menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Entertainment Dibhearsain

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Ciall an fhacail

[Ùisdean] Gluaiseamaid air adhart ma-thà. Tha sinn uile eòlach gu leòr air faclan ùra ann an Gàidhlig. ’S dòcha nach eil sinn ge-tà a’ tuigsinn cuid dhiubh, ’s dòcha nach eil cuid a’ còrdadh rinn. Uaireannan chan eil annta ach seann fhaclan air an cleachdadh ann an dòighean ùr. Cuid dhiubh a’ còrdadh rinn ’s cuid eile nach bi. Nàdar de ghochaireachd, tha mi cinnteach a tha sin, Iain. Nì sinn ar dìcheall an suidheachadh sin a leasachadh anns a’ chuairt a tha seo ’s dòcha agus chì sinn dè an t-alt a th’ aig na sgiobaidhean air na buzzers cuideachd. Fosgailte dhan h-uile duine a’ chuairt seo feuchainn air. Dà phuing dha freagairt a tha ceart agus bonus ann an siud ’s ann an seo. Agus ma tha am freagairt ceàrr thèid e a-null chun an taobh eile airson cothrom an sin. Seo na fuaimean a bhios aig na sgiobaidhean. Màiri Anna an toiseach. An dùil gur e aiseag Bheàrnaraigh a tha sin?

[Màiri Anna] An t-seann loch mòr.

[Ùisdean] An t-seann loch mòr aig Màiri Anna, agus aig sgioba Ìle? Dè eile ach na geòidh?

[Iain] Na plàighean as motha a th’ againn.

[Ùisdean] Na plàighean aig MacIlleMhìcheil. Seo na faclan ùra ma-thà. Feuchamaid air a’ chiad fhacal. Seo a’ chiad fhacal – “siabair”. Aiseag Bheàrnaraigh a’ falbh.

[Ailig] Duine a tha leam-leat.

[Ùisdean] Duine a tha leam-leat.

[Ailig] Air no boireannach a tha leam-leat.

[Ùisdean] No boireannach a tha leam-leat.

[Ailig] Duine sam bith a tha leam-leat.

[Ùisdean] An e sin am freagairt a tha thu a’ toirt dhomh?

[Ailig] ’S e.

[Ùisdean] Tha mi a’ dol chun an taobh eile. Tha eagal orm gu bheil thu ceàrr, Ailig.

[Iain] Uill ’s e sin a bha mi fhìn a’ dol a ràdh gu dearbh fhèin cuideachd, a Mhàiri.

[Ùisdean] Chan eil thu a’ faighinn càil airson sin. Dè am freagairt a th’ ann?

[Iain] A bheil sìon aige ri dhèanamh le siabann? Chan eil?

[Màiri] Fear a bhios a’ reic siabann.

[Ùisdean] Chan e, chan e. Tha thu ceàrr.

[Màiri] Fear a tha sleamhainn mar siabann.

[Ùisdean] Ceàrr. Tha eagal orm gur e ‘wiper’, ann an seadh wiper càr no cuideigin a bhios a’ glanadh uinneagan no mar sin.

[Iain] Chan eil faclan ach feumail ma thuigeas tu iad.

[Ùisdean] Uill tha ciall eile aige. Mar eisimpleir cuideigin a tha a’ goid rudeigin agus cuideigin a tha ’s dòcha aithghearr no doirbh a chur suas leis. Sin agaibh ma-thà. Fàgamaid an sin e. Gluaiseamaid air adhart. Cha do rinn sibh ro mhath an siud. “Seadag” a tha mi a’ smaoineachadh a th’ ann. Chan e “seudaig” a th’ ann co-dhiù. Ailig a-rithist.

[Ailig] Eun a gheibh thu air an fhraoch.

[Ùisdean] Eun air an fhraoch. Ann an Stafainn?

[Ailig] Ann an Cùl nan Cnoc gu h-àraidh.

[Ùisdean] Tha thu fhèin an cùl nan cnoc, tha eagal orm. Iain?

