menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Food Biadh

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Pàirtean den ugh

[Duine] Tog, tog, tog tog, tog an rud a dh’ fhàg mi. Ge beag an t-ugh, ge beag an t-ugh. Tha stàth ann, tha stàth ann.

[Eilidh NicLeòid] Uill, ‘S fìor thoigh leam fhèin ugh airson mo bhracaist. Agus tha fhios a’m gu bheil ainm ann airson a h-uile pàirt dheth.

[Dòmhnall] Uill, sin agad an t-slige, am plaoisg mar a chanas sinne.

[Eilidh NicLeòid] Plaoisg?

[Dòmhnall Dòmhnallach] Plaoisg. Sin agad an uair sin an gealagan agad ‘s a buidheagan. An uair sin air an taobh a-staigh, tha lèine gheal agad, an craiceann geal a tha seo.

[Eilidh NicLeòid] Tha mi faicinn sin. Carson a dh’ fheumas lèine gheal a bhith ann oir tha seo cho cruaidh?

[Dòmhnall Dòmhnallach] Uill, tha an lèine gheal, tha i a’ cumail an ugh fìor glan – tha e fìor ghlan. Tha e fìor ghlan taobh a-staigh an ugha. Chan eil mòran rudan air an t-saoghal cho glan ri taobh a-staigh ugh, ‘s tha an lèine gheal sin ga chumail glan.

[Seonag NicAonghais] Maochag – ‘s e ugh a bhiodh ann gun shlige chruaidh air. Cha bhiodh air ach an dun aige a tha eadar an t-slige agus a’ ghealagan. Cha bhiodh sinn gan ithe idir, ach bhiodh sinn a’ cur feum orra airson fuine ‘s a leithid sin.

[Eilidh NicLeòid] Tha facal ann ‘nach ann ort a dhòirt uisge nan uighean’ coltach ri ‘nach ann ort a laighe a’ chrois’.

[Murchadh MacSuain] Bhiodh iad an-còmhnaidh ag ràdh gun robh uisge nan uighean air an thoirmisg. Na feumaiste uisge nan uighean a bhruich, a chleachdadh airson nì sam bith eile. Chan fhaod ris an umhallan a dhèanamh , nì sam bith eile a bhruich ann, feum sam bith a dhèanadh dheth ach a dhòirteadh air falbh. ‘S nan tachradh tubaistean, chanadh iad “Nach eil ort a dhòirt uisge nan uighean”. Cha robh fhios aig duine sam bith carson a bha uisge nan uighean air a thoirmisg, ach dh’ fheumadh iad a dhòrtadh air falbh nuair a bha iad ullamh dheth.

[Eilidh NicLeòid] Nise, a Dhòmhnaill, tha sibh a’ feitheamh ri iseanan a thighinn a-nuas an seo ach chan eil sgeul air cearc-ghuir, a bheil?

[Dòmhnall Dòmhnallach] Chan eil. Tha inneal ann an seo ‘s tha thu a’ cur lìn ann, mar an cuireadh tu fo chearc no àl .

[Eilidh NicLeòid] Lìn a thuirt thu?

[Dòmhnall Dòmhnallach] Lìn no canaidh cuid àl ris ‘s tha e a’ dèanamh an aon obair ri cearc-ghuir. Tha thu a’ tarraing seo dà uair tron latha ‘s tha e a’ tionndadh nan uighean air ais ‘s air adhart.

[Eilidh NicLeòid] Tha an slige seo gu math cruaidh. Ciamar a tha an t-isean a’ tighinn a-mach às?

[Dòmhnall Dòmhnallach] Uill, tha fiacail air, tha rud a chanas iad fiacail an t-slige air mullach a’ ghob aig an isean.

[Eilidh NicLeòid] Fiacail an t-slige.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Fiacail an t-slige.

[Eilidh NicLeòid] Feumaidh gu bheil e sin gu math cruaidh.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Ò, tha e gu math cruaidh. Is an ath do chiad rud a tha a’ tighinn ron t-slige, ‘s an uair sin e fhèin a’ cur am mullach far an ugh mus tig e a-mach. Chì thu ann an sin e. Tha seachdain eile ach as ‘s fheàrr e a dhol.

[Eilidh NicLeòid] Dè cho fad ‘s a tha na h-uighean seo air a bhith ann?

[Dòmhnall Dòmhnallach] Tha iad an air a bhith ann trì seachdainean, agus tha seachdain eile aca ri dhol, is thig iad fhèin a-nuas an uair sin.

[Eilidh NicLeòid] Nach eil sin iongantach? Tha mi ga fhaicinn gluasad na broinn mar gum biodh.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Parts of the egg

[Man] Pick up, pick up, pick up, pick up, pick up, the thing that Ieft. As small as the eggis, as small as the egg is. It is profitable, it is profitable.

[Eilidh MacLeod] Well, I really enjoy an egg with my breakfast. And I know that there is a name for every piece of it.

[Donald MacDonald] Well, that’s the shell. The plaoisg as we call it..

[Eilidh MacLeod] Plaoisg?

[Donald MacDonald] Plaoisg. Then you have the white and the yolk. An then on the inside, you have the white shirt, this skin.

[Eilidh MacLeod] I see that. Why does it need a white shirt when this is so hard?

[Donald MacDonald] Well, the white shirt keeps the egg truly clean. It is truly clean on the inside of an egg. There are not many things on this earth as clean as inside an egg, and it’s that white shirt that keeps it clean.

[Joan MacInnes] Maochag – that’s an egg without a hard shell. There is nothing but the cover that is between the shell and its white. We would not eat it at all, but we would use it in baking and things like that.

[Eilidh MacLeod] There is a word didn’t you spill the egg water like didn’t you lie on the cross.

[Murchadh MacSuain] They would always say that egg water was forbidden. You mustn’t use water used to boil eggs with anything else. You must not use it for preparations, to boil anything else, to do anything else but pour it away. If accidents occurred, they would say “Didn’t you spill the egg water”. Nobody knew why the egg water was forbidden, but it must be poured away when you were finished with it.

[Eilidh MacLeod] Now, Donald, we are waiting for the birds to come up here, but there is no sign of a brooding hen, is there?

[Donald MacDonald] No. We have this machine, and you put a lìn (net) in as you would put under a chicken, or nurse.

[Eilidh MacLeod] You said lìn (net)?

[Donald MacDonald] Lìn (a net), or some say àl (burse) and this does the work of a brooding hen. You pull this twice a day and it turns the eggs again and again.

[Eilidh MacLeod] The shell is very hard. How does the bird come out?

[Donald MacDonald] Well, it has a tooth, there is something called the tooth of the shell on top of the chick’s mouth.

[Eilidh MacLeod] The tooth of the shell?

[Donald MacDonald] The tooth of the shell.

[Eilidh MacLeod] That must be very hard.

[Donald MacDonald] Oh, it is very hard. And the next to first thing that comes to the shell and then it removed the top of the shell from the egg before it comes out. You’ll then see it. He has another week to go.

[Eilidh MacLeod] How long have the eggs been here?

[Donald MacDonald] They’ve been here for three weeks and there is another week to go and they’ll come up then.

[Eilidh MacLeod] Isn’t that amazing? I’m seeing it move, as it was.

This programme, Beul Chainnt, was first broadcast in 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

plaoisg - egg shell

gealagan - egg white

buidheagan - egg yolk

umhallan - preparations