menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Entertainment Dibhearsain

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Cò tha ag innse na fìrinn sa chuairt seo?

[Ùisdean] Tha a h-uile duine a-nis a’ faighinn facal agus tha aca ri mìneachadh no ciall an fhacail a lìbhrigeadh. Tha aonan dhe na faclan air gach sgioba fuadain ge-tà. Feumaidh gach sgioba breithneachadh orra agus tuairmse a dhèanamh dè tha fìor. Tha cothrom aig gach sgioba an taobh eile a cheasnachadh agus sgaoilidh mise an uair sin puingean mar a thogras mi fhèin. Dà phuing gu cinnteach ma nì sibh a-mach dè an fhìrinn. Seo am fuaim a bhios againn ma tha sibh ceart "hooray!", an Roinn Eòrpa ag aontachadh ris a h-uile càil, a Nèill? Agus an uair sin ma tha sibh ceàrr "boo!".

[Iain] Cha chluinn sinn am fear ud.

[Ùisdean] Comhairle nan Eilean air a dhol a-mach air a chèile, a Mhàiri. Chan eil iad uair sam bith a' dèanamh sin.

[Màiri] Chan eil. Chan eil sinn ag argamaid idir.

[Ùisdean] ’S e a' cheist ma-thà - cò tha ag innse na fìrinn? ’S tha a' chiad fhacal againn a-nochd aig Iain MacIlleMhìcheil.

[Iain] Seadh ma-thà. Uill, tha mise a' gabhail ris gum bi Niall eòlach gu leòr air an fhacal seo.

[Ùisdean] Seadh.

[Iain] Bha e a-riamh againn ann an Ìle co-dhiù agus 's iongantach mur am biodh e aca ann an Cinn Tìre. "Arrachd" a th’ ann.

[Ùisdean] "Arrachd".

[Iain] Agus tha cumadh an fhacail ag innse ’s dòcha gur ann bhon fhacal “riochd” a thàinig e, ach ’s e "arrachd" a tha e a' ciallachadh agus ’s e “taibhse” a tha sin. Uaireannan ’s e “meanadh” a chanas sinn thall againne ach canaidh sinn cuideachd "arrachd" agus thathar ga chleachdadh ann an dòigh no dhà. Thathar ga chleachdadh airson "taibhse" agus thathar ga chleachdadh cuideachd airson cuideigin air a bheil coltas taibhse. Mar Ùisdean ann an sin. Fear glas, caol. Uill chan eil fhios a'm ...

[Ùisdean] Puing do thaobh Màiri-Anna ann an siud, tha mi a' smaoineachadh.

[Iain] Co-dhiù!

[Ùisdean] A Nèill, a bheil thu fhèin a' faicinn taibhsean?

[Iain] Agus cuideachd cuideigin a tha mòrchuiseach ’s dòcha agus dh'fhaodadh tu a chleachdadh le bhith ag ràdh "ò seall an aithris a tha sin".

[Ùisdean] A bheil thu a' faicinn no an robh a' faicinn taibhsean?

[Màiri-Anna] "An aithris"?

[Iain] "Arrachd", gabh mo leisgeul.

[Niall] Tha mi a' faicinn taibhse nuair a choimheadas mi a-steach ann an sùilean MhicIlleMhìcheil.

[Ùisdean] Tha thu a' bualadh air MacIlleMhìcheil. Puing eile do Niall!

[Iain] Tha ciall eile aige, a Nèill ...

[Màiri-Anna] Chan eil ciall idir!

[Iain] ... agus 's e sin gum faod thu a chleachdadh mu dheidhinn cuideigin a tha beag.

[Ùisdean] "Meanbh"?

[Iain] “Meanbh”, uill mar "troich" ann an dòigh. Fear beag, agus tha, bidh iad ag ràdh cuideachd "uaill an arrachd".

[Ùisdean] "Uaill an arrachd".

[Iain] "Uaill an arrachd".

[Màiri-Anna] Agus dè an genitive a th' aige sin?

[Ùisdean] Dè an genitive a th' aige sin?

[Iain] Dè? Aig "arrachd"?

