menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Food Biadh

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Isbeanan sìthne ann am fìon dearg

[Ùisdean] Rinn mi fhèin, Ùisdean, agus an yellow submarine a' chùis air tilleadh bho na Hearadh gun a dhol a-mach air a chèile a-rithist. Tha sinn rèidh, nach eil?

[Ùisdean] Tha sinn rèidh a-rithist, aidh.

[Ruaraidh] Tha sinn deiseil airson tòisichinn a' còcaireachd nan isbeanan. Ma thòisicheas tusa a' rùsgadh nan shallots a tha sin.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Fhad 's a tha Ùisdean a' dèanamh sin, tha mise a' dol a thòiseachadh a' fraidhigeadh nan isbeanan.

[Ùisdean] 'S e job a tha seo.

[Ruaraidh] 'S e job a th' ann. Tha thu airidh air às dèidh an droch-bheul a thug thu dhomhsa na bu thràithe.

[Ùisdean] Ciamar a fhuair thu dha na Hearadh co-dhiù?

[Ruaraidh] Och uill 's e sgeulachd eile a tha sin. Nochd duine neònach, àraid, tha mi a' smaoineachainn gur e surfer a bh' ann.

[Ùisdean] Fear dhen fheadhainn sin.

[Ruaraidh] Ann an ablach de bhan geal ...

[Ùisdean] Aidh, aidh.

[Ruaraidh] ... le dà shurfboard air a' mhullach. Co-dhiù ...

[Ùisdean] An e fear dhe na silver surfers a tha siud a bh' ann? An e sin ...?

[Ruaraidh] 'S e. Aon de na daoine crustaidh a tha sin.

[Ùisdean] Aidh, aidh.

[Ruaraidh] Co-dhiù, fanaidh mi gus an tig seo suas gu teas. Tha mi a' smaoineachainn dà làn spàin de dh'ola, olive oil, ìm 's dòcha ma tha thu ag iarraidh.

[Ùisdean] Uh huh.

[Ruaraidh] Agus cha leig mi leas ach dìreach beagan dath a thoirt dha na h-isbeanan seo agus chan eil sinn a' dol a chur tuill anns a' chraiceann, Ùisdein.

[Ùisdean] Cha bhi mise uair sam bith le sausage.

[Ruaraidh] Cha bhi idir, no, no.

[Ruaraidh] Gu h-àraidh le, 's e caolan a tha seo. Chan e, fhios agad, rud manmade.

[Ùisdean] Aidh. Aidh.

[Ruaraidh] 'S e stuth ceart a tha seo so tha sinn ag iarraidh an craiceann a chumail slàn, agus cuideachd nuair a tha sinn ga bhruich anns an fhìon nas fhaide air adhart cumaidh e a h-uile càil na bhroinn.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Aidh. Bidh e math.

[Ruaraidh] Tha na h-isbeanan seo rudeigineach mòr.

[Ùisdean] Tha na h-uinneanan seo rudeigineach beag!

[Ruaraidh] Ach tha mi airson a bhith uabhasach fhèin faiceallach leis an seo. Feumaidh mi sùil mhionaideach a chur air. Chan eil mi airson 's gun steig iad agus chan eil mi airson 's gun tèid cron sam bith a dhèanamh air a' chraiceann.

[Ùisdean] 'S dè cho fad 's a bheir seo? Fair man tìde a bheir mise a' dèanamh na h-uinneanan seo, an ann?

[Ruaraidh] Dìreach gus am bi iad donn, gus am bi dath math air a' chraiceann.

[Ùisdean] Am bi am fear air mullach an stòbh’ a bhios tu ga dhèanamh no am bi iad a’ dol dhan àmhainn?

[Ruaraidh] Uill an dà chuid. 'S urrainn dhut, tha seo a' toirt 's dòcha uair a thìde uile gu lèir.

[Ùisdean] Tha 's na h-uinneanan a tha seo.

[Ruaraidh] 'S 's urrainn dhut a chur dhan àmhainn aig teas meadhanach ìosal airson crìoch a chur air no fhàgail dìreach a' goil gu mall air an hob.

