menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

‘S fheàrr a bhith a dhìth a’ chin na bhith a dhìth an fhasain

[Catriona Garbutt] Aodach robach. Chanamaid, ‘s dòcha, aodach luideagach, ragach no peallach no peallagach. Bha sin ‘s dòcha aodach, can, ‘s dòcha a bha math gu leòr nuair a chaidh a cheannach a bh’ air a dhol bhuaithe le ‘s dòcha droch nighe no ‘s dòcha droch ghiollachd agus nach b’ fhiach e mòran a-nis, chanamaid sin ris.

[Mairead NicLeoid] Ruithligean, uill, ‘s e aodach tana a bhiodh oirnne ann an sin agus cha robh iad blàth idir – ruithligean. Piullagan, och ‘s e sin aodach a bhiodh oirnne dìreach timcheall, nuair a bhios sinn a’ cluich, nuair a ruigeadh sinn às an sgoil, chuireadh sinn dhinn aodach na sgoile, ‘s chanadh iad “Cuir ort nis do phiullagan is thalla a-mach!” Aodach nach biodh dragh againne a shalaicheadh sinn no a reubadh sinn, do phiullagan.

[Catriona Garbutt] Straighligean, cuideachd. Tha sin air useagadh airson aodach a bha robach, ‘s dòcha ribeagach ach cuideachd dh’ fhaodadh e a bhith airson aodach a bha tòrr ann dheth ‘s a’ slìobadh faisg air an talamh ‘s a tha air feadh an àite, mar gum biodh, straighligean. Tha straighligean oirre, chanamaid.

[Seonag NicAonghais] Gibsichean, cha bhiodh sin ach badan aodaich a dh’ fhaodadh a bhiodh feadhainn eile ullamh dheth agus gun d’rachadh an toirt dha neachagain eile airson an toirt dhachaigh, sin agadsa gibseach aodaich agad.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

It is better to be without a head than without fashion

[Catriona Garbutt] Scruffy clothes. You would maybe say aodach (clothes) that are luideagach (shabby), ragach (unkempt) or peallach (shaggy) or peallagach (shaggy). They were perhaps clothes that were maybe good when they were bought, but have deteriorated from poor washing or poor handling and are not up to much now, that’s how would say that about them.

[Margaret MacLeod] Ruithligean (light, thin clothes), well they are light clothes that we would wear and were not warm at all – ruithligean. Piullagan (play-clothes), och they were clothes we would wear just when we were just playing, when we arrived from school, we would take off our school-clothes and be told say “Put on your piullagan (play-clothes) and go outside!”. Clothes we would not worry about getting dirty or tearing, your play-clothes.

[Catriona Garbutt] Straighligean (ragged clothes), too. That was used for clothes that were scruffy, maybe tattered, but it could also be used for clothes where there was a lot of material that would slip close to the ground and leave clothes all over the place, as it was, straighligean (ragged clothes). She is wearing straighligean (ragged clothes) you would say.

[Joan MacInnes] Gibsichean (old rags), that was a bundle of clothes that maybe others were finished with and had been given to someone else to take home, that’s what gibseach aodaich (ragged) clothes meant.

This programme, Beul Chainnt, was first broadcast in 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

luideach - shabby

ribeagach - tattered

luideagadh - shabby

ragach - unkempt

peallach - shaggy

peallagach - shaggy

piullag - play-clothes