menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Documentaries Prògraman Aithriseachd

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Na rionnagan agus na speuran

[Eilidh NicLeòid] Bhathas a’ creidsinn nan gairmeadh coileach aig àm mì-nàdarrach, can an dèidh meadhan-oidhche, gun robh sin na dhroch chomharra. Bhathas a’ creidsinn an aon rud mu dhreagan - solas mar rionnagan-earball a’ tuiteam às an adhar.

[Iain Aonghas MacLeòid] Dreaga, bhiodh sin a’ cur eagal am beatha air na seann sinnsirean againne. Bhiodh iad a’ coimhead a-mach às an uaimh, ‘s chitheadh iad solas anns an adhar agus biodh iad a’ smaoineachadh gun robh rudeigin uabhasach a’ dol a thachairt. Nise dreag, ‘s e a th’ ann ach cnap mòr, dh’ fhaodadh e a bhith mu slat a leud ann no dh’ fhaodadh e a bhith ma dà mhìle leud agus ‘s e sgudal a tha sin a bh’ air fhàgail air a chaidh planaidean a chruthachadh. Agus tha a’ chuid as motha dhe na dreagaichean seo, tha iad anns an astar eadar a’ phlanaid Mars agus Iupatar. Agus an-dràsta ‘s a-rithist, ’s dòcha thèid tè dhiubh air seachrain agus thèid i faisg air an talamh. Agus uair no dhà, bhuail tè no dhà anns an talamh. Tha sinn an dùil gun tug e air mòran air an talamh a bhualadh ach cuid as motha dhiubh, ‘s ann glè bheag a tha iad, cha dèan iad cron sam bith.

[Iain Aonghas MacLeòid] Bidh sinn a’ faicinn solas anns an adhar, cuid their iad reultan riutha agus cuid their iad rionnagan riutha. Chan eil eadar-dhealachadh eatarra ann. Ach tha reultan-cearbach againne, no mar a their iad comets. Tha sin eadar-dhealaichte o na dreagaichean. Agus chan eil ann ach dust mìn agus deigh agus tha iad a’ dèanamh cearcall mun ghrèin nuair a thig iad faisg air a’ ghrèin, tha an deigh a’ leaghadh agus tha mar gum biodh earball a’ tighinn às an dreaga, deigh, uisge agus dust. Agus tha feadhainn dhiubh mar reul-chearbach Halley, tha i a’ tilleadh a h-uile trì fichead bliadhna ‘s a sia-deug.

[Iain Aonghas MacLeòid] Nise, na planaidean, ‘s e a th’ annta, ach reultan mòra, mòra, mòra agus tha seachd dhiubh ann – agus canaidh sinn riutha teaghlach na grèine a chionn gu bheil a’ ghrian aig meadhan an teaghlaich a tha seo.

[Niall Mac ‘ille Mhaoil] Gealach a' bhruic bhuidhe, bha i a’ tighinn ann an Lùnastal, agus gu math tric, bhiodh deagh thìde leatha agus bhiodh an iarmailt cho soilleir, le cinnt cha bhuineadh am facal, chan robh broc an seo ann, ach a dh’ aindeoin sin, bha am facal ann. Bhiodh an t-àite cho soilleir agus cho eireachdail a’ coimhead leis a’ ghealaich, chithear mìltean a dh’ astar le gealach a' bhruic bhuidhe.

[Murchadh MacSuain] Gealach a bhiodh ann bhon t-Sultain, ‘s e gealach bhuidhe an abachaidh a theireadh iad rithe. Agus shuas ann an Dùthaich ‘ic Aoidh, ‘s e gealach buain a' choirce a th’ ac’ oirre.

[Niall Mac ‘ille Mhaoil] Gealach an abachaidh, sin agad a’ ghealach a bu phrionnsabal a bha cha mhòr sa bhliadhna. Nam biodh deagh thìde leatha, gu math tric, bhiodh, sin nuair a bhiodh i slàn, sin nuair a bha coirc ag abachadh, gu h-àraidh an coirce beag. Agus nam biodh deagh cheala-deug seachad, bha e deiseil airson a ghearradh.

[Murchadh MacSuain] Nuair a bhiodh gealach ùr ann, theireadh iad ‘siud agaibh a’ ghealach ùr, rìgh nan saoghal gad bheannachadh’. Is canadh iad anns na h-Eileanan a Tuath sna h-Eileanan a Deas.

[Niall Mac ‘ille Mhaoil] Duine a bhiodh ag innse stòiridh nach gabh e creidsinn co-dhiù, cainnte e ris ‘ò, nach robh e crochte ris a’ ghealaich ‘s a dhruim ga fhàgail’. Bha e cho ròiligste co-dhiù, cha gabh e creidsinn, agus bhiodh tu coma ged bhiodh e crochte ris a’ ghealaich.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

The stars and the skies

[Eilidh MacLeod] It was believed that if a cockerel crowed at an unnatural time, say, after midnight, that was a bad sign. The same thing was also believed about comets, a light like a star with a tail falling from the sky.

[John Angus MacLeod] Asteroids, which would frighten our ancestors. They would be looking out the caves and they would see the light in the sky and they would think that something awful was going to happen. Now, an asteroid, it’s a big lump, it could be a yard long or it could be two miles long and it’s rubbish that was left when planets were created. And most of these asteroids are in the space between Mars and Jupiter. And now and again, maybe one will fall further and it will come close to the earth. And once or twice, one will hit the earth. We think that many hit the earth, but most of them are very small, they won’t do any harm.

[John Angus MacLeod] We see light in the sky, some call them reultan (stars) and some call them rionnagan (stars). There is no difference between them. But we have comets, or as they call them comets. That is different from asteroids. And that is just fine dust and ice and they make a circle about the sun when they come close to the sun, the ice melts and there is a tail coming out of the comet, ice, water and dust. And there are some like Halley’s Comet that returns every 76 years.

[John Angus MacLeod] Now, the planets, they are just big, big, big stars and there are seven of them and we call them the solar system as the sun is at the middle of this family.

[Niall MacMillan] Gealach a' bhruic bhuidhe (Lucky badger moon), it would come in August, and often, there would be good weather with it and the sky would be light, certainly the word doesn’t originate here, there were no badgers here, but in spite of that, the word was here. The place would be so light and so beautiful and looking at the moon, you’d see millions of space with the lucky badger moon.

[Murdo MacSween] The moon in September, they call it the Gealach bhuidhe an abachaidh (Harvest Moon). And up in Sutherland, they call it the Gealach buain a' choirce (Harvest Moon).

[Niall MacMillan] Gealach an abachaidh (The Harvest Moon), that’s the main moon that there was in the year. If it brought good weather, and often it would, that is when it is full, that’s when you would harvest the oats, especially dwarf oats. And when a good fortnight had passed, it would ready to be cut.

[Murdo MacSween] When there was a new moon, you would say ‘there is the new moon’ The King of the World is greeting you’. And they would say that in the northern isle and the southern isles.

[Niall MacMillan] A person who tells a story that you do not believe at all, you would say of them ‘Oh, wasn’t he hanging from the moon and leaving his back’. He was rolling anyway, and you would not care if he was hanging with the moon.

This programme, Beul Chainnt, was first broadcast in 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

sinnsirean - forefathers

dreag - asteroid

reultan - stars

rionnagan - stars

reultan-cearbach - comet

gealach a' bhruic bhuidhe - lucky badger moon

gealach bhuidhe - harvest moon

gealach an abachaidh - harvest moon