menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Food Biadh

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Na sgonaichean gràn Innseanach aig Mòrag NicLeòid

[Màiri] Mòrag ‘s e rud gu math annasach a tha seo a-nis , rud nach fhaic sinn uabhasach tric an-diugh.

[Mòrag] Chan eil mòran sam bith gan dèanamh an-diugh. ‘s e rud a bh’ iad a’ dèanamh anns na seann làithean a th’ann, ach chan eil fhios agam carson really.

[Màiri] Dè tha sònraichte mun deidhinn? Dè tha diofaraichte bho sgonaichean sam bith eile?

[Mòrag] Tha mi a’ cleachdadh na mine tha seo, ‘s e min Innseanach a chanas mise ris, maize meal cuideachd an ainm a th’ air.

[Màiri] Agus dè na th’ agad de fhlùr an seo.

[Mòrag] Tha dusan unnsa flùir an sin agus tha ceithir unnsaichean den mhin Innseanach ann an sin agus tha thu ga chur còmhla mar sin agus bidh mise a’ cleachdadh baking powder ach anns na seann làithean ‘s e bicarbonate of soda agus cream of tartar a bhiodh thu a’ cur ann.

[Màiri] Dà spàin dhen sin.

[Mòrag] Dà spàin dhen sin agus bidh sinn a-nis a’ cur ann dà unnsa de ola agus ‘s e ola a bhios mise a’ cleachdadh airson sgona ‘s cha bhi mi a’ cleachdadh margarine idir a-nis agus bainne airson a mheasgachadh suas.

[Màiri] Bidh ‘s dòcha dhà no trì unnsaichean bainne an sin.

[Mòrag] Uill cha bhi mise ach a’ cur ann steall gus am faic mi gu bheil e dìreach.

[Màiri] ‘s a bheil e furasta gu leòr a’ mhaois tha seo fhaighinn air an eilean, am bi sibhse ga cheannach an seo?

[Mòrag] Chan eil, tha coltach gu faigh thu air an eilean e ach nuair a bhios mise a’ falbh gu tìr-mòr bidh mi ga fhaighinn anns na bùithtean health food, ‘s ann a bhios mi ga fhaighinn.

[Màiri] Agus chan e recipe uill chan e recipe sam bith a th’ agaibh ach tha sibh a’ dèanamh seo dìreach mar a chunnaic sibh ur màthair fhèin ga dhèanamh.

[Mòrag] ‘s ann mar a chunnaic mi mo mhàthair fhèin ga dhèanamh agus chan eil recipe idir agam air a shon.

[Màiri] ‘S a tha sibhse a’ dèanamh tòrr fuine, ur n-obair a h-uile latha cha mhòr, nach eil?

[Mòrag] Tha, tha mi a’ dèanamh deagh chuid a-staigh an seo, tha.

[Màiri] Am bi sibh a’ dèanamh nan sgonaichean seo.

[Mòrag]Bithidh.

[Màiri] Tha sgonaichean an-còmhnaidh a’ còrdadh ris na luchd-turais, nach eil?

[Mòrag] Tha bidh iad, bidh iad a’ gabhail an feadhainn seo, tha ‘s e rud iongantach a th’ann. Am bi thu fhèin a’ dèanamh sgonaichean?

[Màiri] Bidh mi a’ dèanamh feadhainn phlain agus feadhainn le measan annta.

[Mòrag] Oh bidh mise a’ dèanamh feadhainn dhiubh sin cuideachd. Bidh mi a’ dèanamh feadhainn le strawberries annta cuideachd. Tha seo caran doirbh, nas duilghe a roiligeadh na tha feadhainn phlain. Caran, tha caran cho steigeach air choreigin. [Mòrag] Nis o chionn fhada ‘s ann mar sin a bhiodh iad ga ghearradh.

[Màiri] Tha cuimhne agam air mo sheanmhair ‘s ann mar sin a bhiodh mo sheanmhair ga ghearradh

cuideachd.

[Mòrag] Ach bidh mise ga ghearradh mar seo ann an seo.

[Màiri] Gheibh thu barrachd às. Mar as teotha an àmhainn ‘s ann as fheàrr na sgonaichean thuirt sibhse.

[Mòrag] ‘s ann yes. Tha seo gu math tiugh nach eil?

[Màiri] Cha tug siud fada.

[Mòrag] Cha toir e mionaid.

[Màiri] Sin an rud a tha math mu na sgonaichean cha toir iad mionaid ach mairidh iad sa freezer son.

[Mòrag] Mairidh.

[Màiri] Agus tha iad a’ còrdadh ris a h-uile duine.

[Mòrag] Am faigh sinn seo a chur ann an seo gun soitheach eile a shalach. Seo a-nis. Sin agad e.