[Ùisdean] Aidh. 'S e an rud a tha buileach math mu dheidhinn shallots a bharrachd air uinnean chan eil iad, tha iad cho furasta a rùsgadh.

[Ruaraidh] Tha iad furasta a rùsgadh. Tha mise a' dol a ghearradh an àird beagan pancetta an-dràsta.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] So timcheall air dà cheud grama de phancetta.

[Ùisdean] Nach tu a tha accurate.

[Ruaraidh] Nì pacaid a' chùis.

[Ùisdean] A bheil gu leòr shallots agad an sin a-nis, a Ruaraidh?

[Ruaraidh] Dèan air fad iad.

[Ùisdean] "Dèan air fad iad". Co mheud a th' air fhàgail? A h-aon, a dhà. An dèan mi an garlic a tha siud cuideachd?

[Ruaraidh] Aidh. Dèan dà chlòbha garlic mìn dhomh ...

[Ùisdean] Dà?

[Ruaraidh]... mas e do thoil leat.

[Ruaraidh] A dhà.

[Ùisdean] Fair do chnag na corrag ’s a th’ ann no a bheil thu a' còcaireachd leotha?

[Ùisdean] Dè am feum a th' anns a dhà?

[Ruaraidh] Seall fhèin an dath a th' air na sausages, 's e na h-isbeanan, gabh mo leisgeul, a-nis, Ùisdein.

[Ùisdean] Thoir a-null iad gus am faic mi iad.

[Ruaraidh] Tha iad dìreach ... Sin gu leòr dhan sin an-dràsta. Ma chleachdas tu spàin le tuill mar sin cha toir thu tòrr dhen t-sùgh aca a chionn 's ann a-steach an seo a tha na h-uinneanan a tha Ùisdean ag ullachadh an-dràsta a' dol.

[Ùisdean] Tha na h-uinneanan deiseil. Tha, a h-uile gin. Dà chlòbha….

[Ruaraidh] Dà chlòbha gu leòr, right?

[Ùisdean] Bidh mise a' tòiseachadh le ceann garlic. Chan eil feum sam bith ann an clòbha garlic.

[Ruaraidh] Shallots a' dol a-steach. Pancetta cuideachd.

[Ùisdean] Dè tha thu a' dèanamh leis an fhìon?

[Ruaraidh] Ga òl.

[Ùisdean] Glè mhath. ’S fheàrr dhomh glainne cuideachd. Tha mi a' creid’ gu bheil thu ...

[Ruaraidh] No, tha am fìon gu math cudromach. 'S e isbeanan sìthne air am bruich ann am fìon dearg a tha seo.

[Ùisdean] 'S am bi thu a' cleachdadh a' bhotail gu lèir?

[Ruaraidh] Cò aige a tha fios? Chì sinn. Uaireannan tha mi a' creidsinn còrr air an dàrna leth. Uaireannan eile dh'fhaodadh am botal slàn. Dìreach a rèir mar a bhios an sùgh a' tiormachadh an àird. Chan eil mi a' cleachdadh stock idir. Tha blas gu leòr a' tighinn bho na h-isbeanan, mushrooms, na shallots.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Nach gearradh tu beagan thyme dhomh?

[Ùisdean] Ò right, aidh, glè mhath ma-thà.

[Ruaraidh] Dìreach a' briseadh an àird na pìosan dhan phancetta an-dràsta gus an tèid e donn agus cruaidh.

[Ruaraidh] Mar as trice nì seòrsa mushroom sam bith - tha e an urra riut fhèin. Uaireannan tha e nas fhasa ma gheibh thu namushrooms, no na balgan-buachaille, beaga, button mushrooms. An fheadhainn seo rud beag nas motha ach tha mi dìreach a' dol a dhèanamh dà leth dhiubh ach bheir mi dhaibh beagan nighe an toiseach.

[Ùisdean] Seo a-nis. Tha mi an dòchas gu bheil siud mìn gu leòr dhut.

[Ùisdean] Eil gu leòr thyme agad an siud?

