FaclairDictionary EnglishGàidhlig

News Naidheachdan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Taic do Phlana Ghàidhlig

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Tha Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain air gabhail ri cuid de mholaidhean Bhòrd na Gàidhlig a thaobh a' phlana Gàidhlig aca. Bha cuid de na comhairlichean ag ràdh nach b' fhiach sgillinn a chosg air a' chànan. As dèidh deasbad sradagach ge-tà aig an làn chomhairle an-diugh, chuir 34 taic ris a' phlana le 29 na aghaidh. Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn ag aithris.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan eil coltas ro eadar-dhealaichte air Siorrachd Obar Dheathain bhon Ghàidhealtachd. Ach, chan eil a’ Ghàidhlig idir cho follaiseach.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan e agus nach fhaic thu soidhnichean dà-chànanach ann an Siorrachd Obar Dheathain ach ‘s e soidhnichean prìobhaideach a th’ annta sin. Tha na soidhnichean oifigeil fhathast anns a’ Bheurla a-mhàin. Mar eisimpleir soidhnichean nan ròidean agus a rèir na Comhairle, mairidh iad mar sin a dh’aindeoin connspaid.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Ged nach eil soidhnichean am plana Gàidhlig na Comhairle, ghabh iad ri na h-uimhir de mholaidhean eile bho Bhòrd na Gàidhlig san t-Sultain. Ach bha sin fhèin connspaideach ‘s an-diugh dh’ fheuch buill dùbhlanach ri an stad. Dh’ fhàillig iad ach bha cùisean sradagach.

[An Comh Màrtainn Kitts-Hayes] Well I’m disappointed that it was referred in the first place but I’m pleased with the outcome of the decision. I think common sense prevailed and I think we had an outcome that was agreed at PNR, the same outcome, so in many respects a very unnecessary, bad tempered, ill-considered I think debate across the chamber, we could have done without it but we are where we are.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Do Ghàidheil a tha a’ fuireach anns an t-Siorrachd tha aineolas ann am measg cuid san ear-thuath mun dualchas Gàidhlig aca.

[Dr Michelle NicLeòid] Tha tòrr, tòrr dhaoine an seo agus chan eil iad a’ tuigsinn gu bheil ceangal aig a’ chànan ris an sgìre seo. Tha iad a’ smaoineachadh gur e rud coimheach a th’ ann dhan sgìre agus chan e gu dearbha. Mar a tha fios agad bha Gàidhlig ga bruidhinn an seo ‘s tha daoine a-nis ga dh’ ionnsachadh ‘s daoine a tha ann a tha fuireach anns an sgìre a tha bruidhinn na Gàidhlig agus ‘s e rud a th’ ann a tha dùthchasach dha-rìribh dhan sgìre.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Sa phlana Gàidhlig, a chaidh aontachadh an-diugh, chan eil ach £15,000 air a roinneadh airson na Gàidhlig. Ach, san àm ri teachd, am bi barrachd Gàidhlig follaiseach?

[Mairead NicÌomhair] Bha mi toilichte cluinntinn gun deach an latha le Gàidhlig an-diugh na b’ fheàrr na bhathas an toiseach a’ sùileachadh agus ann an dòigh ‘s dòcha nach cuir sin cus iongnaidh orm a chionns ‘s dòcha gu bheil barrachd taic dhan Ghàidhlig anns a’ choimhearsnachd ‘s anns na coimhearsnachdan na thathas a’ smaoineachadh. Agus bhithinn an dòchas ann an còig bliadhna, mar a thuirt thu sìos an rathad, gum bi barrachd phròiseactan ann.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Cha ghabh an eachdraidh Ghàidhlig a sheachnadh. ‘S i a’ cheist, na tha ri thighinn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] O chionn 1,000 bliadhna sgrìobh manaich an abairt seo ann an Dèire, ann an teis-mheadhan Siorrachd Obar Dheathain an latha an-diugh, facail Gàidhlig air làmh-sgrìobhainn a bha aca anns an abaid, a’ chiad fianais sgrìobhte againn dhen Ghàidhlig ann an Alba. Ach cha mhòr 1,000 bliadhna às dèidh dhaibh sin a dhèanamh tha àite na Gàidhlig ann an Siorrachd Obar Dheathain cho connspaideach ‘s a bha e a-riamh. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là, Siorrachd Obar Dheathain.

Support for the Gaelic Plan

English Beurla

[Iain MacLean – Presenter] Aberdeenshire Council have agreed to some of Bòrd na Gàidhlig’s recommendations with regards to their Gaelic plan. Some councillors were saying the language wasn’t worth spending a penny on. Although, after an ill-tempered debate at the full council today, 34 were in support of the plan with 29 against it. Coinneach Smith reports.

[Coinneach Smith - Reporter] Aberdeenshire doesn’t look too different from the Highlands. But, Gaelic isn’t as apparent.

[Coinneach Smith - Reporter] It’s not that you don’t see bilingual signs in Aberdeenshire, just that those are private signs. The official signs are still only in English. Road signs for example, and according to the Council, that’s the way they will stay despite controversy.

[Coinneach Smith - Reporter] Although signs aren’t in the Council’s Gaelic plan, they agreed to a lot of other recommendations from Bòrd na Gàidhlig in September. But that in itself was controversial and today members of the opposition attempted to stop them. They failed but matters were ill-tempered.

[Cllr Martin Kitts-Hayes] Well I’m disappointed that it was referred in the first place but I’m pleased with the outcome of the decision. I think common sense prevailed and I think we had an outcome that was agreed at PNR, the same outcome, so in many respects a very unnecessary, bad tempered, ill-considered I think debate across the chamber, we could have done without it but we are where we are.

[Coinneach Smith - Reporter] For Gaels living in the county, ignorance lies amongst some in the north-east about their Gaelic culture.

[Dr Michelle MacLeod] There are many, many people here who don’t understand that this area has ties to the language. They think it’s foreign to the area and it most certainly is not. As you know Gaelic was spoken here and people are now learning it and there are people from the area who speak Gaelic and it’s something that is indeed native to the area.

[Coinneach Smith - Reporter] In the Gaelic plan, which was agreed today, only £15,000 has been set aside for Gaelic. But, in the future, will more Gaelic be apparent?

[Margaret MacIver] I’m glad to hear that the Gaelic day went better than they first thought and in a way perhaps that doesn’t surprise me too much as maybe there is more support for Gaelic in the community and in the communities than was thought. And I would hope in five years time, as you said, down the line, that there will be more projects.

[Coinneach Smith - Reporter] Gaelic history cannot be avoided. The question is, what is to come.

[Coinneach Smith - Reporter] 1,000 years ago monks in this abbey in Deer, in the middle of what is Aberdeenshire today, wrote Gaelic words on manuscripts they had in the abbey, the earliest written evidence we have of Gaelic in Scotland. But almost 1,000 years later, the status Gaelic has in Aberdeenshire is as controversial as ever. Coinneach Smith, BBC An Là, Aberdeenshire.

Comhairle Siorrachd Obar Dheathain

Aberdeenshire Council

deasbad

debate

sradagach

ill-tempered

dà-chànanach

bilingual

prìobhaideach

private

aineolas

ignorance

manaich

monks

abaid

abbey

fianais

evidence