FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New words Faclan ùra

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Faclan ùra

[Ùisdean] Co-dhiù tha sinn uile eòlach gu leòr air faclan ùra ann an Gàidhlig ged nach tuigeamaid, ’s dòcha, cuid dhiubh. Uaireannan chan eil annta ach seann fhaclan air an cleachdadh as ùr. Nì sinn ar dìcheall an suidheachadh sin a leasachadh dhuibh anns a’ chuairt a tha seo. ’S dòcha co-dhiù. Dà phuing airson gach freagairt a tha ceart, bonus ann an siud ’s ann an seo ’s ma tha am freagairt ceàrr thèid mise a-null chun an taoibh eile agus chì sinn dè an t-alt a th’ aig na sgiobaidhean air na jackenfilisters a th’ aca. Seo na fuaimean a bhios aig na sgiobaidhean. An toiseach a Mhàiri Anna, an jackenfilisters agad fhèin. Aiseag Bheàrnaraigh, saoil?

[Màiri Anna] Dùdach an Loch Mhòir.

[Ùisdean] Dùdach an Loch Mhòir. Agus air an taobh seo. An cuala tu siud a-riamh, a Mhòrag?

[Mòrag] An aileag.

[Ùisdean] Dè seòrsa aileig a bhios a’ dèanamh …? Geòidh Ìle air an taobh eile.

[Iain] Agus chunnaic mi aodann Ailein nuair a thuirt thu “camar”. Dè thuirt thu?

[Ùisdean] “Jackenfilister”.

[Iain] “Jackenfilister”.

[Ailean] Cha robh iad sin againne anns an Eilean Sgitheanach.

[Ùisdean] Nach robh?

[Ailean] Cha robh. Dè th’ ann?

[Ùisdean] Cò th’ ann? Am buzzer a th’ air do bheulaibh! Dè cho follaiseach …? An jackenfilister. Right, làmh air na jackenfilisters mar a thig na faclan an-àird. Seo a’ chiad fhacal, a’ chiad fhacal ùr – “caraid-bhaile”. “Càraid-bhaile”, tha mi duilich, “càraid-bhaile” agus tha na geòidh air falbh leis.

[Iain] Siuthad ma-thà.

[Mòrag] Bailtean mar gum biodh a bhios iad a’ cur ri chèile. “ Twin town” mar gum biodh.

[Ùisdean] Bailtean air an ceangal ri chèile – “twin towns ”, “twin cities”. Tha sibh ceart.

[Iain] Mar a tha Port Ilein agus Los Angeles!

[Mòrag] New York!

[Ùisdean] Dìreach. Dà chomharra. Griomasaigh agus New York.

[Ùisdean] Tha sibh ceart. An dàrna, an dàrna facal a-nis – “clèireach-urrais”.

[Ùisdean] A Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] “Insurance clerk”.

[Ùisdean] “Insurance clerk” no ’s ann ann an saoghal an ionmhais … Tha thu faisg gu leòr air, tha mi a’ smaoineachadh. ’S e rud teicnigeach a th’ ann. An tèid thu nas fhaisge air?

[Màiri Anna] Rud teicnigeach ann an saoghal an airgid?

[Ùisdean] ’S e.

[Màiri Anna] Mar sin tha thu fhèin eòlach air ach chan eil mise.

[Ùisdean] Gun teagamh sam bith, gun teagamh sam bith.

[Màiri Anna] Ceart.

[Iain] Ò tha i a’ fàs droch nàdarrach.

[Ùisdean] An tèid thu nas fhaisge air?

[Ailean] “Company secretary”?

[Ùisdean] Feuchaidh mi … Bheir mi dhut aonan chun na h-ìre seo.

[Màir Anna] Aonan?

[Ùisdean] Iain ’s a Mhòr?

[Iain] “Trust fund secretary”, an e no rudeigin?

[Ùisdean] Tha sibh uile gu math faisg air ach innsidh mi dhuibh – “ actuary”. ’S e rud teicneigeach… Diofar…

[Iain] Ò seadh.

[Ùisdean] Aon phuing air an taobh seo co-dhiù.

[Màiri Anna] Cha chuala mi a-riamh e.

[Mòrag] Glè mhath.

[Ùisdean] An treas facal ...

[Iain] Facal feumail!

[Ùisdean] Feuchamaid fear eile. Feuchamaid fear eile. “Reubhlaideach”, “reubhlaideach”, tha mi cinnteach. Ailein.

[Màiri Anna] Fear a tha …

[Ùisdean] Tha sin coltach ri rud a dhèanadh sibh fhèin, saoilidh mi ’s dòcha.

[Màiri Anna] Fear a tha ag èirigh suas ’s a’ dèanamh ar-a-mach an aghaidh an riaghaltais.

[Ùisdean] Math gu leòr. Eil sin am Bearnaraigh, a Mhàiri Anna?

[Màiri Anna] Bho riamh! …

[Ùisdean] Tha sibh cho ceart ’s a ghabhas.

[Màiri Anna] Riamh! Sinn na mullaichean ’s a tha sinn cho eòlach air.

[Ùisdean] “Revolutionary” a th’ aca air.

[Mòrag] An e?

[Ùisdean] ’S e.

[Iain] Bha dùil aig Mòr gur e duine a bha a’ dol gu raves a bh’ ann.

[Ailean] ’S e an fheadhainn a tha a’ dèanamh nan camas trang aig mar gum biodh

[Ùisdean] Uill ’s e, ’s e. Feuchamaid fear eile ma-thà. Fear eile – “togalach beag-lùth”, “togalach beag-lùth”.

[Ailean] Tha fios gur e “taigh beag” a tha sin!

[Ùisdean] Puing dhan Chaimbeulach, puing dhan Chaimbeulach.

[Ailean] Cò am fear beag a th’ aig “togalach beag-lùth”?

[Mòrag] Strength.

[Màiri Anna] An e togalach far a bheil, fhios agad, gum bi thu a’ cur “beag-lùths” ann? Mar gum biodh “massage parlour”?

[Iain] Ò sguir dheth sin a-nise.

[Ùisdean] A Mhàiri Anna aig aon ìre bha thu air an t-slighe agus chaidh thu air sheachran orm gu buileach.

[Iain] “Togalach beag-lùth”.

[Mòrag] Rudeigin mar …

[Ùisdean] Am facal mu dheireadh ma-thà dìreach ann an aithghearrachd. A bheil …

[Ailean] “Sauna” a th’ ann, an e?

[Ùisdean] … beachd agaibh air?

[Mòrag] Àite a tha a’ tuiteam às a chèile.

[Iain] Àite nach eil làidir ann an dòigh sam bith? Chan eil fhios a’m.

[Mòrag] “beag-lùths”, chanainn-sa …

[Ùisdean] ’S e …

[Iain] Togalach, an e “prefab” a th’ ann no rudeigin?

[Ùisdean] Chan e. ’S e togalach a th’ ann far a bheil glè bheag de chumhachd – “low energy” mar a th’ aca air. “Togalach beag-lùth”.

[Mòrag] Uill tha mi a’ smaoineachadh gun robh sinne a cheart cho faisg air mas e siud …

[Ùisdean] Ach tha mi a’ smaoineachadh gun robh Màiri Anna cho faisg air.

[Iain] Bha sinn fhèin gu math “beag-lùth” …

[Ùisdean] Comharra do Mhàiri Anna an siud.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!