menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Entertainment Dibhearsain

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

A bheil Màiri Anna ag innse na fìrinn?

[Ùisdean] Chun a’ chiad chuairt agus tha a h-uile duine gu bhith a’ faighinn facal agus tha aig na sgiobaidhean ri mìneachadh no ciall an fhacail a lìbhrigeadh. Tha aonan dhe na faclan fuadain air gach taobh ge-tà. Feumaidh gach sgioba breithneachadh orra agus tuairmse a dhèanamh càite a bheil an fhìrinn. Tha cothrom aig gach sgioba an taobh eile a cheasnachadh ma leigeas mise leotha. A rèir mar a thèid leotha sgaoilidh mi puingean mar a thogras mi fhèin an uair sin. Dà phuing gu cinnteach ma nì sgioba a-mach càite a bheil an fhìrinn, agus ma tha sibh ceart “hooray!”. Clann-sgoile a’ Bhac. Agus ma tha sibh ceàrr “b oo!”. Muinntir na Pàrlamaid.

[Iain] Carson a tha sin air ar taobh-sa?

[Ùisdean] Uill cha robh mi ach dìreach ga shealltainn.

[Iain] Seadh, seadh.

[Ùisdean] Agus, ach an cluinneadh tu e. Thèid sinn gu Màiri Anna ge-tà an toiseach airson a’ chiad fhacal. Am facal agadsa, a Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] Am facal agamsa, “staplais”.

[Ùisdean] “Staplais”.

[Màiri Anna] “Staplais” nise ’s e rud a th’ ann nach eil cus feum an-diugh a chionn fiù ’s na Gàidheil fhèin, tha iad nas fheàrr dheth ’s tha am biadh nas pailt ’s a h-uile càil seach mar a bha e, dh’fhaodadh tu a ràdh, ceud bliadhna air ais. ’S e th’ ann an “staplais” measgachadh, bha thu a’ cur min-fhlùir, tha mi cinnteach nach robh min-fhlùir ann ach min-choirce ’s dòcha, an lùib uisge no bainne ma bha bainne gu leòr ann. A’ cur sin mun cuairt. Ga chur an lùib a’ bhìdh airson a dhèanamh nas tighe. Can pana brot.

[Iain] An lùib a’ bhìdh?

[Màiri Anna] Can pana brot.

[Iain] Ò seadh.

[Màiri Anna] Chan eil mi a’ ciallachadh chubs idir, Iain.

[Iain] Uill.

[Anna] Nach toir i dhuinn an reasabaidh

[Iain] Bha mi a’ gabhail iongnadh.

[Màiri Anna] Dh’fhaodadh nach fhaigheadh tu e ach le currain ’s uinnean ma bha iad agad. Lentils, an leithid sin, ach ga chur na lùib. Bha sin ga dhèanamh nas tighe. Bheireadh e nas fhaide ma bha teaghlach mòr ’s ma bha a’ chlann acrach.

[Iain] Sheasadh e fad seachdain an uair sin.

[Màiri Anna] Chan eil fhios a’m an seasadh e.

[Iain] Ò sheasadh e leis fhèin!

[Màiri Anna] Ach bheireadh e nas fhaide. Chan eil còir agaibh a bhith a’ gaireachdainn ’s a’ mhagadh. ’S e àm doirbh ’s àm cruaidh a bha siud.

[Iain] Chan eil guth na agam, feumaidh i ag radh cha chuala mi ach guth agad fhèin Anna.

[Ùisdean] Anna?

[Anna] ’S e rud bog a th’ ann.

[Màiri Anna] Dìreach flùr de sheòrsa air choireigin. Ga chur an lùib uisge no bainne airson biadh eile a dhèanamh dìreach nas tighe ’s nas pailte.

[Màiri Anna] Fuirich thusa ge-tà. Rud, ’s dòcha nach creid thu seo ach tha e fìor ’s tha an leabhar agam a-staigh ’s seallaidh mi dhut e ma thogras tu, leabhar còcaireachd Grèigeach ’s bha an tè a sgrìobh e ag ràdh gum biodh a seanmhair ris seo anns a’ Ghrèig.

[Anna] ’S e “staplais” am facal a bh’ aca anns an leabhar Ghrèigeach cuideachd?

[Màiri Anna] Chan e.

[Iain] “A staple diet” ’s dòcha?

[Màiri Anna] Chan e. ’S e facal eile a bh’ aca agus ma tha thu a’ smaoineachadh gu bheil cuimhne agam air chan eil!

[Ùisdean] Anna, tha thu teagmhach.

[Anna] Tha e a’ còrdadh rium.

[Ùisdean] Tha e a’ còrdadh riut.

[Anna] Uill chan eil ri ithe ach ...

[Màiri Anna] Cha chreid mi gun còrdadh e riut uabhasach math.

[Ùisdean] An e “stapach” a th’ ann?

[Màiri Anna] Ò chan e. ’S e “staplais” ...

[Màiri Anna] Fhios agad? ...

[Ùisdean] Fàgamaid e an-dràsta ma-thà.

