menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Documentaries Prògraman Aithriseachd

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

An oifis aig Pòl

[Pòl] Seo an oifis agams’. ’S ann a-staigh an seo a tha mise air a bhith ag obair airson na trì bliadhna a bha mi ag obair an seo agus mar a tha sibh a’ faicinn tha an deasg agam agus tha na sgeilpichean rudeigin falamh agus mar sin tha mi an-dràsta a’ tighinn na làithean-s’ a’ tidy-eadh rudan an àrd agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil gu bhith ann an òrdugh mus fhalbh mi.

[Preseantair] Tha Pòl Moireach ag obair dha companaidh togail a theaghlaich ann an Steòrnabhagh. An ceann seachdain eile bidh e a’ cur cùl ris an obair aige agus a’ dol a Dhùn Èideann gu Seminary Diadhaireachd na h-Eaglaise Saoire airson a’ mhinistrealachd a thoirt a-mach.

[Pòl] Seo m’ athair. Seo an duine a bhios ag innse dhomh dè nì mi a h-uile latha. An duine a bhios ga mo chumail ceart.

[Ailig] Bidh sinn ga ionndrainn. Bidh sinn ga ionndrainn. Cha robh sinn ag innse sin dha-san idir ach bidh sinn gad ionndrainn ceart gu leòr. Tha e an dèidh a bhith ann an seo son trì bliadhna a-nis ach tha sinn gu math toilichte an obair a tha a’ dol ris agus tha sinn gu math toilichte a leigeil air falbh airson sin.

[Preseantair] Tha Pòl pòsta aig Amanda agus nighean bheag sia mìosan aca, Màiri Bell. Le taigh ann an Steòrnabhagh agus cosnadh aig an dithis aca bha iad gu math cofhurtail ann an Leòdhas. Ach tha slighe ùr am beatha Pòil air crathadh a thoirt air am beathannan air fad.

[Pòl] Bha sinne gu math dòigheil a’ fuireach an seo an Steòrnabhagh agus bha dùil againn latheigin ’s mathaid taigh a thogail an Nis cuideachd agus sin na plans a bh’ againn agus bha sinn dòigheil san obair a bh’ againn. Amanda a’ teagaisg as na Hearadh. Tha i an sin fhathast agus tha mi fhìn ag obair còmhla ri m’ athair an Steòrnabhagh. Ach man a thachair an rud saoilidh sinn nach robh cothrom againn air agus gun robh an Cruthadair a’ bruidhinn rinn agus ag iarraidh oirnn falbh. Uill, an co-dhùnadh gun tàinig sinn gu bhith a’ falbh a Dhùn Èideann agus a bhith dealaichte bho chèile son faisg air bliadhna, chan e co-dhùnadh furasta a bh’ ann.

[Amanda] Bha e gu math doirbh aig an toiseach. Tha mi a’ smaointinn nuair a dh’innse e dhomh, ged a bha dùil a’m ris ann an dòigh cuideachd, ach tha mi a’ smaointinn dìreach a bhith air falbh bho teaghlach ’s ise cho beag, sin ’s dòcha an rud as duilghe. Ach fàsaidh sinn cleachdte ris, tha mi a’ creid.

[Pòl] ’S e am prìomh adhbhar ’s gu bheil mi fhìn ag iarraidh a bhith nam mhinisteir as an Eaglais Shaoir ’s e gu bheil mi a’ faireachdainn gu bheil Dia air gairm a thoirt dhomh gu bhith nam mhinisteir agus gu bheil E ag iarraidh orm sin a dhèanamh. Chan eil mi idir a’ smaoineachadh gu bheil e ceart dha duine e fhèin a chur dhan àite a tha sin, dhan dreuchd a tha sin gun gairm a bhith aige bho Dia.

[Preseantair] Tha Pòl agus Amanda a’ cur an taigh aca a-mach air màl agus a’ gluasad a-mach. Amanda air ais dha na Hearadh far an lean i oirre a’ teagaisg airson greis.

[Pòl] Tha mi air a bhith a’ cosnadh agus a bhith a’ faighinn tuarastal a h-uile seachdain airson na trì bliadhna a chaidh seachad agus chan eil sin gu bhith agam. Tha mi gu bhith beò a-rithist mar student agus cha chreid mi gum bi sin furasta dha duine ach tha sinn a’ creid gun cuidich an Tighearna sinn ri sin agus tha E a’ dèanamh sin mar-thà. Tha daoine gu math bàidheil rinn, a bhith a’ toirt seachad airgead agus rudan airson ar cuideachadh agus mar sin tha sinn taingeil.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Paul’s office

[Paul] This is my office. It is in here that I have been working for the three years that I was working here and as you can see my desk and the shelves are somewhat empty and so I am now coming these days to tidy things up and make sure that everything is in order before I leave.

[Presenter] Paul Murray works for his family’s building firm in Stornoway. In another week he will be leaving his job and going to Edinburgh to the Free Church Theological Seminary to become a minister.

[Paul] This is my father. This is the man who tells me what to do everyday. The man who keeps me right.

[Alec] We will miss him. We will miss him. We didn’t tell him that at all but we will miss you right enough. He has been here for three years now but we are very happy with the job he’s going to and we are very happy to let him go for that.

[Presenter] Paul is married to Amanda and they have a six month old daughter, Màiri Bell. With a house in Stornoway and both having employment they were very comfortable in Lewis. But a new direction in Paul’s life has shaken all their lives.

[Paul] We were very settled living here in Stornoway and we planned someday to perhaps build a house in Ness too and that’s the plans we had and we were settled in our jobs. Amanda teaches in Harris. She is still there and I work with my father in Stornoway. But as the matter happened I don’t think that we had an option when the Creator spoke to us and asked us to leave. Well the decision that we came to leave for Edinburgh and to be seperated from each other for nearly a year, it wasn’t an easy decision.

[Amanda] It was very difficult initially. I think when he told me, although I expected it in a way too, but I think just to be away from family and she’s so little, that’s perhaps the most difficult thing. But we’ll get used to it, I believe.

[Paul] The main reason that I want to be a minister in the Free Church is that I feel that God has called me to become a minister and that He wants me to do that. I don’t at all think that it is right for a person to put themselves in that place, in that job without them having a calling from God.

[Presenter] Paul and Amanda are renting out their house and moving out. Amanda back to Harris where she will continue teaching for a while.

[Paul] I have been earning and receiving a wage every week for the past three years and I’m not going to have that. I am going to be living again as a student and I don’t believe that that will be easy for anyone but we believe that the Lord will help with that and He is doing that already. People are very kind to us, giving money and things to help us and we are grateful.

This programme, Balaich a' Bhìobaill, was first broadcast in 2015.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

sgeilpichean - shelfs

pòsta - married

cofhurtail - comfortable

Na Hearadh - Harris

co-dhùnadh - decision