FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Organising a party A’ cur partaidh air dòigh

The most difficult question I've ever seenA' cheist as doirbhe a chunnaic mi riamh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

banais a wedding

cò bhiodh gar n-iarraidh? who would want us?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Iain Nach eil an eaglais sin bòidheach? Isn’t that church beautiful?
Seonag Tha. Yes.
Iain Sin an eaglais as bòidhche a chunnaic mise riamh. That’s the most beautiful church that I have ever seen.
Seonag Agus seo an deuchainn as dorra a chunnaic mise riamh. And this is the most difficult exam that I’ve ever seen.
Iain Cha tèid agadsa air smaoineachadh air rudan snoga idir, an tèid? You can’t think of nice things at all, can you?
Seonag Thèid.
Thèid agam air smaoineachadh air rudan mar calculus, agus geometry, agus em...
Yes, I can.
I can manage to think of things like calculus, and geometry, and em...
Iain Bu toigh leamsa pòsadh ann an eaglais mhòr, bhrèagha.
Agus, bu toigh leam hò-rò-gheallaidh a bhith againn.
’S e an latha as fheàrr de mo bheatha a bhiodh ann.
Mi fhìn agus .. agus am boireannach as fheàrr leam.
I’d like to marry in a big, beautiful church.
And I’d like us to have a big celebration.
It would be the best day of my life.
Myself and... and the woman that I like best.
Seonag Agus cò i? And who is she?
Iain Uill, ’s i am boireannach as gasta agus as brèagha a th’ ann.
Agus tha i trang ag obair air calculus an-dràsta.
A Sheonag, a ghràidh.
Tha an t-àm aig an dithis againn pòsadh.
Well, she is the finest and more beautiful woman.
And she’s busy working on calculus just now.
Joan, dear.
It’s time for the two of us to marry.
Seonag A ghràidh. Cò bhiodh gar n-iarraidh? Who would want us, dear?