[Màiri] Nis dè cho fada san àmhainn?

[Mòrag] Cairteal na h-uaireach.

[Màiri] Aig de seòrsa teis?

[Mòrag] Eadar dà cheud agus dà cheud gu leth. Uill ‘s e fan oven a tha sin so tha e diofraichte bho feadhainn eile.

[Màiri] Seo mar bu chòir sgona coimhead.

[Mòrag] ‘S e.

[Màiri] ‘s toil leam iad mar seo air an gearradh an àite a bhith cruinn.

[Mòrag] An àite a bhith cruinn agus beag.

[Màiri] Air an gearradh le cutters.

[Màiri] Dè ur beachd ma tha, eil sibh toilichte leotha? Tha iad a’ coimhead sgoinneil.

[Mòrag] Tha iad a’ coimhead caran beag tiugh ach co-dhiù, chì sinn cò ris a tha iad coltach. Gearraidh sinn e. Sin agaibh e.

[Màiri] Dath snog buidhe orra, nach eil?

[Mòrag] Tha.

[Màiri] Gabhaidh sinn grèim beag dheth an gabh?

[Mòrag] Eil sibh ag iarraidh ìm air?

[Màiri] No chan eil. Mm, math is iad fhathast blàth.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Morag MacLeod's maize scones

[Mairi] Morag, now this is a very unusual thing, something that we don’t see very often today.

[Morag] There aren’t many at all making these today. It’s something that they used to do in the old days but I don’t know why really.

[Mairi] What’s so special about them. What is different from any other scone?

[Morag] I use this meal, I call it Indian meal, Maize meal, it is also called that.

[Mairi] And how much flour do you have here?

[Morag] There are 12 ounces of flour there and flour and four ounces of maize meal there. And you put it together like that and I use baking powder but in the old days it was bicarbonate of soda and cream of tartar that.

[Mairi] Two spoons of that.

[Morag] Two spoons of that and we now put two ounces of oil and it is oil that I use for a scone and I don’t use margarine at all now and milk to mix it.

[Mairi] There is maybe a few ounces of milk there.

[Morag] Well I only put in a splash so that I can see that it’s just

[Mairi] And is it easy enough to get this meal on the island, do you get it here or?

[Morag] No, apparently you can get it on the island but when I go away to the mainland I get it in the health food shops, that’s where I get it.

[Mairi] And it’s not a recipe, well you don’t have any recipe but you make this just as you saw your mother do it.

[Morag] Yes, like I saw my own mother do it and I don’t have a recipe for it at all.

[Mairi] And you do a lot of baking, your work every day nearly, isn’t it?

[Morag] Yes I do a good amount here, yes

[Mairi] Do you make these scones?

[Morag] I do.

[Mairi] Tourists always enjoy scones don’t they?

[Morag] Yes they do, they have these ones, it’s surprising. Do you make scones yourself?

[Mairi] I make plain ones and ones with fruit in them.

[Morag] Oh I make some of those too. I make ones with strawberries in them too. This is quite hard, harder than rolling out the plain ones. A bit, it’s a bit sticky.

Now long ago that’s how they used to cut them.

[Mairi] I remember my grandmother that’s how my grandmother used to cut them too.

[Morag] But I cut them like this, here.

[Mairi] You’ll get more out of it.

The hotter the oven is the better the scones will be you said.

[Morag] Yes. This is quite thick isn’t it?

[Mairi] That didn’t take long.

[Morag] It doesn’t take a minute.

[Mairi] That’s what’s good about scones, they won’t take a minute but they’ll last in the freezer for.

[Morag] They will.

[Mairi] And everyone enjoys them.

[Morag] Will we manage to put this here without dirtying another dish? There we go, that’s it.

[Mairi] Now how long in the oven?

[Morag] A quarter of an hour

[Mairi] At what kind of heat?

[Morag] Between 200-250. Well that is a fan oven so it’s different for other ones.

[Mairi] This is how a scone should look.

[Morag] It is.

[Mairi] I like these cut instead of being round.

[Morag] Instead of being small and round.

[Mairi] Cut using cutters.

[Mairi] What’s your opinion then, are you happy with them? They look amazing.

[Morag] They look a bit small and thick but anyway, we will see what they are like. We’ll cut it. That’s it.

[Mairi] Nice yellow colour on them isn’t there?

[Morag] Yes

[Mairi] We’ll take a wee bite off them, will we?

[Morag] Don’t you want butter on it?

[Mairi] No I don’t. Mm good while they’re still warm.

This programme, Fuine, was first broadcast in 2013. Courtesy of Caledonia TV

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

maois - maize

cruinn - round