FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Discussing a day off A’ bruidhinn mu latha dheth

I was at a weddingBha mi aig pòsadh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

anns a’ mhadainn in the morning

madainn morning

feasgar afternoon / evening

gu dearbh indeed

fad an latha all day

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Dè bha thu a’ dèanamh an-dè? What were you doing yesterday?
Woman 2 Uill, bha mi aig an taigh anns a’ mhadainn agus chaidh mi a chèilidh air Dòmhnall agus Mairead feasgar. Well, I was at home in the morning and I visited Donald and Margaret in the afternoon.
Barman Feasgar math, Alasdair.
Pinnt?
Good evening Alexander.
a pint?
Alasdair Mas e do thoil e.
A Fhionnlaigh?
Dè tha thu ag iarraidh?
Please.
Finlay?
What do you want?
Fionnlagh Chan eil mi ag iarraidh càil an-dràsta. I don’t want anything just now.
Barman Seo ma-thà. Here then.
Alasdair Tapadh leat.
Dè bha dol an-diugh?
An robh thu trang?
Thank you.
What were you doing today?
Were you busy?
Fionnlagh Bha mi trang anns a’ mhadainn ach bha mi dheth feasgar. I was busy in the morning but I was off in the afternoon.
Alasdair Dè bha thu a’ dèanamh? What did you do?
Fionnlagh Dìreach ag obair anns a’ ghàrradh. Just worked in the garden.
Alasdair Bha i brèagha an-diugh. It was nice today.
Fionnlagh Bha gu dearbh. It was indeed.
Woman Halò.
Ciamar a tha sibh?
Hello.
How are you?
Man Tha gu math.
Ciamar a tha sibh fhèin?
I’m well.
How’s yourself?
Woman Glè mhath, tapadh leibh.
Dè tha sibh a’ dèanamh an seo?
Very good, thank you.
What are you doing here, yourself?
Man Bha mi air saor-làithean.
Dè tha sibh fhèin a’ dèanamh an seo?
I was on holiday.
What are you doing here?
Woman Tha mi a’ fuireach ann an Glaschu. I live in Glasgow.
Man A bheil gu dearbh?
Dè tha sibh a’ dèanamh an-dràsta?
Do you indeed?
What are you up to just now?
Woman Tha mi a’ dol a Dhùn Èideann ach tha mi tighinn dhachaigh feasgar. I’m going to Edinburgh but I’ll be coming home this afternoon/evening.
Man Glè mhath. Very good.
Man A bheil thu ag iarraidh siùcar? Do you want some sugar?
Woman Chan eil, tapadh leat.
Dè bha thu a’ dèanamh feasgar an-dè, ma-thà?
No, thank you.
What were you doing yesterday afternoon, then?
Man Bha mi aig pòsadh.
A bheil thu ag iarraidh pìos cèic?
I was at a wedding.
Do you want a piece of cake?
Woman Chan eil, tapadh leat. No, thank you.