn dhomh a bhith unprepared ’s chan urrainn dhomh dìreach a bhith a’ seasamh an àird ’s ag ràdh càil sam bith a tha mi ag iarraidh. So ’s e rud mòr a th’ ann agusit’s not about me. I am just a vessel. I am just a servant.

[Tormod] Nise, an e sin na sailm? Na versions. A bheil sin na versions sin? Scottish Psalter an e sin a th’ agad?

[Innes] ’S e.

[Tormod] Tha sinn an-còmhnaidh a’ coimhead ri na students airson a dhol chun nan coiheanalan a tha sin ’s tha a’ chlèir a tha seo, a’ chlèir anns a bheil sinne ann an seo – Clèir Ghlaschu agus Earra Ghàidheal – tha sinn an-còmhnaidh airson na students a thoirt gu na coitheanalan beaga nach eil a’ cothromachadh ministear a chumail.

[Innes] As the bird soars across the fields with the marks of blood still on its wing, we also see the Lamb of God, Jesus Christ risen again with the marks of recent death proving that he has done i all.

[Innes] Bha mi a’ faireachdainn saorsa ’s bha mi a’ faireachdainn gun robh spiorad math ann agus tha mi an dòchas gun do dh’ionnsaich daoine rudan agus gun robh Dia a’ bruidhinn riutha really.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!