FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Reverend Professor Donald MacLeod An t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

An t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid

[Dòmhnall Moireasdan] An t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid. Diadhaire, ministear, feallsanaiche, sgrìobhadair agus fear-togail connspaid glè thric tro chuilbh pàipearan naidheachd ’s eile. Fàilte oirbh.

[Dòmhnall MacLeòid] Tapadh leibhs’.

[Dòmhnall Moireasdan] Nise, aon rud a tha gu math connspaideach mur deidhinn ’s e sin, chanainn-sa, gille à Lacasdal ann an Leòdhas a tha fìor mheasail air cricket. Cò a-riamh a chuala a leithid sin?

[Dòmhnall MacLeòid] Cha chuala, tha mi a’ creids’, ach nuair a bha sinn ag èirigh suas nar balaich bha sinn a’ leughadh tòrr de phàipearan comic, mar a bha gu leòr, agus bha na balaich an sin bha iad anns na sgoiltean mòra ann an Sasainn. Bhiodh iad an-còmhnaidh a’ cluich cricket agus lean sinn oirnn bhon sin tha mi a’ creidsinn ’s cha robh mòran de thuigse againne ach ga chur air taobh chnuic, tha mi a’ creids’ agus bha bat againn a rinn sinn fhìn le pìos flooring agus sàbh a’ dèanamh làmh mhòr fhada air agus ’s e balla bog a bh’ againn agus bha balaich ’s clann-nighean ga chluich. Chan e a-mhàin na balaich ach clann-nighean cuideachd agus an toiseach cha robh sinn a’ cluich ach underarm bowlingdaisy cutter, mar a chanadh sinn riutha – ach an uair sin thòisich sinn air overarm bowling agus bha sin tòrr na b’ inntinniche ach …

[Dòmhnall Moireasdan] ’S am biodh clann a’ bhaile …

[Dòmhnall MacLeòid] Bha clann a’ bhaile …

[Dòmhnall Moireasdan] … a’ cluich seo?

[Dòmhnall MacLeòid] … balaich ’s clann-nighean a’ bhaile a’ cluich seo. Bha sinn an-còmhnaidh, air an t-samhradh gu h-àraidh, nuair a bha rudan tioram, bha sinn a’ cluich cricket gu faisg air meadhan-oidhche. Mar a bha fios agaibh, cha robh, bha an latha cho fada an uair sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Seallaibh mar a bha mise a’ dol a dh’fheuchainn a dhèanamh a-mach gur e a bha seo ach samhla air duine a tha a-mach às an t-sruth, a bha a’ gabhail ri rud nach buineadh dhan h-uile duine eile mun cuairt agus a’ dèanamh dealbh de mi addicted Dhòmhnall MacLeòid mar duine eadar-dhealaichte, rud a bha sibh glè thric anns an eaglais, nach robh?

[Dòmhnall MacLeòid] Uill cha bu mhi a thòisich siud ach ’s mi a chùm a’ dol e agus tha feadhainn beò fhathast a tha a’ cur às mo leth gun do rinn mi, gun robh mi addicted dha cricket. Ach sin mar a bha. Tha mi a’ creidsinn gun robh rudeigin ann a dh’fhaodadh tu ath-nuadhail a chur na reubail, dh’fhaodadh dha a bhith ach bha sinne, cha robh ann ach a bhith a’ còrdadh rinn fhìn a bhith a’ faighinn toileachas-inntinne às agus ...

[Dòmhnall Moireasdan] A bheil e fhathast …?

[Dòmhnall MacLeòid] Gus an latha an-diugh, feumaidh mi nuair a tha na tests a’ tòiseachadh air an telebhisean, tha mi, a’ chiad latha, madainn Diardaoin, tha mi aige, feumaidh mi a bhith aige.

[Dòmhnall Moireasdan] Seadh gu dearbh.

[Dòmhnall MacLeòid] Agus tha sin a’ dol air ais gu làithean Len Hutton agus Denis Compton ’s Peter May ’s Garry Sobers agus Walcott ’s na daoine sin, eil fhios agaibh, Ray Lindwall agus Keith Miller ’s na daoine sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Chan eil …

[Dòmhnall MacLeòid] Tha sin fhathast …

[Dòmhnall Moireasdan] Chan eil fhios a’m ach gabhaidh …

[Dòmhnall MacLeòid] Seadh.

[Dòmhnall Moireasdan] … mi ris.

[Dòmhnall MacLeòid] Seadh.

[Dòmhnall Moireasdan] Nise, ann an Lacasdal a bha an ùidh a tha seo ag èirigh ...

[Dòmhnall MacLeòid] Seadh.

[Dòmhnall Moireasdan] … ann an cricket. Sin far an do thogadh tu ach chan ann à Lacasdal a bha sibh bho thùs.

[Dòmhnall MacLeòid] Chan ann. B’ ann ann an Nis a rugadh mi. Bann à Nis a bha mo chuideachd air gach taobh – m’ athair ’s mo mhàthair. Mo mhàthair à Tàbhost far an do rugadh mi agus m’ athair à Crois agus an dà bhaile gu math faisg air a chèile agus tha mo fhreumhaichean an sin agus mo chuideachd gu lèir tha mi a’ creids’ ach dh’fhàg sinn sin nuair a bha mise, cha robh mi ach bliadhna nuair a dh’fhàg sinn. Chaidh sinn a Steòrnabhagh ’s chaidh sinn an uair sin nuair a bha mi còig chaidh sinn a Lacasdal agus ’s ann an sin a chaidh mo thogail.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè seòrsa balach a bh’ annaibh ag èirigh suas? Dè seòrsa saoghail a bh’ agaibh?

[Dòmhnall MacLeòid] Uill ’s e balach nach toireadh daoine mòran aire dha. ’S e balach beag a bh’ ann. Balach fìor bheag agus bha sin nam aghaidh gu h-àraidh nuair a bha sinn a’ cluich ball-coise. Bhathas gam chur far nach biodh cron faisg orm. Agus bha sin an-còmhnaidh na uallach eagalach cho beag ’s a bha mi. Agus ach anns an sgoil fhuair mi deagh oideachadh gu h-àraidh ann a bhith a’ sgrìobhadh na Beurla agus ann an gràmar na Beurla agus general analysis agus pàirtean agus an uair sin fhuair sinn tòrr oideachaidh air cuspairean mar sin.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!