menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

An t-aran sòda aig Aonghas Moireach

[Aonghas] ’S e seo an seòrsa arain a bha mo mhàthair a’ dèanamh san taigh cha mhòr a h-uile seachdain agus bha, tha mi caran cleachdte ris a’ bhlas agus bha e a’ còrdadh rium cuideachd. Chan eil e cho aotrom ri aran geal cuideachd ’s bidh mi làn às dèidh ithe.

[Aonghas] Tha mi a’ dol a thòiseachadh le bhith a’ cur a-staigh pinnt de dh’fhlùr donn, dìreach mar sin. Tha sin dìreach a’ dol a-staigh. Pinnt cuideachd de dh’fhlùr gheal.

[Màiri] A bheil e furasta gu leòr? A bheil a h-uile sìon cha mhòr a’ dol a-staigh còmhla?

[Aonghas] Tha, tha e gu math furasta. Tha seo a’ dol a-staigh dhan sieve an toiseach ’s an uair sin dìreach spàin gu math làn den t-sòda seo. Tha sin a’ dol a-staigh mar sin. Bidh thu a’ cur dìreach spàin gu math beag de shalann ann.

[Màiri] Dè cho tric ’s a bhios tu a’ dèanamh an arain seo? Am bi thu ga dhèanamh a h-uile latha no …?

[Aonghas] Cha bhi. Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Glaschu agus cha robh tòrr airgid agam bha mi a’ dèanamh seo aig na deireadh-seachdainean agus bha mo flatmates ga ithe cuideachd.

[Aonghas] An uair sin tha mi a’ gluasad gu … feumaidh tu èadhar a chur a-staigh ann agus ’s e seòrsa de oxygen a chur ann.

[Màiri] Am bi thu a’ dèanamh fuine de sheòrsa sam bith eile no am bi thu a’ stad aig seo?

[Aonghas] ’S e seo an aon rud a tha mi cleachdte ris. ’S toigh leam cocaireachd ge-tà. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tòrr, gu leòr èadhair a-staigh ann. Feumaidh tu dèanamh mar tobar beag sa mheadhan. Agus an uair sin airson a bhith slàn fallain ola, olive oil, a-staigh ann. Spàin car làn, uabhasach làn, a-staigh ’s an uair sin bidh thu a’ cur nan seeds a-staigh ann. Sunflower a tha mise a’ cleachdadh. Dh’fhaodadh tu cleachdadh pumpkin cuideachd. Dìreach làmh. A’ sadail sin a-steach. An-diugh tha mi a’ cleachdadh, ’s e iogart nàdarrach. Tha sin a’ dol san toll sa mheadhan.

[Màiri] Tha fhios gu bheil do mhàthair moiteil gu bheil thu a’ cumail a’ dol an reasabaidh a sheall i fhèin dhut?

[Aonghas] ’S dòcha gu bheil. Tha i fhèin ’s na peathraichean, nuair a tha iad a’ dol a thadhal air na peathraichean aice bidh iadsan a’ dèanamh an seòrsaarain seo agus tha fhios aig a h-uile duine san teaghlach ciamar a dh’fhaodadh iad seo a dhèanamh.

[Aonghas] So bidh thu a’ cleachdadh dìreach aon làimh airson dìreach measgachadh sin mun chuairt.

[Aonghas] A’ cur tuilleadh ann.

[Aonghas] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil seo deiseil a-nis airson a chur sa phana.

[Màiri] Agus cia mheud lof a nì seo?

[Aonghas] Nì seo trì lofaichean mòra de dhà phunnd.

[Aonghas] Bidh thu a’ cur an àmhainn gu dà cheud aig an toiseach agus bidh e a-staigh airson deich mionaidean ’s an uair sin bidh thu a’ cur sin sìos gu aon cheud ’s seasgad airson mu cheathrad mionaid agus bidh e deiseil.

[Màiri] Blas eadar-dhealaichte air. Math.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonian TV.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Angus Murray’s Irish Soda Bread

[Angus] This is the sort of bread that my mother made at home nearly every week and I was, I am quite used to the flavour and I like it too. It is not as light as white bread too and I am full after eating it.

[Angus] I am going to start by adding a pint of wholemeal flour. That just goes in. Also a pint of white flour.

[Mairi] Is it easy enough? Does everything almost go in together?

[Angus] It does, it is very easy. This goes into the sieve first and then just a very full teaspoon of this soda. That goes in like that. You add just a small teaspoon of salt too.

[Mairi] How often do you make this bread? Do you make it every day or …?

[Angus] I don’t. When I lived in Glasgow and I didn’t have a lot of money I made this at the weekends and my flatmates also ate it.

[Angus] Then I move to … you must put air into it and it is a form of adding oxygen.

[Mairi] Do you do any other sort of baking or do you stop at this?

[Angus] This is the only thing that I am used to. I like cooking though. I think that there is lots, enough air in it. You must make a small well in the middle. And then to be healthy add in oil, olive oil. A fairly full, very full, spoon in and then you add in the seeds. Sunflower that I use. Pumpkin could be used too. Just a handful. Throw that in. Today I am using, it is natural yoghurt. That goes in the hole in the middle.

[Mairi] I am sure that your mother is proud that you are continuing the recipe that she herself showed you?

[Angus] Perhaps. Herself and the sisters, when they go to visit her sisters they make this sort of bread and everyone in the family knows how they could make this.

[Angus] So you use just one hand for just mixing that around.

[Angus] Adding more.

[Angus] I think that this is ready now for putting in the pan.

[Mairi] And how many loaves will this make?

[Angus] This will make three big, two pound loaves.

[Angus] You set the oven to two hundred at first and it will be in for ten minutes and then you put that down to one hundred and sixty for about forty minutes and it will be ready.

[Mairi] It has a different taste. Good.

This programme, Fuine, was first broadcast in 2013. Courtesy of Caledonian TV

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

blas - flavour, taster

tobar - a well