FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Where are you from Margaret? Co às a tha thu, a Mhaighread?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Margaret Stewart Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ri Maighread Stiùbhart

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Co às a tha thu, a Mhaighread?

[Dòmhnall Mòireasdan] Seadh uill tillidh sinn chun an sin ach bha thu a’ bruidhinn air a bhith a’ seinn nad òige nuair a bha thu beag a-muigh sna monaidhean. Cà’ robh na monaidhean? Co às a tha thu, a Mhaighread?

[Maighread Stiùbhart] Tha mi à Col Uarach air a’ Bhac, baile beag, brèagha. Tha mòinteach air aon taobh is tha tràigh air an taobh eile agus bha machair bhrèagha againn. Baile beag brèagha, brèagha agus bha caoraich aig m’ athair agus bhiodh e gan chur a-mach chun na mòintich a dh’ iàrraidh nan caorach is rudan mar sin. Agus bhithinn a’ seinn as bith cà’ robh mi.

[Dòmhnall Mòireasdan] Bha thu air do thogail air a’ chroit, an robh?

[Maighread Stiùbhart] Bha, bha agus bha mo sheanair a’ fuireach còmhla rinn cuideachd agus bhiodh esan ag ionnsachadh dhomh tòrr rudan mun obair a bh’ againn ri dhèanamh. Dh’fheumadh a h-uile duine cuideachadh. Chan fhaodadh tu dìreach a bhith na do shuidhe a’ coimhead telebhisean. Cha robh an leithid de rud againn. Agus dh’fheumainn a bhith ga chuideachadh ag obair anns an lot is anns a’ mhòine agus a h-uile càil. B’ e iasgair a bh’ ann cuideachd agus bhithinn ag obair còmhla ris a’ càradh lìn agus a’ cairteadh lìn agus a’ biadhadh lìn agus a’ cruinneachadh a’ bhiadhaidh is h-uile càil a bha sin.

[Dòmhnall Mòireasdan] Bha thu cruaidh. An e tomboy a bh’ annad?

[Maighread Stiùbhart] Gu dearbha, ’s e! ’S dòcha gur e fhathast ach bha e a’ còrdadh rium. Cha robh e a’ còrdadh rium a bhith ag obair a-staigh ag iarnaigeadh agus a’ dèanamh leapannan. Cha robh sin a’ còrdadh rium a-riamh.

[Dòmhnall Mòireasdan] Tuigidh mi sin!

[Maighread Stiùbhart] Chan eil e a’ còrdadh rium fhathast!

[Dòmhnall Mòireasdan] Agus bha thu a’ bruidhinn air iasgach an sin agus air a’ mhuir, bha muir gu mòr, nach robh, anns an sgìre sin is maraichean is seòladairean?

[Maighread Stiùbhart] Bha, bha. Mar a bha mi ag ràdh, ’s e iasgair a bha na mo sheanair agus bha m’ athair aig muir cuideachd. Bha càirdean agam shìos ann a’ Bhataisgeir. Balaich Thormoid Nèill a bh’ ann. Bha eathraichean an-còmhnaidh anns an teaghlach a bha sin agus bhiodh iadsan ga mo thoirt a-mach agus bhiodh iad ag ionnsachadh dhomh rudan mar a bhith ag iomramh, bhithinn ag iomramh agus bhithinn ag iasgach son, uill, leis an lìn bhig agus bha e dìreach mìorbhaileach.

[Dòmhnall Mòireasdan] Ach bhiodh seòladairean a’ dol nas fhaide na sin, nach biodh? Timcheall air na sgìre, a’ dol air feadh an t-saoghail?

[Maighread Stiùbhart] Ò,bhiodh. M’ athair, gu dearbha, agus a charaidean. Agus bhiodh iad, nuair a bhiodh iad a’ cruinneachadh còmhla bhiodh iad a’ bruidhinn mu dheidhinn a h-uile càil a bha sin. Agus nuair a bha mise ag èirigh suas bha àiteachan mar Singapore, Buenos Aires, Valparaiso, Suez Canal, rudan mar sin bha iad a’ tighinn beò dhomh agus bha mi a’ cluinntinn barrachd mu dheidhinn nan rudan sin na bha mi a’ cluinntinn mu dheidhinn na Gàidhealtachd ann an dòigh oir cha robh iad a’ siubhail anns a’ Ghàidhealtachd, bha iad a’ siubhail an t-saoghail.

[Dòmhnall Mòireasdan] Agus gu dearbh, chuir thu romhad a dhol a dhèanamh seòladaireachd is sin ionnsachadh anns a’ Chaisteal?

[Maighread Stiùbhart] Aidh uill bhiodh fear anns a’ Chaisteal, caiptean a bh’ ann, fear de na daoine a bha a’ teagaisg anns a’ Chaisteal bhiodh e a’ tighinn sìos gu Sgoil a’ Bhac, tha mi a’ smaointinn aon latha san t-seachdain, agus bhiodh e a’ teagaisg eòlas mara dha na balaich. Dha na balaich a-mhàin. Cha robh a’ chlann-nighean a’ faighinn cothrom air. Bha ùidh agam-s’ ann agus dh’inns mi dha duine, chan eil cuimhne a’m cò dha a dh’inns mi, ’s dòcha dhan cheann-sgoile ach leig iad leam a dhol dhan chlas. Agus an uair sin bha cuid de na balaich a bha sin bha iad a’ dol air adhart chun a’ Chaisteil airson tuilleadh eòlas mara a dhèanamh agus bha mis’ ag iarraidh sin a dhèanamh cuideachd! Agus tha e iongantach mar a thachair e, ach anns an sgoil aig an àm bhruidhinn e ris an fhear-sgoile a bha aig Sgoil MhicNeacail agus chuir iad air dòigh rud cho iongantach nuair a smaoinicheas mi air a-nis, chuir iad air dòigh gum faighinn-sa air a dhol chun a’ Chaisteil cuideachd.

[Dòmhnall Mòireasdan] Agus an deach thu ann?

[Maighread Stiùbhart] Chaidh.

[Dòmhnall Mòireasdan] Am measg na bha siud de bhalaich?

[Maighread Stiùbhart] Uill cha bhithinn ann làn-ùine. Ach bha mi ann an Sgoil MhicNeacail ach bhiodh iad a’ cur air dòigh bus dhuinn agus chuir iad sin air a’ churraicealam, eòlas mara – navigation, agus thàinig cuid eile a-steach dhan chlas cuideachd. Agus chaidh na balaich sin, chaidh iad fhèin gu muir às dèidh sin agus thug e cothrom dha daoine navigation a dhèanamh ’s dòcha nach biodh iad air a dhèanamh ron sin.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!