[Ruaraidh] Tha ùine gu leòr agamsa, a mhate, aidh.

[Ùisdean] An dèan siud thu?

[Ruaraidh] Tha siud spot on.

[Ùisdean] Glè mhath.

[Ruaraidh] Tha sin dìreach taghta.

[Ùisdean] A bheil thu ag iarraidh an garlic an-dràsta?

[Ruaraidh] Fàg dìreach ann an sin an-dràsta e.

[Ruaraidh] Tha seo a' tiormachadh an àird beagan a bharrachd na bha dùil agam so tha mi a' dol a thilgeil rud beag ime ann. Nì sin a' chùis. Tha mi a' dol a chur mìn-fhlùir ann an seo an-dràsta agus 's e seo bunait an sùigh a bhios sinn a' bruich nan isbeanan ann.

[Ùisdean] 'S tha trì bay leaf ann an seo. A bheil thu ag iarraidh na trì ann?

[Ruaraidh] Dìreach na dhà. Dìreach na dhà.

[Ùisdean] Dìreach na dhà.

[Ruaraidh] Tha mi a' creidsinn ma tha bay leaves ùra agad bhiodh iad na b’ fheàrr, agus cuideachd ged a tha mise a' cleachdadh thyme ùr dhèanadh 's dòcha sgobag de thyme tioram a gheibh thu anns a' bhùth no a bhios agad anns a' phreasa a' chùis cuideachd. Ach ma tha bay leaves fresh agad tha iad sònraichte blasta ach gu mì-fhortanach cha robh iad ri fhaotainn ach nì an fheadhainn tioram an gnothaich a cheart cho math. Tha beagan dath a' tighinn air a' phancetta. A bheil am mìn-fhlùir againn, Ùisdein?

[Ùisdean] Gheibh thu rud.

[Ruaraidh] Làn spàin.

[Ùisdean] Làn spàin.

[Ruaraidh] Greasaibh oirbh no tha seo a' dol a losgadh.

[Ruaraidh] A bheil fìon agad ann an sin ri làimh?

[Ùisdean] Tha. Tha. Bha mi fair a’ coimhead ris.

[Ùisdean] Siud am fìon fosgailte. Chan eil iad a' lìonadh nam botail. Feumaidh tu watchaigeadh nuair a tha thu a' ceannach nam botalan a tha seo.

[Ruaraidh] Tha fios a'm, eh. Tha e teth a-staigh an seo. 'S dòcha gur e dìreach ...

[Ùisdean] 'S dòcha gur e sin a bh' ann. 'S e.

[Ruaraidh] Aidh.

[Ruaraidh] Druthag bheag an toiseach. Thig a-nall an seo, Ùisdein, 's bheir sùil air seo.

[Ùisdean] 'S a bheil e gu diofar dè seòrsa fìon a tha thu a' cleachdadh?

[Ruaraidh] Chanainnsa, chan eil ach mur h-eil e math gu leòr airson òl na bi a' còcaireachd leis.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Airson seo tha mi a' smaointinn gur e, 's e Malbec a th' againn.

[Ruaraidh] Fìon gu math làidir, math le feòil dearg ach tha Trempranillo, Rioja, càil sam bith mar sin math.

[Ruaraidh] Tha mi a' dol a chur cha mhòr an dàrna, tha mi duilich mu dheidhinn seo, Ùisdein ...

[Ùisdean] An ìre mhath a h-uile rud.

[Ruaraidh] Tha fios a'm gu bheil thu measail air sùgh dheargan ach tha mi a' dol a chur cha mhòr am botal gu lèir ann.

[Ùisdean] Aidh.

[Ùisdean] Tha e math gu leòr airson òl co-dhiù.

[Ruaraidh] A bheil?

[Ùisdean] Tha. Uill chanainn, a' coimhead ris a' bhotal.

[Ruaraidh] Dè th' agad ann an sin?

[Ùisdean] Chan eil càil.

[Ruaraidh] Chan e espresso a tha sin.

[Ruaraidh] Deiseil a-nis airson na h-isbeanan a thilleadh dhan phana. Tha mi a' dèanamh mess dhe na tiles agad ann an seo.

