FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Expressing hopes Ag innse mu dhòchasan

I hope that...will beTha mi an dòchas gum bi...

tha mi an dòchas gum bi… I hope … will be ...

tha mi an dòchas gum bi turadh ann I hope that it will be dry

… gum bi thu modhail … that you will be well-behaved

modhail well-behaved

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man A Mhòrag, nuair a thig thu a-steach a-màireach.... Morag, when you come in tomorrow....
Mòrag Cha bhi mi an seo a-màireach, tha latha dheth agam. I won’t be here tomorrow, I have a day off.
Man Ò, cha robh cuimhne agam.
Dè tha thu a’ dol a dhèanamh?
Oh, I had forgotten.
What are you going to do?
Mòrag Tha mi a' dol a-null a Dhùn Èideann chun na fèise. I’m going over to Edinburgh to the festival.
Man Glè mhath.
Tha mi an dòchas gum bi latha math agad.
Chì mi Diluain thu.
Very good.
I hope that you have a good day.
See you on Monday.
Mòrag Chì. Yes.
Wife A bheil airgead agad? Do you have any money?
Husband Chan eil.
Feumaidh mi a dhol dhan bhanca an toiseach.
No.
I have to go to the bank first.
Wife Tha mi an dòchas gum bi tìde gu leòr againn. I hope that we will have enough time.
Husband Och bithidh.
Chan eil am pòsadh ann gu trì uairean.
Och, we will.
The wedding isn’t on till three o’clock.
Wife Dè tha thu a’ dèanamh? What are you doing?
Husband Tha mi a' dol a pheantadh an dorais. I’m going to paint the door.
Wife Tha mi an dòchas gum bi turadh ann ma-thà. I hope that it will be dry then.
Husband Och, bithidh. Och, it will.
Nursery assistant Madainn mhath.
Halò Kirsteen.
Good morning.
Hello Kirsteen.
Mother Tha mi duilich.
Tha cabhag orm an-diugh.
I’m sorry.
I’m in a hurry today.
Nursery assistant Tha sin ceart gu leòr.
Chì sinn feasgar sibh.
That’s alright.
We’ll see you this afternoon.
Mother Tha mi an dòchas gum bi thu modhail. I hope that you are well-behaved.
Nursery assistant Bithidh. She will.
Mother Mar sin leibh. Goodbye.
Nursery assistant Mar sin leibh an-dràsta. Bye for now.