FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about things you enjoy A’ bruidhinn mu rudan a tha a’ còrdadh riut

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Tormod’s wife Tha mi duilich.
A bheil Tormod an seo idir?
Bha dùil agam gum biodh e an seo.
I’m sorry.
Is Norman here at all?
I thought that he would be here.
Seumas Bha dùil againn uile gum biodh Tormod an seo.
Bha Màiri Banrigh na h-Alba a’ feitheamh ris an Iarla Bothwell aice fad an fheasgair.
We all thought that Norman would be here.
Mary Queen of Scots was waiting for her Earl Bothwell all evening.
Ceit Cha robh Tormod an seo a-nochd idir.
Nach eil e aig an taigh?
Norman wasn’t here tonight at all.
Isn’t he at home?
Tormod’s wife Chan eil.
Chan eil duine a-staigh.
Bha mi fhìn aig coinneamh agus tha a’ chlann aig taigh mo mhàthar.
No.
Nobody’s in.
I was at a meeting and the children are at my mother’s house.
Ceit Thuirt Tormod gun robh cuideigin a’ tighinn gu biadh còmhla ribh a-nochd. Norman said that somebody was coming for dinner with you tonight.
Tormod’s wife Tha sin ceart.
Fiona agus Trevor Hutchison.
Tha iad a’ feitheamh a-muigh sa chàr.
That’s right.
Fiona and Trevor Hutchison.
They are waiting outside in the car.
Anna Ò mo chreach ’s a thàinig. Oh my goodness me.
Seumas Abair dràma. What drama.
Iain An e sin a’ bhean aig Tormod Mac a’ Phì? Is that Norman MacPhee’s wife?
Anna ’S e.
Sìne Nic a’ Phì.
Yes.
Jean MacPhee.
Iain Tha sin duilich do Cheit, nach eil? That’s difficult for Kate, isn’t it?
Seumas Gu math duilich.
Tha Ceit agus Tormod...
Very difficult.
Kate and Norman are...
Anna Ist a Sheumais!
Dùin do bheul.
Saoil am bu chòir dhomh a dhol a chuideachadh Ceit?
Wheesht James.
Shut your mouth. I wonder if I should go and help Kate?
Seumas Thèid mi fhìn ann. I’ll go myself.
Anna Tha seo a’ còrdadh riut, nach eil? You’re enjoying this, aren’t you?
Iain Suidh thusa far a bheil thu.
No dè mu dheidhinn an dealbh-chluich a leughadh ma tha thu airson Ceit a chuideachadh?
Siuthadaibh.
An tòisich sinn a' leughadh a-nis?
You sit where you are.
Or how about reading the play if you want to help Kate?
On you go.
Will we start reading now?
Sìne Nic a’ Phì (Tormod’s wife) Chan eil fhios agam carson a thàinig mi an seo. I don’t know why I came here.
Ceit Tha fhios gum bi Tormod aig an taigh a-nis. Norman is bound to be home now.
Iseabail A Cheit, tha mi cho duilich.
Cha robh Cailean a’ faireachadh gu math ’s b’ fheudar dhomh.... A Shìne, A Shìne, A Shìne, ’s math d’ fhaicinn!
Ciamar a tha thu, a Shìne?
Tha thu a' coimhead rud beag sgìth.
An robh thusa aig an dràma?
Kate, I’m so sorry.
Colin wasn’t feeling well and I had to...Jean, Jean, Jean, good to see you!
How are you, Jean?
You look a little tired.
Were you at the drama?
SÌne Cha robh.
Tha mise ro thrang.
No.
I am too busy.
Ishbel Tha an dràma a’ còrdadh cho math ris a h-uile duine ’s an dealbh-chluich aig Tormod cho math.
’S e Ceit a bhios a’ dèanamh Màiri Banrigh na h-Alba ’s tha sinn an dòchas gun dean Tormod Iarla Bothwell.
Nach eil, a Cheit?
Everyone is enjoying the drama so much because Norman’s play is so good.
Kate is playing Mary Queen of Scots and we hope that Norman will play Earl Bothwell.
Don’t we, Kate?
Ceit Tha, Iseabail. Yes, Ishbel.
SÌne Uill, tha mi toilichte gu bheil an dràma a’ còrdadh ribh.
Ach chan e dealbh-chluich ùr a tha ann idir.
Sgrìobh Tormod i o chionn còig bliadhna deug an uair a bha sinn sa cholaiste.
Rinn mise Màiri agus rinn Tormod Iarla Bothwell.
Chòrd i cho math rinn.
Agus thug Tormod seo dhomh air an oidhche mu dheireadh.
Well, I’m pleased that you are enjoying the drama.
But it’s not a new play at all.
Norman wrote it fifteen years ago when we were at the college.
I played Mary and Norman played Earl Bothwell.
We enjoyed it so much.
And Norman gave me this on the last night.
Tormod A Cheit, bha fhios agam gum biodh tu tighinn. Kate, I knew you would come.
Ceit Thalla dhachaigh, a Thormoid. Away home, Norman.
Tormod A Cheit? Kate?
Ceit Thalla dhachaigh.
Tha Sìne a' feitheamh riut.
Tha agus Fiona agus Trevor.
Thalla, greas ort, no bidh an dìnnear fuar!
Away home.
Jean is waiting for you.
She and Fiona and Trevor.
Go away, hurry up, or dinner will be cold!
Tormod Ist, a Cheit.
Ist, m’ eudail.
Chan eil mi airson a dhol air ais an sin a-nochd.
Tha mi cho sgìth dheth.
Sìne agus na coinneamhan aice, agus Fiona agus Trevor, agus am bouef bourgignon aca.
Tha mi airson a bhith còmhla riutsa a-nochd.
Agus a h-uile oidhche.
A bheil thu ag èisteachd rium, a Cheit?
Thugainn m’ eudail.
Nach tèid sinn dhachaigh a-niste?
Mi fhìn agus thu fhèin.
Wheesht, Kate.
Be quiet, darling.
I don’t want to go back there tonight.
I am so tired of it.
Jean and her meetings, and Fiona and Trevor, and their beef bourgignon.
I want to be with you tonight.
And every night.
Are you listening to me, Kate? Come on, darling.
Let’s go home now.
Me and you.