FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Planning a holiday A’ cur air dòigh saor-làithean

We are going abroadTha sinn a' dol a-null thairis

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

tha mi a’ dol … I’m going …

a-null thairis … abroad

tha mi airson a dhol a-null thairis I want to go abroad

bu toigh leam a dhol a-null thairis I would like to go abroad

tha sinn a’ dol a-null thairis we are going abroad

… sa gheamhradh … in the winter

… dhan Fhraing … to France

… a dh’Ameireaga … to America

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Agent Feasgar math. Good afternoon.
Woman Feasgar math.
Tha mi airson a dhol a-null thairis dhan Spàinn.
Good afternoon.
I want to go abroad to Spain.
Agent Glè mhath.
Suidhibh sìos.
Very good.
Sit down.
Woman Tapadh leibh. Thank you.
Agent Cuin a tha sibh airson a dhol ann? When do you want to go there?
Woman As t-samhradh. In the summer.
Agent As t-samhradh.
Ceart.
Fuirichibh mionaid, mas e ur toil e.
In summer.
Ok.
Wait a minute, please.
Woman Halò Alasdair.
Dè tha dol?
Hello Alasdair.
What’s happening?
Alasdair Tha sinn a’ falbh air saor-làithean. We are going on holiday.
Woman A bheil, gu dearbh?
Càit a bheil sibh a’ dol?
Are you, indeed?
Where are you going?
Alasdair Tha sinn a’ dol a-null thairis. We are going abroad.
Woman A-null thairis!
Càite?
Abroad!
Where?
Alasdair Dhan Fhraing.
Bidh sinn trì latha ann am Paris, agus an uair sin, bidh sinn ceithir latha ann am Bordeaux.
Tha mi duilich ach feumaidh mi...
To France.
We will be three days in Paris, and then, we’ll be four days in Bordeaux.
I’m sorry but I have to...
Woman Tha sin ceart gu leòr.
Cùm ort.
Chì mi sibh nuair a thig sibh air ais.
That’s alright.
Keep going.
I’ll see you when you come back.
Alasdair Chì.
Tìoraidh an-dràsta.
Yes.
Cheerio for now.
Woman Tìoraidh. Cheerio.
Man Am bu toigh leat a dhol a-null thairis am-bliadhna? Would you like to go abroad this year?
Woman A-null thairis?
Càite?
Abroad?
Where?
Man Dhan Fhraing. To France.
Woman Chan eil fhios agam.
Bu toigh leam a dhol a sgitheadh.
I don’t know.
I’d like to go skiing.
Man Ma thèid sinn dhan Fhraing sa gheamhradh faodaidh sinn a dhol a sgitheadh. If we go to France in the winter we may go skiing.
Woman Ceart gu leòr. Alright.