[Màiri-Anna] "Uaill an ...?”

[Ùisdean] "arraich" tha fhios.

[Iain] Ò uill ’s e ’s dòcha. Gabh mo leisgeul.

[Ùisdean] "'S e ’s dòcha".

[Niall] À genitives, genitives ann an Ìle, fhios agad?

[Màiri-Anna] Tha tòrr de “’s dòcha” ann an seo.

[Iain] Chan eil. ’S e ...

[Ùisdean] Tha Niall uabhasach amharasach.

[Màiri-Anna] ’S dòcha.

[Ùisdean] Fàgaidh sinn, fàgaidh sinn am facal. Chan eil an còrr cheistean agaibh an-dràsta, chan eil mi a' smaoineachadh.

[Niall] Chan eil an-dràsta.

[Ùisdean] Fàgaidh sinn an sin e ’s thèid sinn gu Màiri ach am faic sinn dè facal a th' aig Màiri ma-thà.

[Màiri] Uill 's e am facal a th' agamsa 's e "gura-gàraidh".

[Ùisdean] "Gura-gàraidh" no "gura-garaidh"?

[Màiri] "Gura-garaidh".

[Iain] "Gura-garaidh".

[Màiri] Agus 's e seòrsa de bhara a bha seo. Bara flat a bh' ann .

[Ùisdean] Bara flat.

[Màiri] Agus le dà rothair agus bhathar air a chleachdadh ann an Loch Abar gu seachd àraid ach bhathar ga chleachdadh ann an àiteachan eile cuideachd. Chunnaic mi fhìn e ann an àiteachan eile agus gu seach àraid nuair a chunnaic mise iad ’s ann airson a bhith a' cur a-mach mòine a bha e.

[Màiri] Ach ann an Loch Abar 's ann airson a bhith a' togail feamainn far a' chladaich agus cuideachd bhiodh e aca airson na mòna, agus ann an staid na h-eaconomaidh a th' againn an-dràsta bidh sinn a' faicinn iad seo a' tilleadh, tha mi làn cinnteach.

[Iain] ’S dòcha gum bi.

[Màiri] A chionn ’s ...

[Ùisdean] Chan eil e trom air an diosal?

[Màiri] Nach e sin. Chan eil e trom air an diosal.

[Iain] Trom air na gàirdeanan.

[Màiri] Ò tha. Fhios agad, sin a dh'fhàg mi fhìn car ...

[Iain] Uh huh.

[Màiri] Fhios agad, nuair a bha mi ann an Loch Abar. Ach tha le cinnt, bhiodh e aca agus ...

[Ùisdean] Uill a Nèill ...

[Màiri] Dà làimh air.

[Ùisdean] 'S iomadh turas a bha thu fhèin air cuibhlichean. A bheil seo a' còrdadh riut mar dhealbh?

[Niall] Chan eil aon seach aon a' còrdadh riumsa.

[Ùisdean] Nach eil?

[Màiri] Tha mise ag innse dhut gu bheil seo agus ...

[Ùisdean] A bheil ceist agad do Mhàiri ma-thà?

[Niall] "Gura ... ".

[Màiri-Anna] An fheamainn a tha seo ann an Loch Abar, càite? Ann an àiteachan mar Drochaid an Aonachain, saoilinn?

[Màiri] Ò chan ann, chan ann. Shìos faisg air a' chaisteal a dh’innse dhut na fìrinn.

[Màiri-Anna] Faisg air a’ chaisteal?

[Niall] Taobh na mara mar as àbhaist.

[Màiri-Anna] Sin a tha gam fhàgail cho teagmhach.

[Ùisdean] Tha sinn cho spaideil ann an Loch Abar, tha tòrr chaistealan ann.

[Màiri] Agus cuideachd, shìos mun Chorpaich gheibheadh tu feamainn shìos ann an sin.

[Ùisdean] Taobh Loch Iall.

[Màiri] Sìos ann an sin ’s bhiodh iad ga thoirt suas airson a chur air na feannagan no air na gàrraidhean-càil a bh' aca.

[Ùisdean] A Nèill?