[Iain] Ionnsramaid ciùil air choreigin?

[Màiri] Chan e. Chanainns’ an e dìreach man uspag gaoithe a th’ ann?

[Ùisdean] Ò gu sealladh orm, cà’ sinn a’ dol?

[Màiri] Seadag – rudeigin a tha a’ dol seachad ort.

[Ùisdean] A bheil fios agad dè th’ ann? Feumaidh mi ur cuideachadh a-rithist. An rud ris an can iad ann am Beurla an grapefruit. Chan eil duine againn ga ithe.

[Màiri Anna] Cha do rinn thu ach sin a dhèanamh suas.

[Ùisdean] Feuchaidh sinn air facal eile. Tha mi an dòchas an treas-tarraing, ’s dòcha gum faigh sinn cothrom air.

[Iain] Gu dearbh fhèin.

[Ùisdean] “Gùim”.

[Ailig] A-rithist.

[Ùisdean] “Gùim”.

[Ailig] Bet.

[Ùisdean] Bet ’s an dèidh ...

[Ailig] Bet, nuair a tha thu a’ cur geall, gu bheil thu air ... tha mi a’ cur gùim, tha mi a’ gùim m’ airgid air sin, gu bheil mi ceart.

[Ùisdean] Uill bheir mi dhut comharra. Chan eil e ceart ach bheir mi dhut comharra dìreach le fialaidheachd. Tha e ciallach ’s tha e a’ còrdadh rium. Bheir mi dhut ... An taobh eile.

[Màiri] A bheil dad aige ri dhèanamh le leabhraichean?

[Iain] Chan e rud a bhios tu a’ cagnadh?

[Ùisdean] Ò chan e, gu sealladh. Chan eil fhios ’m an e gata buirg a tha tu fhèin a’ cagnadh. Chan e. ’S e rud tostachd a th’ ann. Sin aon sheadh a th’ aige agus ma tha daoine a’ dol nad aghaidh, a’ tighinn còmhla ’s a’ dol nad aghaidh. Feuchamaid aon eile ann an cabhaig. Seo am fear mu dheireadh a tha sinn a’ dol a dh’fheuchainn – “riomball”.

[Màiri Anna] “Riomball”?

[Iain] “Riomball”?

[Ùisdean] Aiseag Bheàrnaraigh.

[Màiri Anna] “Riomball”? ’S e sin a tha gu bhith ann an seo mur an toir thu dhuinn facail nas ciallaiche.

[Iain] Co às an do thog sibh na faclan sin?

[Ùisdean] Ann an aithghearrachd.

[Màiri Anna] Blàr.

[Ùisdean] Blàr. Chan e.

[Iain] Mar ùpraid air choreigin.

[Ùisdean] Chan e. ’S e cearcall a th’ ann. Cearcall.

[Màiri Anna] Dè seòrsa cearcaill?

[Ùisdean] Cearcall no halo.

[Màiri Anna] “Riomball”?

[Iain] Uill ’s beag an t-iongnadh nach do dh’aithnich Màiri Anna siud!

[Ùisdean] Coimhead anns an Fhaclair Bheag ...

[Màiri] Tha e mud amhaich!

[Ùisdean] Bheir sùil as an Fhaclair Bheag nuair a gheibh thu dhachaigh.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

The word's meaning

[Hugh Dan] Let’s move on then. We are all fairly familiar with new words in Gaelic. Perhaps we don’t understand some of them though, perhaps we don’t like some of them. Sometimes they are just old words used in new ways. Some we like and some others we don’t. A kind of foolishness, I’m sure that is, John. We will do our best to develop the situation in this round perhaps and we will see what sound the teams have on the buzzers too. This round is open to everyone to try. Two points for a correct answer and a bonus here and there. And if the answer is wrong it will go across to the other side for a chance there. Here’s the teams’ sounds. Màiri Anna first. Think that that’s the Bernaray ferry?

[Mary Anne] The big old loch.

