ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Expressing needs A’ cur feuman an cèill

You have to take... with you. Feumaidh tu... a thoirt leat.

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

feumaidh sibh airgead a thoirt leibh – you must take money with you (plural/polite)

feumaidh sinn deoch a thoirt leinn – we will have to take a drink with us

Other ways to say what must be taken:

feumaidh mi sgàilean a thoirt leam – I must take an umbrella with me

feumaidh mi biadh a thoirt leam – I must take food with me

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Daughter 1 Am faod sinn a dhol dhan bhùth, a mhamaidh? May we go to the shop, mummy?
Mother Faodaidh, a ghràidh. Yes, dear.
Daughter 1 Tìoraidh. Cheerio.
Mother Càit a bheil an sporan agad?
Feumaidh sibh airgead a thoirt leibh.
Where’s your purse?
You need to take money with you.
Daughter 1 Tìoraidh. Cheerio.
Daughter 1 & 2 Tìoraidh an-dràsta. Cheerio just now.
Mother Na bithibh fada a-nis. Don’t be long now.
Daughter 1 Cha bhi. We won’t.
Father A bheil thu deiseil? Are you ready?
Son Tha. Yes.
Father Am faca tu na h-iuchraichean agam? Have you seen my keys?
Son Sin iad. There they are.
Father Tapadh leat.
Tiugainn ma-thà.
Feumaidh tu seacaid no geansaidh a thoirt leat cuideachd.
Thank you.
Let’s go then.
You need to take a jacket or jumper with you too.
Son A dhadaidh, tha mi blàth gu leòr. Daddy, I’m warm enough.
Wife Seo, a ghràidh. Here, dear.
Husband Feumaidh sinn deoch a thoirt leinn cuideachd. We need to take drink with us too.
Wife Feumaidh.
Dè tha thu ag iarraidh?
Yes.
What do you want?
Husband Tha sùgh ubhail anns a’ phreas. There’s apple juice in the cupboard.
Wife Sin e. There it is.