FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about things that have happened A’ bruidhinn mu rudan a tha air tachairt

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Bill Tha thu sgìth, a Cheit. You’re tired, Kate.
Ceit Tha.
’S dòcha gun dùisg an cofaidh seo mi.
Yes.
Maybe this coffee will wake me up.
Iain Uill, an do chòrd an obair riut? Well, did you enjoy the work?
Ceit Cha chanainn gun do chòrd i rium, Iain.
Ach cha robh i cho dona ’s a bha mi a’ smaoineachadh.
I wouldn’t say that I enjoyed it, John.
But it wasn’t as bad as I thought.
Bill Nach tuirt mi riut! Didn’t I tell you!
Iain An tig thu air ais ma-thà? Will you come back then?
Ceit Thig, ma-thà.
Turas eile.
Feumaidh mi tighinn air ais.
Cha bhruidhinn Magaidh ribhse.
Yes, then.
Another time.
I have to come back.
Maggie won’t speak to you.
Bill Bha thu uabhasach math do Mhagaidh.
Tha thu air cuideachadh mòr a thoirt dhi.
You were very good for Maggie.
You’ve helped her a lot.
Ceit Saoil carson a tha i a’ fuireach ann an Glaschu?
Chan eil duine aice an seo.
Bu chòir dhi tilleadh dhachaigh gu Muile.
I wonder why she stays in Glasgow?
She doesn’t have anyone here.
She should return home to Mull.
Bill ’S dòcha nach eil duine air fhàgail aice an sin.
Chan eil Muile mar a b’ àbhaist.
Maybe she doesn’t have anyone left there.
Mull isn’t as it used to be.
Ceit Chan eil.
Co-dhiù, seall an uair a tha e.
Bu chòir dhomh a dhol dhachaigh.
No.
Anyway, look at the time.
I should go home.
Iain A bheil Murchadh a’ feitheamh riut? Is Murdo waiting for you?
Ceit Bidh Murchadh air a dhol a-mach còmhla ri Eòghann, tha mi cinnteach. Murdo will have gone out with Ewan, I’m sure.
Iain Bhiodh Bill toilichte nan tigeadh tu air ais cuideachd. Bill would be pleased if you came back too.
Ceit Chan eil mi airson obair ann a h-uile oidhche, ach nan tiginn ann Diluain, Dimàirt agus Diciadain.
Am biodh sin ceart gu leòr?
I don’t want to work there every night, but if I came Monday, Tuesday and Wednesday.
Would that be alright?
Iain Ò, bhitheadh.
Bill, tha Ceit dìreach air innse dhomh gun tig i a dh’obair trì oidhcheannan san t-seachdain.
Oh, yes.
Bill, Kate’s just told me that she’ll come to work three nights a week.
Bill Math dha-rìribh.
Tha mi air dithis fhaighinn a-nis a tha math air an obair agus a tha deònach daoine eile a chuideachadh.
Fantastic.
I’ve got two people now who are good at the job and are willing to help other people.
Ceit Tha sibhse air a bhith glè mhath dhomhsa.
Faodaidh mise cuideachadh a thoirt dhuibh a-nis.
You’ve been very good to me.
I can help you now.
Iain Agus faodaidh mise cuideachadh a thoirt dhutsa cuideachd.
Tiugainn, bheir mi dhachaigh thu.
Cò tha a' coimhead an dèidh Choinnich a-nochd?
And I can help you too.
Let’s go, I’ll take you home.
Who’s looking after Kenneth tonight?
Bill Tha Seonag.
A-rithist.
Chan eil fhios agam dè dhèanainn mura biodh i ann.
Joan is.
Again.
I don’t know what I’d do if she wasn’t there.
Murchadh Iain, Iain!
Tha mi air a bhith a’ fònadh gu Ceit, ach chan eil i a-staigh.
A bheil fhios agadsa càit a bheil i?
John, John!
I’ve been phoning Kate, but she isn’t in.
Do you know where she is?
Ceit Seo mi, a Mhurchaidh. Here I am, Murdo.
Iain Tha i air a bhith gar cuideachadh. She’s been helping us.
Murchadh Tha mi air a bhith fònadh fad na h-oidhche.
