FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Telling people things Ag innse rudan do dhaoine

I can't tell you thatChan urrainn dhomh sin innse dhut

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

chan urrainn dhomh … I can’t …

chan urrainn dhomh innse dhut I can’t tell you

chan urrainn dhomh sin innse dhuibh fhathast I can’t tell you that yet (plural/polite)

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman 1 Feumaidh tu fhèin agus Iain tighinn a chèilidh oirnn. You and John must come to visit us.
Woman 2 Feumaidh. Yes.
Woman 1 Dè mu dheidhinn dìnnear? How about dinner?
Woman 2 Bhiodh sin math. That would be good.
Woman 1 An can sinn Oidhche Haoine? Will we say Friday?
Woman 2 Chan urrainn dhomh innse dhut an-dràsta.
’S fheàrr dhomh bruidhinn ri Iain an toiseach.
Fònaidh mi thugad.
I can’t tell you just now.
I better speak to John first.
I’ll phone you.
Woman 1 Ceart gu leòr ma-thà. Alright then.
Waitress Feasgar math. Good afternoon.
Woman 1 Feasgar math.
Tha an t-acras mòr orm.
Good afternoon.
I’m very hungry.
Woman 2 Tha an t-acras ormsa cuideachd.
Croque monsieur..dè tha sin?
I’m hungry too.
Croque monsieur...what’s that?
Woman 1 Chan urrainn dhomh innse dhut. I can’t tell you.
Waitress A bheil sibh deiseil? Are you ready?
Woman 1 Chan eil fhathast.
An innis sibh dhuinn dè th’ ann an croque monsieur?
Not yet.
Can you tell us what a croque monsieur is?
Waitress Tost le hama is càise. Toast with ham and cheese.
Woman 2 Tost le hama is càise?
Tha mise ag iarraidh sin.
Toast with ham and cheese.
I want that.
Mr MacNeil Halò, Park Lane Motors? Hello, Park Lane Motors?
Mechanic Aha. Uh huh.
Mr MacNeil Halò, seo Maighstir MacNeil a-rithist.
A bheil an càr agam deiseil fhathast?
Hello, this is Mr MacNeil again.
Is my car ready yet?
Mechanic Chan eil. No.
Mr MacNeil A bheil fios agaibh dè cho fad ’s a bhios e ma-thà? Do you know how long it will be then?
Mechanic Chan eil. No.
Mr MacNeil Saoil am bi e deiseil a-màireach? I wonder if it will be ready tomorrow?
Mechanic Tha mi duilich, ach chan urrainn dhomh sin innse dhuibh fhathast.
Ach fònaidh sinn thugaibh an uair a bhios sinn cinnteach dè tha ceàrr.
I’m sorry, but I can’t tell you that yet.
But we will phone you when we are certain what’s wrong.