menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Entertainment Dibhearsain

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Leabhar bho òige Choinnich

[Anna] Nis, a Choinnich, an toiseach, nach dèan thu dealbh dhomh air an t-seòrsa rud a bhiodh tusa a’ leughadh nuair a bha thu ag èirigh suas?

[Coinneach] Chan eil fhios a’m, bha tòrr de leabhraichean eadar-dhealaichte ann. Bha, uill, a’ chiad leabhar a tha cuimhne agam air a leughadh ’s e na leabhraichean mu dheidhinn Rupert Bear ’s bha an sreath air fad agam nuair a bha mi beag agus bha, uill, bhithinn fhìn, ’s tha dà phiuthair agam cuideachd, bha an triùir againn ga leughadh tòrr, agus rud sam bith eadar, uill, science fiction, leabhraichean mu dheidhinn, chan eil fhios a’m, tìrean cèin ’s rud sam bith mar sin.

[Anna] ’S dè seòrsa rud eile a bhiodh a-staigh? Nach biodh irisean sònraichte aig do mhàthair a-staigh?

[Coinneach] Uill bha rudan, ’s e banaltram a bha nam mhàthair nuair a bha i ag obair agus bha na leabhraichean meidigeach aice-se, bha iad sin againn ’s bha sinn, fhios agad, bhiodh sinn gan leughadh nuair a bha sinn beag, eil fhios agad, an triùir againn còmhla agus dìreach, fhios agad, bha iad inntinneach. Bha, tha tòrr rudan, fiosrachadh ann mu dheidhinn, fhios agad, nan diofar tinneasan ’s nan galaran ’s rudan mar sin ’s na dòighean leigheis.

[Anna] ’S bhiodh tu cuideachd a’ dol a-mach an cois do mhàthar, nach biodh?

[Coinneach] Bhiodh, fhios agad, uill, gu math tric bha, uill air sgàth ’s gun robh sinne cho fad às, bha na … nam biodh caora no bò tinn gu math tric bhiodh iad dìreach a’ cur fios chun a’ bheat agus bhiodh esan a’ cur, fhios agad, an stuth leigheis a-null air a’ bhus agus bhiodh mo mhàthair a’ dol a choinneachadh a’ bhus aig, can, dà uair agus, fhios agad, a bhith a’ faighinn snàthadan agus a h-uile càil a bha sin agus ’s ise a bhiodh, fhios agad, a’ frithealadh nan caorach anns a’ bhaile so bha sin a’ tachairt gu math tric.

[Anna] Nise, a’ chiad leabhar a tha thu a’ taghadh a-nochd ’s e leabhar a th’ ann a tha a’ dol air ais gu d’ òige. Leabhar a leugh thu nuair a bha thu gu math òg. Dè?

[Coinneach] ’S e. The Lion, The Witch and The Wardrobe. Bha, tha cuimhne a’m, uill chan eil cuimhne a’m cuin a leugh mi an toiseach e. Tha mi a’ creidsinn gum bithinn ’s dòcha timcheall air deich bliadhna a dh’aois, ma bha sin fhèin. An leabhar a tha seo, ’s e, tha e mu dheidhinn ceathrar chloinne aig àm a’ chogaidh. Tha iad air an cur a-mach. Bha iad ann an Lunnainn agus chaidh an gluasad a-mach chun dùthaich airson a bhith sàbhailte agus tha iad a’ fuireach ann an, anns an taigh mhòr a tha seo còmhla ri seann bhodach agus an tè a tha a’ cumail an taighe dha agus, fhios agad, aon latha tha iad a’ cluich falach-fead agus tha an nighean bheag, tha i a’ dol am falach ann am preas agus tha i a’ lorg gu bheil beagan a bharrachd anns a’ phreas na na còtaichean mòra.

[Anna] Càite a bheil i a’ dol … an nighean bheag?

[Coinneach] Tha na …

[Anna] Air a’ cheann thall.

[Coinneach] Am preas a tha seo, tha e mar dhoras gu saoghal eile far a bheil na, fhios agad, na beathaichean a’ còmhradh agus tha, chan eil fhios a’m, tha draoidheachd agus na rudan annasach a’ tachairt nach gabhadh a bhith anns an t-saoghal againne.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

A book from Kenneth’s childhood

[Anna] Now, Kenneth, firstly, won’t you paint a picture of the sort of thing that you would read when you were growing up?

[Kenneth] I don’t know, there were lots of different books. There was, well, the first book that I remember having read were the books about Rupert Bear and I had the entire series when I was little and I was, well, I would, and I have two sisters too, the three of us read it lots, and anything between, well, science fiction, books about, I don’t know, foreign lands and anything like that.

[Anna] And what sort of other things would be in the house? Wouldn’t your mother have special magazines in the house?

[Kenneth] Well there were things, my mother was a nurse when she worked and she had medical books, we had those and we were, you know, we read it when we were little, you know, the three of us together and just, you know, they were interesting. There was, is lots of things, information about, you know, the different illnesses and the diseases and things like that and the treatments.

[Anna] And you would also go out with your mother, wouldn’t you?

[Kenneth] I would, you know, well, very often there was, well because we were so far away, the … if a sheep or a cow was ill very often they would just inform the vet and he would send, you know, the medicine over on the bus and my mother would go to meet the bus at, say, two o’clock and, you know, get needles and all of that and it was her that would, you know, attend to the sheep in the village so that happened very often.

[Anna] Now, the first book that you have chosen tonight is a book that goes back to your youth. A book that you read when you were very young. What?

[Kenneth] It is. The Lion, The Witch and The Wardrobe. I remember, well I don’t remember when I first read it. I think that I would have been maybe around ten years old, if that. This book, it is, it is about four children at the time of the war. They are evacuated. They were in London and they were moved out to the countryside to be safe and they stay in, in this big house with an old man and his housekeeper and, you know, one day they are playing hide-and-seek and the little girl, she hides in a cupboard and she discovers that there is a little more in the cupboard than the big coats.

[Anna] Where does she go … the little girl?

[Kenneth] The …

[Anna] Eventually.

[Kenneth] This cupboard, it is like a door to another world where the, you know, the animals talk and, I don’t know, there is magic and the strange things happening that couldn’t be in our world.

This programme, Leugh Mi, was first broadcast in 2015.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

leigheas - a cure, remedy

snàthad - needle

draoidheachd - magic, sorcery