[Ùisdean] Tha thu gu math neat a' cur sin a-steach. Aidh.

[Ruaraidh] Tha sinn deiseil airson nan nithean seo.

[Ruaraidh] Garlic, an thyme a gheàrr thu mìn dhomh ...

[Ùisdean] Aidh. Watch do chorragan a-nis.

[Ruaraidh]... agus dà bhay leaf slàn ann an sin.

[Ruaraidh] So tha sin dìreach a' teannadh ri goil an-dràsta ... so cuir an teas sìos agus dìreach leig leis bruich, dìreach air a shocair.

[Ruaraidh] Tha seo a' fàs tiugh. Tha mi dìreach gan cur timcheall ann an seo, dìreach a dhèanamh cinnteach nach eil dad a' steigeil ri bonn a' phana agus gu bheil an thyme, garlic, am bay leaf 's a h-uile càil a chur sinn ann a' faighinn measgachadh ceart.

[Ùisdean] Am bi thu fair ga fhàgail a-nis airson treiseag?

[Ruaraidh] Leth-uair a thìde. Nuair a thèid na mushrooms a-steach, leth-uair a thìde.

[Ruaraidh] Ciamar a tha am fìon?

[Ùisdean] Chan eil e math nuair a tha thu a' còcaireachd le fìon mur am loisg thu dheth a h-uile biod den deoch-làidir a th' ann.

[Ruaraidh] Ò feumaidh tu rud beag a chumail.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Rud beag a chumail no tha thu a' call na brìgh an uair sin.

[Ùisdean] Tha.

[Ruaraidh] Ma chumas tu a' dol mar sin….

[Ùisdean] … 'S e espresso math a tha seo.

[Ruaraidh] 'S e, tha mi a' creidsinn.

[Ruaraidh] Tha iad a' teannadh thuige.

[Ruaraidh] Ok, tha mi a' tilgeil nam mushrooms a-steach a-nise, agus tha cùisean an ìre mhath. Uill tha dà dhòigh air crìoch a chur air seo a-nis, Ùisdein. 'S urrainn dhuinn dìreach a chumail oirnn ...

[Ùisdean] Aidh, air an stòbh’.

[Ruaraidh]... air an teas, ach dh'fhaodadh tu cuideachd a chur dhan àmhainn airson am fichead mionaid no leth-uair a tha a dhìth agus tha mi a' dol a dhèanamh sin an-diugh a chionn tha tòrr sùigh anns a' phana agus cuideachd tha uallach orm mu dheidhinn a' phana seo. Loisg mi e an turas mu dheireadh a chleachd mi e 's tha uallach orm 's dòcha gun steig ...

[Ùisdean] Aidh, aidh.

[Ruaraidh]... stuth air a' bhonn so tha mi a' dol ga chur dhan àmhainn.

[Ruaraidh] A dhòl còmhla ris na h-isbeanan sìthne againn a tha sinn air a bhruich ann am fìon dearg, tha sinn a' dol a dhèanamh champ. Ùisdein, 's urrainn dhutsa seo a ghearradh dhomh.

[Ùisdean] Na scallions.

[Ruaraidh] Na scallions, aidh. Na pìosan uaine, 's iad as cudromaiche.

[Ùisdean] Dè am fair a th' ann an champ ma-thà?

[Ruaraidh] 'S e dìreach buntàta air a phronnadh le scallions air am bruich ann am bainne agus sin a chur an lùib a' bhuntàta.

[Ùisdean] Aidh, aidh.

[Ruaraidh] Tha mi a' dol a chur beagan ime dhan bhuntàta 's a' dol ga phronnadh air a' bhòrd. Tha sinn feumach air seo a dhèanamh cliobhar a chionn tha mi an amharras gu bheil na h-isbeanan a tha san àmhainn dìreach a' teannadh thuige agus chan eil sinn airson 's gun tiormaich dad dhan t-sùgh.

[Ùisdean] A bheil thu ag iarraidh a h-uile gin a tha seo?

[Ruaraidh] Deannan math dheth. Nì sin a' chùis.