Cha robh fhios agam càit an robh thu.
I’ve been phoning all night long.
I didn’t know where you were.
Ceit Tha fhios agad a-nis ma-thà. You know now then.
Murchadh Tiugainn, coisichidh sinn dhachaigh. Let’s go, we’ll walk home.
Iain Faodaidh sibh tighinn còmhla riumsa anns a’ chàr. You can come with me in the car.
Murchadh Cha tig, tapadh leat.
Feumaidh mi fhìn agus Ceit bruidhinn.
No thanks.
Kate and I need to talk.
Iain Saoil a bheil Murchadh a’ tuigsinn cho fortanach ’s a tha e? I wonder if Murdo understands how fortunate he is?
Bill Dè tha thu a’ ciallachadh? What do you mean?
Iain Tha Ceit aige.
Agus tha i cho coibhneil agus cho gasta.
He has Kate.
And she is so kind and a fine woman.
Bill Chan eil e furasta daoine eile a thuigsinn, Iain.
’S gu dearbh, chan eil e cho furasta dithis eile a thuigsinn.
An dèidh dhut Anna a chall, ’s dòcha gun robh thu a’ faicinn cus de Cheit.
Saoil a bheil Murchadh a’ smaoineachadh gu bheil e ga call?
It’s not easy to understand other people, John.
And indeed, it isn’t easy to understand another two people.
After you lost Anne, maybe you saw too much of Kate?
I wonder if Murdo thinks that he is losing her?
Murchadh Cha tuirt thu rium gum biodh tu a’ tighinn an seo. You didn’t tell me that you would be coming here.
Ceit Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh tu coma. I thought that you wouldn’t care.
Murchadh Carson? Why?
Ceit Bho thàinig Eòghann, tha thu air a bhith ag òl a h-uile latha.
Cha robh ùidh agad annamsa.
Since Ewan came, you’ve been drinking every day.
You weren’t interested in me.
Murchadh Dè?
Thàinig mi gu Càirdeas feuch am biodh fios aig Iain càit an robh thu.
Tha thu a' bruidhinn ris-san nas trice na tha thu a’ bruidhinn riumsa.
What?
I came to Càirdeas to see if John would know where you were.
You speak to him more often than you speak to me.
Ceit Tha e ag ionndrainn Anna. He’s missing Anne.
Murchadh Tha sinn uile ag ionndrainn Anna.
Agus tha mise gad ionndrainn-sa a-niste.
We are all missing Anne.
And I’m missing you now.
Ceit Tha thu air a bhith ag òl.
Chan eil fhios agad dè tha thu ag ràdh.
You’ve been drinking.
You don’t know what you’re saying.
Murchadh Tha fios agam glè mhath dè tha mi ag ràdh.
Agus, tha fios agam dè tha tachairt.
I know very well what I’m saying.
And I know what’s happening.
Ceit Agus dè tha tachairt? And what is happening?
Murchadh Tha thu sgìth dhìomsa, agus tha ùidh agad ann an Iain.
Tha thu air a bhith còmhla ris a h-uile latha.
You are tired of me, and you are interested in John.
You’ve been with him every day.
Ceit A Mhurchaidh, feumaidh sinn Iain a chuideachadh an-dràsta. Murdo, we have to help John just now.
Murchadh Iain, Iain, Iain.
Chan eil dad agad ach Iain.
John, John, John.
Nothing but John.
Ceit A bheil thu a’ tuigsinn carson a tha mi a’ smaoineachadh air Iain an-dràsta?
Chan eil thu gam thuigsinn-sa.
’S dòcha nach eil mise gad thuigsinn-sa.
Do you realise why I am thinking about John just now?
You don’t understand me.
Maybe I don’t understand you.
Murchadh Seadh? So?
Ceit Mura h-eil sinn a’ tuigsinn a chèile, bu chòir dhuinn sguir a dhol a-mach còmhla. If we don’t understand each other, we should stop going out together.
Murchadh Dè? What?
Ceit ’S dòcha gun tuig thu nuair a tha thu sòbarra.
Beannachd leat, a Mhurchaidh.
Maybe you’ll understand when you are sober. Goodbye, Murdo.