FaclairDictionary EnglishGàidhlig

News Naidheachdan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Sgeama ùr mu nàdar tro mheadhan na Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

[Màiri Rodgers - Preseantair] Thèid cùrsa ùr a chur air an ath bhliadhna gus sgilean luchd-labhairt na Gàidhlig ann an nàdar agus an àrainneachd a leasachadh. Mairidh e deich latha tha an dùil agus thathas an dòchas gum brosnaich e daoine gus barrachd ionnsachadh mu lusan, ainmean-àite agus cruth-tìr’ air fad tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh an naidheachd fhoillseachadh aig co-labhairt ann an Inbhir Nis an-diugh far an do choinnich riochdairean à Alba agus às a’ Chuimrigh. Bha Iona NicRisnidh an làthair.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] Tha Alba cliùiteach air feadh an t-saoghail airson seallaidhean àlainn, cruth-tìre iongantach agus sàr ghoireasan cur-seachad air a’ bhlàr a-muigh. Aig co-chruinneachadh ann an Inbhir Nis an-diugh, thàinig eòlaichean à Alba agus às a’ Chuimrigh còmhla a bheachdachadh air dòighean gus an ceangal eadar cànan, nàdar agus dualchas a dhaingneachadh.

[Sel Williams] Sa Chuimris, bidh sinn gu nàdarrach, a’ cur cànan agus cultar còmhla ann an dòigh nach bi ann am Beurla. Mar sin, a’ coimhead air cuspair bho shealladh an dualchais Chuimrich againn, tha sinn a’ faighinn sealladh sònraichte air an t-saoghal nach bu chòir dhuinn a chumail againn fhèin, ach innse do chàch.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] Bha na seann Ghàidheil mion-eòlach air a h-uile lus agus planntrais agus carson a bhathas gan chleachdadh agus bha ainm aca dhan a h-uile beinn, dhan a h-uile tobht’, agus dhan a h-uile bealach. Sin pàirt den adhbhar a thathas airson an cùrsa seo a chur air dòigh. Agus bidh cothrom aig Gaidheil le ùidh ann an nàdar an cuid sgilean a bhrosnachadh tron a’ chùrsa ùr a bhios gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

[Ruairidh MacIlleathain – craoladair] Tha mi an dùil gur ann anns an taobh sear ann an ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich a thèid a chumail agus bidh sinn a’ toirt sùil air an àrainneachd airson deich latha ‘s dòcha, tro mheadhan na Gàidhlig, a’ falbh a-mach a choimhead air na lusan, ainmhidhean, eòin is rudan mar sin a tha beò san àrainneachd. Bidh clasaichean ann cuideachd, a’ toirt teagasg do dhaoine. A bharrachd air an sin, bidh beul-aithris ann, bàrdachd na Gàidhlig co-cheangailte ris an àrainneachd gus am bi daoine a’ falbh aig deireadh a’ chùrsa agus iad nas comasaiche a bhith a’ bruidhinn mun àrainneachd.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] Ghabh a’ chlann seo pàirt ann an Duais Urras Iain Mhuir san Ògmhios a’ faighinn eòlas air nàdar tro mheadhan na Gàidhlig. Ach tha barrachd dhaoine, le eòlas sònraichte fhathast a dhìth, gus sgeamaichean, leithid seo agus eile, a leudachadh.

[Emily Edwards - Oifigear Conaltraidh] Chan eil mòran dhaoine ann an saoghal na Gàidhlig aig an ìre seo aig a bheil na sgilean seo agus tha cruaidh fheum againne air tuilleadh dhaoine, gu h-àraidh daoine òga aig a bheil na sgilean sin a tha fiosraichte mu dheidhinn àrainneachd agus b’ urrainn dhaibh a dhol a-mach agus cuairtean a dhèanamh agus teagasg a thoirt dha daoine eile mu dheidhinn àrainneachd tro shùilean nan Gàidheal. ‘S e rud gu math cudromach a tha sin.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] ‘S iomadh neach a thog ùidh sa Ghàidhlig tro bhith coiseachd sna beanntan agus a bhith a’ coimhead ri ainmean-àite air mapaichean agus ma shoirbhicheas leis a’ chùrsa ùr seo ‘s dòcha gum bi barrachd chothroman ann don t-sluagh a dhol an-sàs anns na rudan sin anns na làithean air thoiseach. Iona NicRisnidh, BBC An Là, Inbhir Nis.

A new scheme about Nature through the medium of Gaelic

English Beurla

[Màiri Rodgers - Presenter] A new course is being set up for next year to develop Gaelic speaking skills in nature and the environment. It is expected that it will last ten days and there is hope that is will inspire people to learn more about vegetation, place-names and landscapes in Gaelic. The news was launched at a conference in Inverness where there was a meeting of producers in Scotland and Wales. Iona Macritchie was there.

[Iona Macritchie – Reporter] Scotland is recognised all over the world for beautiful views, amazing landscape and great resources for outdoor pursuits. At a convention in Inverness today, experts from Scotland and Wales came together to discuss ways to prove the link between language, nature and heritage.

[Sel Williams] In Welsh, we naturally put language and culture together in a natural way that doesn’t happen in English. In that way, looking at a subject from the view of our Welsh heritage, we get a unique view of the world that we shouldn’t keep to ourselves, but we should share with others.

[Iona Macritchie – reporter] The old Gaels were experts on every vegetation and plant and why they would use them and they had a name for every mountain, run and gap. This is part of the reason that this course is being run. And there will be an opportunities for Gaels with an interest in nature to develop many of their skills through this new course through the medium of Gaelic.

[Ruairidh MacLean] I expect it so be on the west side of the north end of Skye that the course will be held and we will be looking at the environment for ten days, maybe, through the medium of Gaelic, going out and looking at plants, animals, birds and things like that which live in the environment. There will be classes too, teaching people. In addition to this, there will be folklore, Gaelic poetry linked to the environment and when people leave the course they will be more competent in talking about the environment.

[Iona Macritchie – reporter] Children have taking part in the Iain Muir Trust Prize learned about nature through the medium of Gaelic. But many people, with these unique skills are still needed, for schemes, like this one, to grow.

[Emily Edwards – Communications officer] There are not many people in the Gaelic world at this level who have these skills and we are in dire need of more people, especially young people who have these skills, who are knowledgeable about the environment and can go out on trips and teach people about the environment through the eyes of the Gael. This is an important thing.

[Iona Macritchie – reporter] Many people have developed and interest in Gaelic through walking in mountains and looking at place-names on maps agus if this course is successful, maybe there will be more opportunities for people to be involved in things like this in the future. Iona Macritchie, BBC An Là, Inverness.

àrainneachd

environment

mion-eòlach

very knowledgeable

bealach

gap, pass

sgeamaichean

schemes

fiosraichte

informed