FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Country pursuits Cur-seachadan dùthchail

Did you sleep well? (polite / profile)An do chaidil sibh gu math?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

druim a ridge, back

cnoc a hill

beinn a mountain

suas a’ bheinn up the hill

suas a’ bheinn sin up that hill

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Teacher Nise, a Mhàrtainn, dè tha thu a’ dèanamh? Now, Martin, what are you doing?
Màrtainn A’ peantadh. Painting.
Teacher Tha sin àlainn.
An e sin an taigh?
That’s lovely.
Is that the house?
Màrtainn ’S e. Yes.
Teacher Sin an taigh ri taobh an uillt. That’s the house beside the burn.
Màrtainn ’S e. Yes.
Teacher Dè tha sin? What’s that?
Màrtainn A’ ghrian. The sun.
Teacher Agus, sin beinn nach e? And, that’s a mountain isn’t it?
Màrtainn ’S e. Yes.
Guest Madainn mhath. Good morning.
Hotelier Madainn mhath.
An do chaidil sibh gu math?
Good morning.
Did you sleep well?
Guest Chaidil, tapadh leibh. Yes, thank you.
Hotelier Càit a bheil sibh a’ dol an-diugh? Where are you going today?
Guest Bha dùil agam a dhol suas a’ bheinn sin. I planned to go up that mountain.
Hotelier Bha iad ag ràdh air an rèidio gum bi an t-uisge ann an-diugh fhathast. They were saying on the radio that there will be rain today yet.
Guest Ach uill, chì mi.
Cha tèid mi suas ma bhios droch aimsir ann. Tìoraidh.
Ach well, I’ll see.
I won’t go up if there’s bad weather. Cheerio.