FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Arranging to go out A’ cur air dòigh a dhol a-mach

Won't we go?Nach tèid sinn?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

nach tèid sinn? won’t we go?

… dhan taigh-dealbh … to the cinema

… dhan taigh-sheinnse … to the pub

spèileadh skating

nach tèid sinn spèileadh? won’t we go skating?

an toiseach first

an uair sin then, at that time

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man Widows Peak. Widows Peak.
Woman Chan eil mi airson sin fhaicinn co-dhiù.
Dè mu dheidhinn Shadowlands?
I don't want to see that anyway.
What about Shadowlands?
Man Chunnaic mi sin. I saw that.
Woman An robh e math? Was it good?
Man Cha robh e dona.
Nach tèid sinn a dh’fhaicinn sin ma-thà?
It wasn't bad.
Why don't we go to see that, then?
Woman Dè? What?
Man Philadelphia. Philadelphia.
Woman Chan eil mi cinnteach.
Dè mu dheidhinn deoch?
I'm not sure.
What about a drink?
Man Anna?
A bheil thu airson a dhol a spèileadh?
Anne?
Do you want to go skating?
Anna Cuin? When?
Man Nach tèid sinn ann an-dràsta? Won't we go there now?
Anna Chan urrainn dhomh a dhol ann an-dràsta. I can’t go there right now.
Man Carson? Why?
Anna ’S e Disathairne a th’ ann agus tha Speaking Our Language air ann am mionaid. It’s Saturday and Speaking Our Language is on in a minute.
Man Cha robh cuimhne agam. I had forgotten.
Woman Tha sinn a’ dol gu bingo a-nochd. We’re going to bingo tonight.
Woman 2 Bha dùil agamsa a dhol a chèilidh air Seonag a-nochd. I planned to go and visit Joan tonight.
Woman Nach tèid sinn gu bingo an toiseach agus faodaidh tu dhol a chèilidh air Seonag an dèidh làimh? Can’t we go to bingo first and you can go and visit Joan afterwards?
Woman 2 Ceart gu leòr. Alright.