[Niall] ’S ann a tha mise a' dèanamh dheth tha Màiri a' feuchainn ri toirt a chreid oirnn gu bheil i ag innse na fìrinn.

[Ùisdean] Tha.

[Niall] Agus ’s ann a tha Iain a' feuchainn ri toirt a chreid oirnn gu bheil e ri breug. ’S mar sin tha mise a' smaoineachadh airson aon turas gur ann an rathad eile a tha e ’s tha mise a' dol a ràdh gur e an fhìrinn a th' aig MacIlleMhìcheil.

[Ùisdean] Double bluff.

[Niall] Dè do bharail-sa?

[Ùisdean] Thèid sinn seachad air na faclan. Bheir mi truiseadh air na faclan. "Gura-garaidh" a bh' aig Màiri. Sin caran de bhara, bara-cuibhle le cuibhlichean dà rothair, agus bha rothair no dhà a dhìth air Iain MacIlleMhìcheil le "arrachd", seòrsa de thaibhse no cuideigin a bha meanbh no beag. Nise, 's e a' cheist a tha mi a' cur oirbh càite a bheil an fhìrinn? Cò aig a bheil an fhìrinn?

[Màiri-Anna] Uill tha mi a’smaoineachadh gun tèid mi le Niall. Tha blas cho math ...

[Ùisdean] Double bluff aig Niall ann an seo.

[Màiri-Anna] Tha blas cho math aig "gura-garaidh", fhios agad? Mar gum biodh i fìrinneach, tha mi a' creid.

[Ùisdean] Cò th' ann ma-thà?

[Màiri-Anna] Iain.

[Niall] Iain.

[Ùisdean] Aig Iain an fhìrinn. Aig Iain a tha an fhìrinn.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Who is telling the truth in this round?

[Hugh Dan] Everyone now gets a word and they have to explain the word’s meaning. One of the words on each team is fake though. Each team must judge them and make a guess at what is true. Each team has an opportunity to question the other side and I will distribute the points as I please. Two points for certain if you work out the truth. Here is our sound if you are correct “hooray!”, Europe agrees with everything, Neil. And then if you are incorrect “boo!”.

[John] We won't hear that one.

[Hugh Dan] Islands' Council falling out with one another, Mairi. They don't ever do that.

[Mairi] They don't. We don't argue at all.

[Hugh Dan] The question is then - who is telling the truth? And John Carmichael has our first word tonight.

[John] Ok then. Well, I think that Neil will be fairly familiar with this word.

[Hugh Dan] Uh huh.

[John] We always had it in Islay anyway and it's a wonder if they didn't have it in Kintyre. It is "arrachd".

[Hugh Dan] "Arrachd".

[John] And the form of the word tells that perhaps it came from the word " riochd" , but it means "arrachd" and that is a "ghost". Sometimes we say "meanadh" ("ghost") with us but we also say "arrachd" and it is used in one or two ways. It is used for "ghost" and it is also used for someone who looks like a ghost. Like Hugh Dan there. A grey, thin man. Well I don't know ...

[Hugh Dan] A point to Mary-Anne's side there, I think.

[John] Anyway!

[Hugh Dan] Neil, do you see ghosts?

[John] And also someone who is pompous perhaps and you could use it by saying "oh look at that report there".

[Hugh Dan] Do you see or have you seen ghosts?

[Mary-Anne] The Report?

[John] "pompous person", excuse me.

[Neil] I see a ghost when I look into Carmichael's eyes.

[Hugh Dan] You are knocking Carmichael. Another point for Neil!

[John] It has another meaning, Neil ...

[Mary-Anne] There is no meaning at all!

[John] ... and that is that you may use it about someone who is small.

[Hugh Dan] "Meanbh" ("tiny")?

[John] “Meanbh”, well like "troich" ("dwarf") in a way. A small man, and they also say "The vanity of the dwarf”.

[Hugh Dan] " The vanity of the dwarf ".

[John] " The vanity of the dwarf ".

[Mary-Anne] And what is the genitive of that?

[Hugh Dan] What is the genitive of that?

[John] What? Of "the dwarf"?

