menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Food Biadh

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Am meas a th’ aig Màiri air fuine

[Màiri Nicrisnidh] Tha bèicearachd agus fuine air a bhith a’ còrdadh rium-sa a-riamh – chan e a-mhàin a bhith ga dhèanamh ach a bhith ga ithe cuideachd. Chaidh mo thogail-sa ann an dachaigh far am faigheadh tu fàileadh nan rudan matha ’s an àmhainn aig an doras, far an robh duine sam bith a thigeadh a chèilidh a’ faighinn bonnach blasta le cupa tì. Agus gu dearbh, cha robh paidh no mìlsean na bùtha a’ dol faisg air bòrd. Ach aig an àm sin bha daoine a’ dèanamh barrachd dhaibh fhèin – cha robh biadh leòmach no rudan ùra, fasanta rin ceannachd air an eilean ’s mar sin, ma bha grèim blasta a dhith ort, bha e suas riut fhèin a dhèanamh.

[Màiri Nicrisnidh] Tha mise cianail fortanach gun do dh’fhàs mi suas ann an dachaigh far an robh mo mhàthair, agus mo sheanmhair roimhpe-se, air leth math air fuine. Agus an-diugh, le clann agam fhèin, ’s e sin an seòrsa togail a bu toigh leum-sa a thoirt dha na gillean. Ach ged tha mise measail air bèicearachd, tha an t-uabhas agam fhathast ri ionnsachadh agus tha mi ag iarraidh comhairle bho na bèiceirean as fheàrr a th’ann.

[Màiri Nicrisnidh] Coinnichidh mi ri feadhainn a tha fuine dhaibh fhèin aig an taigh. Innsidh iadsan dhuibh dè tha sìmplidh ach blasta, agus a nì duine sam bith a-staigh aca fhèin.

[Boireannach] An robh thu ag iarraidh pìos dheth?

[Màiri Nicrisnidh] Feuchaidh sinn pìos beag.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Mairi’s respect for baking

[Mairi Macritchie] Baking and making food had been something I have always enjoyed doing – not only the process of baking but eating them too. I was raised in a house where you would get the smell of these treats in the oven from the door, where anyone who would come to visit would get a cake with their cup of tea. And definitely, there was never a store bought pie or sweet placed on the table. But at that time, people were doing more for themselves – there were never any unusual, new or fashionable to be bought on the island and therefore, if you had a sweet craving, it was up to you to make it.

[Mairi Macritchie] I am very fortunate to have been brought up in a house where my mother, and my grandmother before her, were exceptionally talented at baking. And now today, with children of my own, that is the same kind of upbringing I would like to give to my boys. But even though I am very enthusiastic about baking, there is still a whole lot for me to learn and I want advice from the bakers there are.

[Mairi Macritchie] I will be meeting some people who bake for themselves in their homes. They will show me what are easy to make but tasty, and which anyone can make themselves.

[Woman] Did you want a wee bit of it?

[Mairi Macritchie] We’ll try a wee bit.

This programme, Fuine, was first broadcast in 2013. Courtesy of Caledonia TV

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

bèicearachd - baking

fuine - baking

àmhainn - oven

bonnach - bannock

mìlsean - dessert

leòmach - fancy