[Ruaraidh] Tha mi a' dol a chur rud beag piobair an lùib seo. Chan eil mi a' dol a thoirt mòran bruich dhan seo idir. Tha mi dìreach a' dol a leig leis goil agus an uair sin tha mi a' dol ga chur an lùib a' bhuntàta. Bheir mi sùil air mar a tha cùisean a' dol anns an àmhainn. Uill, sin a' coimhead math. Tha mi a' smaointinn gu bheil sin deiseil. So a-nise thig am bainne an lùib seo agus na h-uinneanan. Tha e cho math dhomh a h-uile càil a thilgeil ann eh.

[Ruaraidh] Sin thu fhèin, Ùisdein. Thoir dhomh do bheachd air sin. Tha mi fhìn a' dol a dh'fheuchainn beagan dheth cuideachd.

[Ùisdean] Beagan an seo.

[Ùisdean] 'S e stuth ceart a th' ann.

[Ruaraidh] 'S e.

[Ùisdean] A h-uile càil a th' ann.

[Ruaraidh] A bheil thu a' faighinn a' choriander a chuireadh ann?

[Ùisdean] Fair aig ...

[Ruaraidh] Gu leòr ach chan eil cus.

[Ùisdean] Aidh, tha e fair.

[Ruaraidh] Math a b' fhiach a dhol dha na Hearadh, Ùisdein.

[Ùisdean] Uill tha mi a' creid’, bha. Leigidh mi riutsa a dhol deas air do chois uair sam bith a tha thu ag iarraidh.

Chaidh am prògram seo, Seòid a’ Chidsin, a chraoladh an toiseach ann an 2017.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Venison sausages in red wine

[Roddy] Myself, Uisdean, and the yellow submarine made it back from Harris without falling out with each other again. We are good, aren't we?

[Uisdean] We are good again, aye.

[Roddy] We are ready to start cooking the sausages. If you start peeling those shallots.

[Uisdean] Aye.

[Roddy] Whilst Uisdean does that, I am going to start frying the sausages.

[Uisdean] This is a rotten task.

[Roddy] It is a rotten task. You deserve it after the slagging that you gave me earlier.

[Uisdean] How did you get to Harris anyway?

[Roddy] Och well that is another story. A weird guy appeared, I think that he was a surfer.

[Uisdean] One of those folk.

[Roddy] In a wreck of a white van ...

[Uisdean] Aye, aye.

[Roddy] ... with two surfboards on the roof. Anyway ...

[Uisdean] Was he one of those silver surfers? Is that ...?

[Roddy] He was. One of those crusty guys.

[Uisdean] Aye, aye.

[Roddy] Anyway, I will wait until this heats up. I think two spoonfuls of oil, olive oil, perhaps butter if you want.

[Uisdean] Uh huh.

[Roddy] And I only need to lightly brown these sausages and we are not putting holes in the skin, Uisdean.

[Uisdean] I never do that with sausage.

[Roddy] Not at all, no, no.

[Roddy] Especially with, this is intestine. It isn't, you know, something man-made.

[Uisdean] Aye. Aye.

[Roddy] This is the proper stuff so we want to keep the skin intact, and also when we cook it in the wine later it will keep everything inside.

[Uisdean] Aye.

[Roddy] Aye. It will be good.

[Roddy] These sausages are quite large.

[Uisdean] These sausages are quite small!

[Roddy] But I want to be really terribly careful with this. I need to watch it closely. I don't want them to stick and I don't want to damage the skin at all.

[Uisdean] And how long will this take? About the same time as I will take doing these onions, yes?

[Roddy] Just until they are brown, until the skin is a nice colour.

[Uisdean] Is it on top of the hob that you cook it or do you need the oven?

[Roddy] Well both. You can, this takes perhaps an hour altogether.

[Uisdean] So do these onions.

[Roddy] And you can put it in the oven at a reasonably low heat to finish it or leave it just simmering on the hob.

[Uisdean] Aye. The advantage of shallots over onions is that they are so easy to peel.

