FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Arranging to go out A’ cur air dòigh a dhol a-mach

I'm going out to a danceTha mi a' dol a-mach gu dannsa

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a’ dol a-mach going out

a bheil thu a’ dol a-mach? are you going out?

a bheil thu fhèin a’ dol a-mach? are you going out yourself?

dè tha thu a’ dèanamh a-nochd? what are you doing tonight?

a bheil thu a’ dèanamh càil a-nochd? are you doing anything tonight?

tha, tha mi a’ dol … yes, I’m going …

tha dùil agam a dhol … I intend to go …

… gu partaidh … to a party

… a-mach gu biadh … out for a meal

chan eil càil nothing

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Halò a Sheònaid. Hello Janet.
Seònaid Halò.
Dihaoine a th’ ann a-rithist.
Hello.
It’s Friday again.
Woman Nach math sin?
A bheil thu a’ dol a-mach?
Isn’t that good?
Are you going out?
Seònaid Tha.
Tha mi fhìn is Fionnlagh a’ dol a-mach gu biadh.
An uair sin, tha dùil againn a dhol a dh’fhaicinn film.
A bheil thu fhèin a’ dol a-mach?
Yes, Finlay and I are going out for a meal.
Then, we intend to go to see a film.
Are you going out yourself?
Woman Tha.
Tha mi a’ dol a-mach gu partaidh.
Yes.
I’m going out to a party.
Hairdresser 1 A bheil thu fhèin a’ dol a-mach? Are you going out yourself?
Hairdresser 2 Chan eil.
Chan eil Seonaidh gu math an-dràsta.
No.
Johnny isn’t well just now.
Hairdresser 1 Tha mi duilich sin a chluinntinn. I’m sorry to hear that.
Hairdresser 2 Sin e.
Faodaidh sibh suidhe suas a-nis.
That’s it.
You may sit up now.
Woman Tapadh leibh. Thank you.
Man Haidh, a Chaluim.
Dihaoine a th’ ann a-rithist.
Dè tha dol?
Hi, Calum?
It’s Friday again.
What’s happening?
Calum Och, chan eil mòran. Och, not much.
Man Dè tha thu a’ dèanamh a-nochd? What are you doing tonight?
Calum Tha dannsa ann an Talla Phàrtaig. There is a dance on in Partick Hall.
Man Cuin a tha e a’ tòiseachadh? When does it start?
Calum Naoi uairean. Nine o’ clock.
Man Ceart ma-thà.
Chì mi an uair sin thu.
Ok then.
I’ll see you then.
Calum Chì. Yes.
Màiri-Anna A mhàthair, dè tha sibhse a’ dèanamh an seo? Mother, what are you doing here?
Mother Halò, a Mhàiri-Anna.
Feumaidh mi blobhsa ùr fhaighinn.
Tha mi fhèin ’s d’ athair a’ dol a-mach a-nochd.
Tha sinn a' dol gu cèilidh.
Dè do bheachd?
Hello, Mary-Anne.
I need to get a new blouse.
Your father and I are going out tonight.
We’re going to a ceilidh.
What do you think?
Màiri-Anna Ò, tha e snog.
Seo an dearbh rud a bha mise ag iarraidh.
Tha mi fhìn agus Mairead a’ dol gu partaidh a-nochd.
Mìle taing, a mhàthair.
Chì mi aig an taigh sibh.
Oh, it’s nice.
This is the very thing that I wanted.
Margaret and I are going to a party tonight.
Thanks a million, mother.
I’ll see you at home.