[Màiri Anna] Rud eile a tha sin.

[Ùisdean] Tha e a’ bruich air a dhòigh fhèin ann an sin. Tha e a’ goil an-dràsta. Fàgamaid a’ goil e agus thèid sinn gu Coinneach ach am faic sinn dè am facal a th’ aig Coinneach.

[Coinneach] Uill am facal a th’ agamsa ’s e “doganta”.

[Ùisdean] “Doganta”.

[Coinneach] “Doganta”. Facal a th’ ann, duine fiadhaich, fearg. Furasta a ghluasad chun na feirge. Agus tha e coltach gur e, gu bheil e a’ tighinn an dà chuid, gu bheil am facal, ’s ann bhon Bheurla a tha e a’ tighinn. “Dog” no “dogat”.

[Coinneach] Agus, agus, cha leig sibh a leas a bhith a’ gaireachdainn. ’S e an fhìrinn a th’ agam ann an seo. Can an-dràsta ma chuireas mise Ùisdean troimhe-chèile ann an sin agus gun cuirinn orm na miotagan a tha sin leis an droch nàdar a ghabhas e, dìreach canaidh iad “uill nuair a dh’èirich e aig Ùisdean bha e dìreach a’ dol cho “doganta” ri cù fiadhaich.

[Ùisdean] Seadh.

[Iain] Uill, ’s mi nach eil a’ creidsinn sin.

[Anna] Chan fhaca mi facal, cha chuala mi riamh facal cho grànnda.

[Iain] Tha e grànnda.

[Coinneach] Tha e coltach ris ... Sin dìreach mar a tha e nuair a chì thu duine, dìreach nach eil reusan aige ’s ...

[Iain] An cleachdadh tu fhèin am facal?

[Coinneach] Chleachdadh.

[Iain] Chleachdadh.

[Coinneach] Tha sinn gu mòr air a’ Bhac.

[Anna] An robh thu fhèin riamh mar sin?

[Coinneach] Gu h-àraid tha sinn a’ cleachdadh sin mu dheidhinn duine às an Rubha. Canaidh sinn nuair a dhèanadh Am Bac a’ chùis orra ann am ball-coise.

[Anna] Cha bhi sin a’ tachairt cho tric.

[Coinneach] Uill tha e a’ tachairt ro thric, tha eagal orm.

[Anna] Can a-rithist e.

[Coinneach] “Doganta”.

[Iain] “Doganta”.

[Iain] Ò uill chan eil teagamh nam inntinn fhìn, Anna. Chan eil fhios a’m mu do dheidhinn-sa.

[Ùisdean] A bheil sibh riaraichte gu leòr? Riaraichte gu leòr? An dà fhacal a bh’ againn ma-thà. “Staplais” a bh’ aig Màiri Anna, biadh, ’s dòcha min-fhlùir Grèigeach, agus “doganta” a bh’ aig Coinneach. “Doganta” a bh’ aig Coinneach. ’S e a’ cheist ma-thà, a chàirdean, càite a bheil an fhìrinn?

[Iain] Uill ...

[Anna] A bheil “staplais” ro choltach ri “stapag” airson a bhith fìor?

[Iain] ’S dòcha gu bheil ach tha “doganta”, uill chan eil fhios a’m cò ris a tha sin coltach!

[Ùisdean] ’S e nàdar de “stapag” a th’ ann.

[Iain] Uill dè tha sibh, dè tha thu airson ...?

[Anna] ’S e “stapag” a th’ ann an “doganta”.

[Iain] ’S e!

[Ùisdean] Nis ...

[Iain] Dè nì sinn?

[Ùisdean] A-nochd! Greisibh oirbh.

[Iain] An tèid sinn le Màiri Anna no le Coinneach?

[Ùisdean] Dè tha sibh ag ràdh?

[Anna] Feuchaidh sinn an duine fhèin.

[Iain] Coinneach ma-thà.

[Ùisdean] Coinneach. Tha sibh ag ràdh gur ann aig Coinneach a tha an fhìrinn. Càite a bheil an fhìrinn?

[Iain] Tha amharas agam nach e, ach co-dhiù.

[Ùisdean] Seallaibh!

[Iain] Seo a-nis.

[Ùisdean] Tha sibh ceart. Dà phuing.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2013.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Is Mary Anne telling the truth?

[Hugh Dan] To the first around and everyone will get a word and the teams have to explain the word’s meaning. One of the words is fake on each side though. Each team must judge them and guess where the truth is. Each team has an opportunity to question the other side if I allow them. Depending on how they get on I will then distribute the points as I please. Two points for certain if a team works out where is the truth, and if you are correct “hooray”. Schoolchildren of Back. And if you are incorrect “boo”. The people of Parliament.

[John] Why is that on our side?

[Hugh Dan] Well I was just demonstrating it.

[John] Uh huh, uh huh.

[Hugh Dan] And, so that you could hear it. We will go to Mary Anne though firstly for the first word. Your word, Mary Anne.

[Mary Anne] My word, “staplais”.

