FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about job prospects A’ bruidhinn mu chothroman cosnaidh

Are you interested in...?A bheil ùidh agad ann an...?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

am bu toigh leat a bhith …? would you like to be …?

a bheil thu airson a bhith …? do you want to be … ?

… nad chunntasair … an accountant

… nad nurs … a nurse

… nad chòcaire … a cook

am bu toigh leat a bhith nad chunntasair? would you like to be an accountant?

a bheil thu airson a bhith nad nurs? do you want to be a nurse?

tha mi airson a bhith … I want to be …

bu toigh leam a bhith … I would like to be …

Note nam is necessary to accurately complete this particular sentence.

… nam dhotair … a doctor

… nam pheantair … a painter

… nam ailtire … an architect

bu toigh leam a bhith nam dhotair I would like to be a doctor

tha mise airson a bhith nam dhotair I want to be a doctor

a bheil ùidh agad …? do you have an interest …?

… ann an siubhal … in travel

… ann an ealain … in art

a bheil ùidh agad ann an ealain? do you have an interest in art?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Teacher Uill, a Sheonag.
Am bu toigh leat a bhith nad chunntasair nuair a dh’fhàgas tu an sgoil?
Well, Joan.
Would you like to be an accountant when you leave school?
Seonag ’S dòcha.
’S dòcha gum bi mi nam chunntasair, no ’s dòcha gum bi mi nam bhancair.
Bu toigh leam a bhith beairteach co-dhiù.
Maybe.
I might be an accountant, or maybe I’ll be a banker.
I’d like to be rich anyway.
Teacher Dè mu do dheidhinn-sa Tònaidh?
Leigheasachd, e?
A bheil thu airson a bhith nad nurs nuair a dh’fhàgas tu an sgoil?
What about you, Toni?
Medicine, eh?
Do you want to be a nurse when you leave school?
Toni Chan eil.
Tha mi airson a bhith nam dhotair.
No.
I want to be a doctor.
Teacher Glè mhath. Ach feumaidh tu obair mhòr a dhèanamh mus bi thu nad dhotair. Very good. But you have to work hard if you want to be a doctor.
Ross Sin an leabhar a bha mise a’ lorg. That’s the book that I was looking for.
Teacher Ross, gabh air do shocair!
A bheil ùidh agadsa ann an leigheasachd cuideachd?
Am bu toigh leat a bhith nad dhotair?
Ross, take it easy!
Are you interested in medicine too?
Would you like to be a doctor?
Ross Bu toil. Yes.
Teacher Tha fhios gu bheil leabhraichean gu leòr againn air leigheasachd.
Trobhad gus am faic sinn.
I’m sure that we have plenty of books about medicine.
Come and we will see.
Teacher Tha seo glè mhath, Fiona. This is very good, Fiona.
Fiona Tapadh leibh. Thank you.
Teacher A bheil ùidh agad ann an ealain? Are you interested in art?
Fiona Tha.
Bu toigh leam a bhith nam pheantair nuair a dh’fhàgas mi an sgoil.
Yes.
I’d like to be a painter when I leave school.
Teacher ’S dè tha dol an seo?
E?
Mo chreach ’s a thàinig.
Càr rèisidh a-rithist.
A bheil ùidh agad ann an rud sam bith ach càraichean rèisidh, Philip?
And what’s going on here?
Eh?
Oh my goodness.
A racing car again.
Aren’t you interested in anything else but racing cars, Philip?
Philip Chan eil.
Tha mi airson càr rèisidh a dhràibheadh nuair a dh’fhàgas mi an sgoil.
No.
I want to drive a racing car when I leave school.
Teacher Agus thusa a Dhòmhnaill.
Tha thusa airson a bhith nad shaighdear nuair a dh’fhàgas tu an sgoil, a bheil?
And you Donald.
You want to be a soldier when you leave school, do you?
Dòmhnall Tha. Yes.