[Roddy] They are easy to peel. I am going to cut up a little pancetta just now.

[Uisdean] Aye.

[Roddy] So approximately two hundred grams of pancetta.

[Uisdean] You're very accurate.

[Roddy] A packet will do.

[Uisdean] Do you have enough shallots there now, Roddy?

[Roddy] Do them all.

[Uisdean] "Do them all". How many are left? One, two. Will I do that garlic too?

[Roddy] Aye. Crush two garlic cloves for me ...

[Uisdean] Two?

[Roddy] ... please.

[Roddy] Two.

[Uisdean] For the tip of your finger or are you going to cook with them?

[Uisdean] What use is two?

[Roddy] Just look at the colours of the sausages, the sausages, excuse me, now Uisdean.

[Uisdean] Bring them over so that I can see them.

[Roddy] They are just ... That is enough of that just now. If you use a slatted spoon like that you won't transfer much of their juices as it is into here that the onions that Uisdean is preparing just now are going.

[Uisdean] The onions are ready. They are, every one. Two cloves…

[Roddy] Two cloves enough, right?

[Uisdean] I start with a head of garlic. A clove of garlic is no use.

[Roddy] Shallots going in. Pancetta too.

[Uisdean] What are you doing with the wine?

[Roddy] Drinking it.

[Uisdean] Very good. I would like a glass too. I imagine that you are ...

[Roddy] No, the wine is very important. This is venison sausages cooked in red wine.

[Uisdean] And will you use the entire bottle?

[Roddy] Who knows. We will see. Sometimes I think more than half. Other times the whole bottle could do. Just depends on how the juices dry out. I don't use any stock. There is enough flavour from the sausages, mushrooms, the shallots.

[Uisdean] Aye.

[Roddy] Would you cut a little thyme for me?

[Uisdean] Oh right, aye, very good then.

[Roddy] Just breaking up the pieces of pancetta just now so that it goes brown and hard.

[Roddy] Usually any sort of mushroom will do - it is up to yourself. Sometimes it is easier if you get the little mushrooms, or the mushrooms, button mushrooms. These ones are a little bit bigger but I am just going to halve them but I will lightly wash them first.

[Uisdean] Here now. I hope that that is fine enough for you.

[Uisdean] Do you have enough thyme there?

[Roddy] I have enough time, mate, aye.

[Uisdean] Will that do you?

[Roddy] That is spot on.

[Uisdean] Very good.

[Roddy] That is just splendid.

[Uisdean] Do you want the garlic just now?

[Roddy] Just leave it there just now.

[Roddy] This is drying out a little more than I expected so I am going to throw a little bit of butter in. That will do. I am going to add flour here just now and this is the base of the juices that we will cook the sausages in.

[Uisdean] And there are three bay leaves here. Do you want to add the three?

[Roddy] Give me just the two. Just the two.

[Uisdean] Just the two.

[Roddy] I think if you have fresh bay leaves they are better, and also although I am using fresh thyme a spoonful of dry thyme that you get in the shop or that you have in the cupboard would perhaps do too. But if you have fresh bay leaves there are particularly tasty but unfortunately they weren't available but the dry ones will do just as well. The pancetta is browning a little. Do we have the flour, Uisdean?

[Uisdean] I will get it.

[Roddy] A spoonful.

[Uisdean] A spoonful.

[Roddy] Hurry up or this is going to burn.

[Roddy] Have you got the wine to hand there?

[Uisdean] I do. Yes. I was just looking at it.

[Uisdean] That is the wine opened. They don't fill the bottles. You must watch when you buy these bottles…

[Roddy] I know, eh. It is hot in here. Perhaps it is just ...

[Uisdean] Perhaps that is what it was. Yes.

[Roddy] Aye.

[Roddy] A wee glug first. Come over here, Uisdean, and look at this.

[Uisdean] And does it matter what sort of wine you use?

[Roddy] I would say, no but if it isn't good enough to drink don't cook with it.

[Uisdean] Aye.

[Roddy] For this I think that it is, we have Malbec.

[Roddy] A very strong wine, good with red meat but Tempranillo, Rioja, anything like that is good.