[Hugh Dan] “Staplais”.

[Mary Anne] “Staplais” it is something that isn’t really needed nowadays because the Gaels themselves, they are better off and food is more plentiful and everything rather than how it was, you could say, a hundred years ago. “Staplais” is a mixture, you put flour, I am sure that there wasn’t flour but oatmeal perhaps, adding it to water or milk if there was enough milk. Stirring that. Adding it to the food to make it thicker. Say a pan of soup.

[John] Along with the food?

[Mary Anne] Say a pan of soup.

[John] Oh uh huh.

[Mary Anne] I don’t mean chubs at all, John.

[John] Well.

[Anna] Won’t she give us the recipe?

[John] I was surprised.

[Mary Anne] Perhaps you would only get it with carrots and onion if you had them. Lentils, the likes, but adding it in. That made it thicker. It would last longer if a family was big and if the children were hungry.

[John] It would last a whole week then.

[Mary Anne] I don’t know if it would.

[John] Oh it would stand by itself!

[Mary Anne] But it would last longer. You ought not to be laughing and mocking. That was a difficult and tough time.

[John] I didn’t say anythng, I have to say that I only heard your voice Anna

[Hugh Dan] Anna?

[Anna] It is a soft thing.

[Mary Anne] Just a flour of some sort. Adding it to water or milk to make another food just thicker and more plentiful.

[Mary Anne] You hold on though. Something, perhaps you won’t believe this but it is true and I have the book at home and I will show it to you if you want, a Greek cook book and the woman who wrote it said that her grandmother did this in Greece.

[Anna] “Staplais” was the word that they had in the Greek book too?

[Mary Anne] It wasn’t.

[John] “A staple diet” perhaps?

[Mary Anne] It wasn’t. They had another word and if you think that I remember it I don’t.

[Hugh Dan] Anna, you are doubtful.

[Anna] I like it.

[Hugh Dan] You like it.

[Anna] Well not to eat but ...

[Mary Anne] I don’t think that you would like it terribly well.

[Hugh Dan] Is it “stapach”?

[Mary Anne] Oh it isn’t. “Staplais” ...

[Mary Anne] You know ...

[Hugh Dan] Lets leave it just now then.

[Mary Anne] That is something else.

[Hugh Dan] It is cooking in its own way there. It is boiling just now. Lets leave it boiling and we will go to Kenny to see what word Kenny has.

[Kenny] Well the word that I have is “doganta”.

[Hugh Dan] “Doganta”.

[Kenny] “Doganta”. It is a word, a wild, angry person. Easy to move to anger. And it appears that it, that it comes both, that the word, it is from the English that it comes. “Dog” or “dogat”.

[Kenny] And, and, you don’t need to bother laughing. It is the truth that I have here. Say just now if I upset Hugh Dan there and if I put those gloves on because of his bad temper, they will just say “well when he squared up to Hugh Dan he was just going as “doganta” as a wild dog.

[Hugh Dan] Uh huh.

[John] Well, I certainly don’t believe that.

[Anna] I haven’t seen a word, I haven’t ever heard such an ugly word.

[John] It is ugly.

[Kenny] It is similar to .... That is just how it is when you see a person, just that doesn’t have sense and ...

[John] Would you yourself use the word?

[Kenny] I would.

[John] You would.

[Kenny] We certainly do in Back.

[Anna] Were you yourself ever like that?

[Kenny] Especially we use that about someone from Point. We say when Back beats them in football.

[Anna] That doesn’t happen very often.

[Kenny] Well it happens too often, I am afraid.

[Anna] Say it again.

[Kenny] “Doganta”.

[John] “Doganta”.

[John] Oh there is no doubt in my own mind, Anna. I don’t know about you.

[Hugh Dan] Are you content enough? Content enough? The two words that we had then. Mary Anne had “staplais”, a food, Greek flour perhaps, and Kenny had “doganta”. Kenny had “doganta”. The question is then, friends, where is the truth?

[John] Well ...

[Anna] Is “staplais” too similar to “stapag” to be true?

[John] Perhaps it is but “doganta” is, well I don’t know what that is like!

[Hugh Dan] It is a sort of “stapag”?

[John] Well what do you, what do you want ...?

[Anna] “Doganta” is a “stapag”.

[John] It is!

[Hugh Dan] Now ...

[John] What will we do?

[Hugh Dan] Tonight! Hurry up.

[John] Will we go with Mary Anne or with Kenny?

[Hugh Dan] What are you saying?

[Anna] We will try the man himself.

[John] Kenny then.

[Hugh Dan] Kenny. You are saying that it is Kenny that is telling the truth. Where is the truth?

[John] I suspect that it isn’t him, but anyway.

[Hugh Dan] Look!

[John] Well then.

[Hugh Dan] You are correct. Two points.

This programme, Aibisidh, was first broadcast in 2013.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

min-fhlùir - flour

min-choirce - oatmeal

nas tighe - thicker

acrach - hungry

A’ Ghrèig - Greece

doganta - thickset

fiadhaich - wild, fierce

grànda - ugly