menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Biadh nàdarra air an tràigh

[Preseantair] Tha an leithid de bhiadh nàdarra ri fhaighinn air an tràigh, ‘s gu bheil feadhainn a ràdh gu bheil e gu math furasta a bhith beò air nas urrainn dhut a chruinneachadh.

[An Canon Aonghas MacCuin] Tha sinn a’ dol a dhèanamh brot duilisg an-dràsta. Agus dòrtaidh mi ann an seo e. Agus bidh fhios againne an uair sin, seall, tha e mar gum biodh, fìon. Tha sinn a’ dol a chur seo còmhla agus cuiridh sinn air tuilleadh de mhìn-coirce.

[An Canon Aonghas MacCuin] Tha sinn a-nis a’ dol a dh’fhaighinn an sea lettuce a tha seo agus bidh am biadh eile a bhios againne, bidh e còmhla ris an rud eile, agus seo an dìol a bhios againne, agus seall a-nis.

[An Canon Aonghas MacCuin] Nis, feumaidh sinn a-nis an t-uinnean, ‘s e na h-uinneanan beaga a tha sin a th’ ann agus bidh iad aig an àm seo agus aig an àm seo den bhliadhna, tha iad uabhasach fhèin math. Tha iad blasta. Ged a tha na h-uinneanan beaga bìodach a tha seo, chan eil fhios a’m dè an t-ainm a th’ orra ann an Gàidhlig. Ach ge biodh dè an t-ainm a th’ orra, tha iad gu math nas fheàrr na an t-uinnean mòr.

[An Canon Aonghas MacCuin] An ath rud a tha sinn a’ cur air a-nis, ‘s e hama. Agus cuiridh sinn air dìreach mar a tha i ann an seo agus bidh i air leth. Nis, ‘s e an dòigh a th’ aig an seo, seo air cur blas air an fheamainn. Cuiridh seo blas air an fheamainn agus nì e feum na h-ola air an fheamainn cuideachd. Air an leabaidh a tha sin, tha sinn a’ cur nan lusan feamainn – am fear seo. Tha sinn a-nis a’ dol ga chur còmhla.

[An Canon Aonghas MacCuin] Am meonnt a-rithist. Agus meonnt beag a thàinig a-mach às a’ ghàrradh. Duileasg. Gabh am fear sin. ‘S an fheadhainn air. Feumaidh sinn daonnan fear a chur ann airson an t-srainnseir, eagal ‘s gun tig srainnsear a-staigh. Tha seo deiseil a-nis airson a dhol air an fhainneag. Agus siud e a-nis air an treas àm.

[An Canon Aonghas MacCuin] Ged nach eil mise ach liudach nam chòcaire, tha mi an dòchas gun ionnsaich boireannach an àiteigin air choreigin anns na h-Eileanan an Iar cho àlainn agus tha an saoghal anns a bheil sinn beò agus chan eil dad air an t-saoghal a bheir dhuinn toil-inntinn coltach ri deagh bhiadh, fallain, gu h-àraidh a h-uile dad dheth seo a thàinig o taobh an Iar Bharraigh an-diugh airson beagan toileachais a thoirt dhuibh.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Natural food from the beach

[Presenter] There is plenty of natural food to find on the shore, and some say that it is easy to live on what you can gather.

[Canon Angus MacQueen] We are going to make sea lettuce soup just now. And I’ll put it in here. And then we’ll know, look, it’s as it was, wine. We’ll mix this and we’ll add more oatmeal.

[Canon Angus MacQueen] We are now going to get the sea lettuce here and we’ll have the other food, it will go with the other stuff and this is the reward we will get and look now.

[Canon Angus MacQueen] Now, we need the onion, it’s the wee onions that we need and they are there at this time of the year, they are awfully good. They are tasty. Although they are these tiny wee onions, I don’t know the name of them in Gaelic, but in spite of their name, they are far better than bigger onions.

[Canon Angus MacQueen] Tha next thing that we add is bacon. And we’ll add this just as it is here and it will be great. Now the way it is just now, it gives flavour to the seaweed. This adds flavour to the seaweed and it will do well for the oil on the seaweed too. On this bed, we are going to put the seaweed plants, this one. We are going to put it together.

[Canon Angus MacQueen] The mint again. And little mint that came from the garden. Sea lettuce. Take that one. And those on it. We always need to do one for the stranger, in fear that a stranger comes in. This is ready now and goes on the wee ring. And that is it on for the third time.

[Canon Angus MacQueen] Although I am just a sloppy cook, I hope that a woman somewhere in the Outer Hebrides will learn the taste that is so lovely in the world in which we live and there is nothing in this world that brings pleasure of mind as good, healthy food, especially like this where everything came from the west coast of Barra to bring you some joy.

This programme, Annlan, was first broadcast in 2000.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

fìon - wine

uinnean - onion

meonnt - mint

duileasg - sea lettuce

srainnsear - stranger

fàinneag - small ring

liudach - sloppy