[Roddy] I am going to add almost half, I am sorry about this, Uisdean ...

[Uisdean] Almost everything.

[Roddy] I know that you are fond of grape juice but I am going to add almost the entire bottle.

[Uisdean] Aye.

[Uisdean] It is good enough to drink anyway.

[Roddy] Is it?

[Uisdean] It is. Well I would say, looking at the bottle.

[Roddy] What have you got there?

[Uisdean] Nothing.

[Roddy] That isn't an espresso.

[Roddy] Now ready to return the sausages to the pan. I am making a mess of your tiles here.

[Uisdean] You are very neatly adding that in. Aye.

[Roddy] We are ready for these things.

[Roddy] Garlic, the thyme that you finely cut for me ...

[Uisdean] Aye. Watch your fingers now.

[Roddy] ... and two whole bay leaf there.

[Roddy] So that is just coming to the boil just now ... so turn down the heat and just let it cook, just gently.

[Roddy] This is thickening. I just mix them here, just make sure that nothing is sticking to the bottom of the pan and that the thyme, garlic, the bay leaf and everything that we have added is getting a proper mix.

[Uisdean] Will you fair leave it now for a while?

[Roddy] Half an hour. When the mushrooms go in, half an hour.

[Roddy] How is the wine?

[Uisdean] It isn't good when you're cooking with wine if you don't burn off all traces of the alcohol.

[Roddy] Oh you must keep a little bit.

[Uisdean] Aye.

[Roddy] Keep a little bit or you lose the essence then.

[Uisdean] Yes.

[Roddy] If you keep going like that

[Uisdean] This is a good espresso.

[Roddy] It is, so I believe.

[Roddy] They are almost ready.

[Roddy] Ok, I am throwing the mushrooms in now, and things are at a good stage. Well there are two ways to finish this now, Uisdean. We can just keep going ...

[Uisdean] Aye, on the stove.

[Roddy] ... on the heat, but you could also put it in the oven for the required 20 minutes or half an hour and I am going to do that today because there are lots of juices in the pan and also I am worried about this pan. I burnt it the last time that I used it and I am worried that maybe ...

[Uisdean] Aye, aye.

[Roddy] ... the stuff on the bottom will stick so I am going to put it in the oven.

[Roddy] To go with our venison sausages that we are cooking in red wine, we are going to make champ. Uisdean, you can cut this for me.

[Uisdean] The scallions.

[Roddy] The scallions, aye. The green bits, they are the most important.

[Uisdean] What is champ then?

[Roddy] It is just mashed potato with scallions cooked in milk and combined with the potato.

[Uisdean] Aye, aye.

[Roddy] I am going to add a little butter to the potato and mash it on the table. We need to do this quickly because I suspect that the sausages that are in the oven are almost ready and I don't want any of the juices drying out.

[Uisdean] Do you want every one of these?

[Roddy] A fair amount of it. That will do.

[Roddy] I am going to add a little bit of pepper to this. I am not going to cook this for long at all. I am just going to let it boil and then I am going to combine it with the potato. I will look at how things are in the oven. Well, that looks good. I think that that is ready. So now the milk will combine with this and the onions. It is as well for me to throw it all in eh.

[Roddy] There you go, Uisdean. Give me your opinion on that. I am going to try a little of it myself too.

[Uisdean] A little here.

[Uisdean] It is proper stuff.

[Roddy] It is.

[Uisdean] Everything that is in it.

[Roddy] Do you get the coriander that was added?

[Uisdean] A fair bit.

[Roddy] Enough but not too much.

[Uisdean] Aye, it isfair.

[Roddy] It was well worth going to Harris, Uisdean.

[Uisdean] Well I believe, it was. I will let you go south by foot anytime that you want.

This programme, Seòid a’ Chidsin, was first broadcast in 2017.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

ablach - mangled, wrecked

gu mall - slowly

sitheann - vension, game (meat)

balg-buachaille - mushroom

sgobag - bit or piece of something soft

a’ teannadh ri ... - beginning to ...

brìgh - essence, significance

deannan - small amount of