menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Documentaries Prògraman Aithriseachd

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Òran air don Bhàrd a dhol air Tìr san Èiphit

[Preseantair] Tha eachdraidh na Rèisimeid Ghòrdanach a’ dol air ais còrr is dà cheud bliadhna. An-diugh, tha iad mar phàirt de Rèisimeid Rìoghail na h-Alba. ‘S iomadh uair nan eachdraidh a dh’fhiosraich saighdearan na Rèisimeid onghail is ùpraid a’ bhatail.

[Leughadair] Ge fad’ an-dràst’ gun dùsgadh mi,

Cha chadail sèimh bu shùgradh dhomh,

Ach ragaid chnàmh gun lùths annta,

Air leabaidh-làir gun chùirteanan,

Gun chaidreabh bho luchd-dùthcha,

‘S mi gun charaid-rùin am chòir.


Choinnich iad san uisge sinn,

A’ tighinn air snàmh gun crioslaichean,

Nuair bheireadh làmhach bristeadh dhuinn,

An dùil gum bàitht’ an tiota sinn,

Gustàilinneach, làn, misneachail,

Gu sgrios às na bhiodh beò.

[Preseantair] Bha am bàrd Alasdair MacFhionghain na chorporal sa Rèisimeid Ghòrdanach agus bha e gu mòr an-sàs ann an Cogaidhean Ar-a-mach nam Frangach, fada air falbh bho àite àraich air taobh siar na Gàidhealtachd.

[Raghnall MacilleDhuibh] Rugadh Alasdair MacFhionghain ann am Mòrar anns a’ bhliadhna seachd-deug ceud trì fichead ‘sa deich. Bha e na mhac aig fear-taic san àite. Chan eil fhios againne dìreach càite an do rugadh e ann am Mòrar, tha caran beag de dh’eòlas againne mu dheidhinn ach na tha Iain MacCoinnich ag innse dhuinn ann an Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach a dh’fhoillsichear ann an ochd-deug ceud dà fhichead ‘sa h-aon. ‘S e duine mòr eireachdail a bh’ ann a rèir choltais, còig troigh deich òirleach a dh’àirde, duine foghainteach, foghainteach.

[Ailean Dòmhnallach] Ghabh mise ùidh anns a’ bhàrdachd aig Alasdair MacFhionghain o chionn bhliadhnaichean air ais. Bhithinn tric a’ leughadh Sàr Òbair nam Bàrd agus chuir an duine seo iongnadh orm. B’ ann às an aon àite a bha e, an duine a bha seo. ‘S chuir e iongnadh orm cuideachd gur e MacFhionghain a bh’ ann a chionn chan e ainm bitheanta a th’ ann ann am Mòrar.

[Allan Dòmhnullach] ‘S mise Ailean Dòmhnallach agus ‘s ann à Gleann Ùige ann an Mùideart a tha mi. Rugadh is thogadh mi an sin agus tha mi ag obair aig Ionad nam Pìobairean ann an Glaschu. An dàn a tha seo, Òran air don Bhàrd a dhol air Tìr san Èiphit, chuir e iongnadh orm. Thòisich mi ga leughadh.Uill, tha e mìorbhaileach mar a tha na seann bhàrdachd a tha sin a’ ruith. Fhios a’d, tha a’ chiad rann “a’ dùsgadh, a’sùgradh, is a chuir na Us agus an ath rann na Es, mar a tha iad a’ siubhal agus mar a tha iad a’ leantainn a chèile.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

A Song for the Poet going on Land in Egypt

[Presenter] The history of the Gordon Highlanders goes back more than 200 years. Today they are part of the Royal Regiment of Scotland. There is many a time in their history that the soldiers of the regiment have detailed the tumult and uproar of battle.

[Reader] Although it is long since I woke up,

No peaceful sleep will bring me joy,

But the racket of bones with no strength in them,

On a bed on the floor with our curtains,

With no embrace from my countrymen,

I’m without my dear love.


They’ll meet us in the water

Travelling by swimming without cords round our waists,

When the trigger-happy catch and break us,

The hope that we’ll drown in an instant,

Steely, full, confident,

Destroying from that which is alive

[Presenter] The poet Alasdair MacKinnon was a corporal in the Gordon Highlanders and he was very involved in the French Revolutionary Wars, a long way away from the place he was raised in the West Highlands.

[Ronald Black] Alasdair MacKinnon was born in Morar on the year 1770. He was the son of a supporter in the area. We don’t know exactly where he was born in Morar, we only have a wee bit of information about him from what Ian MacKenzie tells us in Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach published in 1841. Apparently he was a tall, handsome man, 5’ 10”of height, a fit, fit man.

[Allan MacDonald] I became interested in the poetry of Alasdair MacKinnon years ago. I would often read Sàr Obair nam Bàrd and this man intrigued me. He was from the same place, this man. And it intrigued me also that he was a MacKinnon as it is not a common name in Morar.

[Allan MacDonald] I am Allan MacDonald and I’m from Glenuig in Moidart. I was born and raised there and I work in The Piping Centre in Glasgow. This verse, A Song for the Poet going on Land in Egypt, it intrigued me. I started to read it. Well, it is marvellous how that old poetry runs. You know, the first verse “a’ dùsgadh (waking), a’ sùgradh (jollity) and using Us and the next verse the Es, as they run and as they follow each other”.

This programme, Sheinn am Bàrd, was first broadcast in 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

onghail - tumult

Mùideart - Moidart

Rèisimeid Ghòrdanach - Gordon Highlanders

French Revolutionary Wars - Ar-a-mach nam Frangach

sùgradh - jollity