FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing a day off A’ bruidhinn mu latha dheth

At homeAig an taigh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

Diluain Monday

latha math a good day

an robh latha math agaibh? did you have a good day?

bha mi dheth I was off

cuin a thàinig sibh? when did you come?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Sharon Haidh, a Mhàiri-Anna. Hi, Mary-Anne.
Màiri-Anna Halò Sharon.
Madainn mhath, a ghràidh.
Hello Sharon.
Good morning, dear.
Sharon Ciamar a tha sibh an-diugh? How are you today?
Màiri-Anna Tha glè mhath, tapadh leat.
Ciamar a tha thu fhèin?
Very well thank you.
How’s yourself?
Sharon Tha mi gu math.
An robh latha math agaibh an-dè?
I’m well.
Did you have a good day yesterday?
Màiri-Anna An-dè? Yesterday?
Sharon An-dè.
Diluain.
Bank Holiday.
Bha latha dheth againn.
Yesterday.
Monday.
Bank Holiday.
We had a day off.
Màiri-Anna Uill.
Bha mi dheth ceart gu leòr.
Well.
I was off right enough.
Sharon Càit an robh sibh? Where were you?
Màiri-Anna Bha mi aig an taigh.
Bha mi a’ peantadh.
Latha dheth!
Ach chaidh mi fhìn agus Iain a-mach a-raoir.
An robh latha math agad fhèin?
I was at home.
I was painting.
A say off!
But John and I went out last night.
Did you have a good day yourself?
Sharon O bha.
Bha gu dearbh.
Chaidh sinn a-null gu Dùn Èideann.
Mi fhìn agus Gary.
Yes.
Yes, indeed.
We went over to Edinburgh.
Gary and me.
Màiri-Anna Ò, mo chreach!
Dùn Èideann!
Granaidh!
Cha robh cuimhne agam.
Oh, my goodness!
Edinburgh!
Granny!
I forgot.
Julie Haidh Sharon.
Haidh a Mhàiri-Anna!
An robh latha math agaibh an-dè?
Sharon!
Dè tha seo?
Seall a Mhàiri-Anna!
Seall seo!
Hi Sharon.
Hi Mary-Anne!
Did you have a good day yesterday?
Sharon!
What’s this?
Look Mary-Anne!
Look at this!
Màiri-Anna Ò, Sharon.
Tha mi duilich.
Seall seo!
Tha i àlainn.
Ò, Sharon a ghràidh!
Oh, Sharon.
I’m sorry.
Look at this!
It’s beautiful.
Oh, Sharon dear!
Julie Meal do naidheachd! Congratulations!
Eilidh Haidh Natalie.
’S mi.
Dè tha dol?
Chan eil.
Tha mi sgìth.
Cha robh mi a’ dèanamh càil an-dè.
Bha mi dìreach a’ coimhead air an telebhisean anns a’ mhadainn.
Agus bha mi anns a’ bhaile feasgar.
Bha.
Cha robh.
Bha mi dìreach a’ leughadh agus a’ coimhead air an telebhisean.
Cha robh.
Bha latha dheth aig mamaidh agus dadaidh.
Ach bha mamaidh a’ peantadh agus bha dadaidh a’ càradh a’ chàir.
Dè bha thu fhèin a’ dèanamh?
An robh sibh air falbh?
A’ campadh?
Aig an tràigh?
Natalie!
Dè?
Cò?
Dè bha siud?
Anns an rùm-suidhe.
Ò, mo chreach Natalie, siud e a-rithist.
A Dhadaidh?
Eòghainn?
Cò?
Hi Natalie.
It’s me.
What’s happening?
No.
I’m tired.
I didn’t do anything yesterday.
I was just watching television in the morning.
And I was in the town in the afternoon.
Yes.
No.
I was just reading and watching television.
No.
Mum and dad had a day off.
But mum was painting and dad was fixing the car.
What were you up to?
Were you away?
Camping?
At the beach?
Natalie!
What?
Who?
What was that?
In the sitting room.
Oh, my goodness Natalie, that’s it again.
Dad?
Euan?
Who?
Granaidh Ò, mo chreach!
Eilidh!
Dè tha thu a’ dèanamh?
Oh, my goodness!
Helen!
What are you doing?
Eilidh A ghranaidh, dè tha sibh fhèin a’ dèanamh? Granny, what are you doing?
Granaidh Tha mi dìreach a’ leughadh. I’m just reading.
Eilidh Ò, a ghranaidh cuin a thàinig sibh? Oh, Granny when did you come?
Granaidh Thàinig mi an-diugh anns a’ mhadainn, aig deich uairean. I came this morning, at ten o’clock.
Eilidh Ach ciamar? But how?
Granaidh Bha iuchair aig Mrs Coates.
Càit a bheil mamaidh?
Mrs Coates had a key.
Where’s mum?
Eilidh Tha i ag obair. She’s working.
Granaidh Aidh, aidh.
Cha robh i ag obair an-dè.
Aye, aye.
She wasn’t working yesterday.
Eilidh Cha robh.
Bha i dheth an-dè.
Ach bha i trang fad an latha.
No.
She was off yesterday.
But she was busy all day.
Granaidh Trang. Trang a’ peantadh. Busy. Busy painting.
Eilidh Bha.
Bha mamaidh a’ peantadh fad an latha agus bha dadaidh a’ càradh a’ chàir.
Yes.
Mum was painting all day and dad was fixing the car.