[Hugh Dan] Màiri Anna has The big old loch and the Islay team What else but the geese?

[John] Our biggest pests.

[Hugh Dan] Carmichael has the pests. Here’s the new words then. Lets try the first word. Here’s the first word – “siabair”. Bernaray ferry departing.

[Alec] A fickle man.

[Hugh Dan] A fickle man.

[Alec] Or a fickle woman.

[Hugh Dan] Or a fickle woman.

[Alec] Anyone who is fickle.

[Hugh Dan] Is that the answer that you are giving me?

[Alec] Yes.

[Hugh Dan] I am going to the other side. I am afraid that you are wrong, Alec.

[John] Well that certainly is what I was going to say myself too, Marie.

[Hugh Dan] You don’t get anything for that. What is the answer?

[John] Does it have anything to do with soap? No?

[Marie] A man who sells soap.

[Hugh Dan] No, no. You are wrong.

[Marie] A man who is slippery like soap.

[Hugh Dan] Wrong. I am afraid that it’s a ‘wiper’, in the sense of a car wiper or someone who cleans windows or that.

[John] Words are only useful if you can understand them.

[Hugh Dan] Well it has another meaning. For example someone who steals something and someone who is perhaps short-tempered or difficult to put up with. There you go then. Let’s leave it there. Let’s move on. You didn’t do too well there. “Seadag” I think it is. It isn’t “seudaig” anyway. Alec again.

[Alec] A bird that you get in the heather.

[Hugh Dan] A bird in the heather. In Staffin?

[Alec] In Culnacnoc especially.

[Hugh Dan] You are in the middle of nowhere yourself, I am afraid. John?

[John] Some sort of musical instrument?

[Marie] No. I would say that it’s just like a breath of wind?

[Hugh Dan] Oh deary, where are we going?

[Marie] Seadag – something that goes past you.

[Hugh Dan] Do you know what it is? I must help you again. The thing that in English they call the grapefruit. None of us eat it.

[Mary Anne] You just made that up.

[Hugh Dan] We will try another word. Hopefully third time lucky, perhaps we will have a chance.

[John] Certainly.

[Hugh Dan] “Gùim”.

[Alec] Again.

[Hugh Dan] “Gùim”.

[Alec] A bet.

[Hugh Dan] A bet and after ...

[Alec] A bet, when you promise, that you have ... I am placing a “gùim”, I am “gùim” my money on that, that I am correct.

[Hugh Dan] Well I will give you a mark. It isn’t correct but I will give you a mark just out of generousity. It is sensible and I like it. I will give you ... The other side.

[Marie] Does it have anything to do with books?

[John] It isn’t something that you chew?

[Hugh Dan] Oh no, goodness. I don’t know if it’s a twisted object that you are chewing. No. It is a thing of silence. That’s one meaning that it has and if people go against you, come together and go against you. Lets try one more quickly. This is the last one that we are going to try – “riomball”.

[Mary Anne] “Riomball”?

[John] “Riomball”?

[Hugh Dan] Bernaray ferry.

[Mary Anne] “Riomball”? That’s what’s going to happen here if you don’t give us more sensible words.

[John] Where did you find these words?

[Hugh Dan] In brief.

[Mary Anne] A battle.

[Hugh Dan] A battle. No.

[John] Like some sort of commotion.

[Hugh Dan] No. It’s a circle. A circle.

[Mary Anne] What sort of circle?

[Hugh Dan] A circle or a halo.

[Mary Anne] “Riomball”?

[John] Little wonder that Màiri Anna didn’t recognise that!

[Hugh Dan] Look in the Faclair Beag (dictionary)...

[Marie] It’s around your neck!

[Hugh Dan] Take a look in the Faclair Beag when you get home.

This programme, Aibisidh, was first broadcast in 2012.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

plàigh - pest, plague

duine leam-leat - a fickle, capricious person, a deceitful person

ann an cùl nan cnoc - in the middle of nowhere (literally = behind the hills)

uspag gaoithe - breath of wind

ùpraid - commotion, din