FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Believing in prayer A’ creidsinn ann an ùrnaigh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

A’ creidsinn ann an ùrnaigh

[Criosaidh Màiri] Bhiodh ar pàrantan agus am pàrantan-san a’ dol dhan eaglais bho ‘s chuimhneach leamsa. Bha e na phàirt mòr nar beatha. Bhiodh sinn ag ùrnaigh air an oidhche mus tigeadh sinn dhan leabaidh agus bhiodh sinn ag ùrnaigh sa mhadainn nuair a dh’èireadh sinn. Na h-ùrnaighean ’s a bhith an lùib dhaoine eile ag ùrnaigh, tha dìreach rudeigin àraidh mu dheidhinn agus tha thu a’ faireachdainn gu bheil thu a’ faighinn neart às a bhith san eaglais agus ag ùrnaigh còmhla ri daoine eile.

[Criosaidh Màiri] Òighrig, cha robh i ach thirty five. Cha robh i a-riamh roimhe meadhanach ach an turas a bha siud bha i gu math meadhanach agus chaidh a toirt air falbh dhan ospadal, a Leòdhas. Nuair a chaidh i suas a Leòdhas bha i uabhasach ìosal agus chaidh innse dhuinn gum feumadh i a dhol fo lannsa gu math luath. Bha tumour as a’ bheul aice.

[Criosaidh Màiri] Uill bha i cho fìor òg airson leithid siud tachairt dhi ’s gun robh e cho doirbh do dhaoine, dhuinne gu seachd àraidh, a chreidsinn gun gabhadh a leithid tachairt do bhoireannach cho òg aig an robh ceathrar cloinne agus ... Ach bha ar creideamh, ’s e a chum ar ciall rinn. Bha daoine ag ùrnaigh air a son, chan e dìreach ... bha iad ag ùrnaigh am Barraigh air a son, bha iad ag ùrnaigh air feadh an àite, agus tìr-mòr, cho fad air falbh ri Nova Scotia agus bha sinn a’ faireachdainn gun robh na h-ùrnaighean a’ dèanamh feum. Bha e a’ dèanamh feum dhuinne fios a bhith againn gun robh a leithid a dhaoine air ar cùlaibh ’s a’ toirt dhuinn tacsa.

[Criosaidh Màiri] Agus fhuair i os cionn sin agus bha an uair sin bha chemotherapy aice às a dhèidh agus gu math fortanach, feumaidh gun robh i làidir, thàinig i tron sin.

[Criosaidh Màiri] Mu chòig mìosan air ais thòisich Ciorstaidh – sin agad an ogha agam agus an nighean aig Òighrig – a’ fàs bochd. Dìreach a’ cur a-mach sa mhadainn ach ... Bha sin a’ dol air aghaidh airson ... Chaidh sin air aghaidh airson mìosan. Aig toiseach gnothaich cha robh iad a’ saoilsinn gun robh mòran sam bith ceàrr nach gabhadh a chur ceart ach an uair sin bha sinn a’ faicinn rudan beag’ eile a bha a’ cur iognadh oirnne nach robh còir a bhith a’ tachairt agus chaidh Ciorstaidh a chur a Yorkhill far an d’ fhuair iad tumour air an eanchainn aice.

[Criosaidh Màiri] Fhuair i operation agus bha an lannsairtoilichte às na rinn e ach gum feum iad treatment a thoirt dhi. Chan eil i ach seachd bliadhn’ a dh’aois agus feumaidh i radium agus chemotherapy fhaighinn agus so bidh i air falbh bhon chòrr den teaghlach airson – ’s tha a màthair còmhla rithe – airson deagh mhìosan ri tighinn. Ach tha sinn ceart a’ cumail rithe agus gheibh i nas fheàrr.

[Criosaidh Màiri] Ma tha Ciorstaidh cho righinn ri a màthair, nì i sabaid gu leòr airson faighinn os a chionn.

[Criosaidh Màiri] An aon tacsa ’s a bh’ againn roimhe, tha sinn ga fhaighinn a-rithist agus tha e mìoraileach dìreach an rud a nì ùrnaigh agus a bhith a’ creidsinn ann an ùrnaigh. Aig amannan mar seo tha thu ag iarraidh barrachd air Dia. Tha thu a’ cur d’ earbsa Ann ach tha thu cuideachd ag iarraidh barrachd Air - barrachd neart, barrachd tuigse.

[Criosaidh Màiri] Feumaidh tu a h-uile latha a ghabhail mar a thig iad. Chan eil fhios agad dè tha gach latha a’ dol a thoirt dhut no a’ dol a thoirt thugad. Tha mi a’ smaointinn gum biodh sinn dìreach ... gum biodh sinn, mar gum biodh sinn ann an toll mòr dorcha dubh agus gun solas idir mur a biodh ar creideamh againn.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!