[Mary-Anne] " The vanity of

[Hugh Dan] "of the dwarf" surely.

[John] Oh well yes perhaps. Excuse me.

[Hugh Dan] "Yes perhaps".

[Neil] Ah genitives, genitives in Islay.

[Mary-Anne] There is lots of "perhaps" here.

[John] There isn't. It is ...

[Hugh Dan] Neil is terribly suspicious.

[Mary-Anne] Perhaps.

[Hugh Dan] We will leave, we will leave the word. You don't have any further questions just now, I don't think.

[Neil] Not just now.

[Hugh Dan] We will leave it there and we will go to Mairi to see what word Mairi has then.

[Mairi] Well the word that I have is "gura-gàraidh".

[Hugh Dan] "Gura-gàraidh" or "gura-garaidh"?

[Mairi] "Gura-garaidh".

[John] "Gura-garaidh".

[Mairi] And this was a sort of barrow. It was a flat barrow.

[Hugh Dan] A flat barrow.

[Mairi] And with two wheels and it was used in Lochaber especially but it was used in other places too. I myself saw it in other places and in particular when I saw them it was for taking out peat.

[Mairi] But in Lochaber it was for collecting seaweed from the shore and also they had it for the peat, and with the current state of our economy we will see these returning, I am certain.

[John] Perhaps we will.

[Mairi] Because ...

[Hugh Dan] It isn't heavy on the diesel?

[Mairi] It isn't that. It isn't heavy on the diesel.

[John] Heavy on the arms.

[Mairi] Oh it is. You know, that is what left myself somewhat ...

[John] Uh huh.

[Mairi] You know, when I was in Lochaber. But definitely, they had it and ...

[Hugh Dan] Well Neil ...

[Mairi] Two handles on it.

[Hugh Dan] Many's a time you yourself were on wheels. Do you like this as an image?

[Neil] I don't like either of them.

[Hugh Dan] Don't you?

[Mairi] I am telling you that this is and ...

[Hugh Dan] Do you have a question for Mairi then?

[Neil] "Gura ... ".

[Mary-Anne] This seaweed in Lochaber, where? In places like Spean Bridge, I would imagine?

[Mairi] Oh no, no. Down near the castle to tell you the truth.

[Mary-Anne] Near the castle?

[Neil] By the sea usually.

[Mary-Anne] That is what makes me so doubtful.

[Hugh Dan] We are so posh in Lochaber, there are lots of castles.

[Mairi] And also, down by Corpach you could get seaweed down there.

[Hugh Dan] Locheil way.

[Mairi] Down there and there would bring it up to put on the lazybeds or on their vegetable gardens.

[Hugh Dan] Neil?

[Neil] As far as I can make out Mairi is trying to make us believe that she is telling the truth.

[Hugh Dan] She is.

[Neil] And John is trying to make us believe that he is lying. And therefore I think for once that it is the other way and I am going to say that Carmichael is telling the truth.

[Hugh Dan] Double bluff.

[Neil] What do you think?

[Hugh Dan] We will run through the words. I will gather the words. Mairi had "gura-garaidh". That is like a barrow, a wheelbarrow with two bicycle wheels, and John Carmichael was missing a wheel or two with " arrachd", a sort of ghost or someone who was tiny or small. Now, the question that I am asking you is where is the truth? Who is telling the truth?

[Mary-Anne] Well I think that I will go with Neil. There is so good a ring ...

[Hugh Dan] Neil's double bluff here.

[Mary-Anne] There is so good a ring to "gura-garaidh", you know? As though it is true, I think.

[Hugh Dan] Who is it then?

[Mary-Anne] John.

[Neil] John.

[Hugh Dan] John is telling truth. John is telling the truth.

This programme, Aibisidh, was first broadcast in 2012.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

arrachd - spectre, dwarf

taibhse - ghost

mòrchuiseach - pompous

troich - dwarf

uaill - vanity

gura-garaidh - made-up word for the quiz

bara - barrow

Drochaid an Aonachain - Spean Bridge

Loch Iall - Locheil

feannag - lazybed

gàrradh-càil - vegetable garden