FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about the family A’ bruidhinn mun teaghlach

At homeAig an taigh

m’ athair ’s mo mhàthair my father and my mother

’s is a shortened form of agus.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Màiri-Anna Seo m’ athair, ’s mo mhàthair. This is my mum, and this is my dad.
Carol Agus cò tha sin? And who’s that?
Màiri-Anna Sin mo bhràthair, Alasdair.
Sin an teaghlach.
Alasdair.
Ina.
Agus mi fhìn.
That’s my brother, Alexander.
That’s the family.
Alexander.
Ina.
And myself.
Carol A bheil do phàrantan a’ fuireach ann an Glaschu? Do your parents live in Glasgow?
Màiri-Anna Ò chan eil.
Tha m' athair ’s mo mhàthair a’ fuireach aig an taigh.
Ann an Leòdhas a tha mi a' ciallachadh.
Agus tha Ina ann an Canada.
Ach tha mo bhràthair pòsta ann an Ibrox.
Oh no.
My father and my mother live at home.
In Lewis is what I mean.
And Ina is in Canada.
But my brother is married in Ibrox.
Carol Ò a bheil? Glè mhath.
A bheil clann aig do bhràthair?
Oh is he? Very good.
Does your brother have children?
Màiri-Anna Chan eil fhathast. Not yet.
Carol Ò uill, tapadh leat. Oh well, thank you.
Màiri-Anna Gabh mo leisgeil. Excuse me.
Carol Ceart, a Mhàiri-Anna, tìoraidh. Ok, Mary-Anne, cheerio.
Màiri-Anna Halò.
Uh huh, ’s mise Màiri-Anna NicLeòid.
Cò tha sin?
Mr Mackie?
Ò aidh aidh. Glasgow Secretarial Agency, aidh aidh.
Mm hm. Chan eil. Chan eil. Chan eil mi ag obair an-dràsta.
Ò tha. Ò tha.
Oifis air Sràid Sauchiehall?
Tapadh leibh.
Tìoraidh. Chì mi a-màireach sibh ma-thà.
A Charol!
Hello.
Uh huh, I’m Mary-Anne MacLeod.
Who’s that?
Mr Mackie?
Oh aye aye. Glasgow Secretarial Agency, aye aye.
Mmm hmm. No. No. I’m not working just now.
Oh yes. Oh yes.
An office on Sauchiehall Street?
Thank you.
Cheerio. I’ll see you tomorrow then.
Carol!
Eilidh Mamaidh, a mhamaidh càit a bheil sibh?
Halò ceithir a dhà a trì?
Ò haidh dadaidh.
Tha glè mhath, tapadh leibh.
Bha an sgoil glè mhath.
Mamaidh?
Chan eil, chan eil i aig an taigh an-dràsta.
Chan eil fhios agam càit a bheil i.
Eòghann? Chan eil Eòghann aig an taigh fhathast.
Ball-coise. Tha, tha e a’ cluich ball-coise.
Mum, mum where are you?
Hello four two three?
Oh hi dad.
Very well, thank you.
School was very good.
Mum?
No, she’s not at home just now.
I don’t know where she is.
Euan? Euan’s not home yet.
Football. Yes, he’s playing football.
Eilidh Halò ceithir a dhà trì?
Ò haidh dadaidh.
Tha glè mhath, tapadh leibh.
Bha na sgoil glè mhath.
Mamaidh?
Chan eil, chan eil i ag an taigh an-dràsta.
Chan eil fhios agam càit a bheil i.
Eòghann? Chan eil Eòghann aig an taigh fhathast.
Ball-coise. Tha, tha e a’ cluich ball-coise.
Dadaidh? A bheil mamaidh? A bheil i? An-dràsta.
Ceart ma-thà, chì mi aig an taigh sibh. Tìoraidh an-dràsta.
Hello four two three?
Oh hi dad.
Very well, thank you.
School was very good.
Mum?
No, she’s not at the house just now.
I don’t know where she is.
Euan? Euan’s not home yet.
Football. Yes, he’s playing football.
Dad? Is mum? Is she? Just now.
Ok then, I’ll see you at the house. Cheerio just now.
Eòghann Haidh, càit a bheil mamaidh? Hi, where’s mum?
Eilidh Chan eil fhios agam.
Eòghainn?
I don’t know.
Euan?
Eòghann Dè tha thu ag iarraidh? What do you want?
Eilidh Eòghainn! Euan!
Eòghann Dè?
Dè tha thu a’ ciallachadh?
What?
What do you mean?
Eilidh Piuthar bheag no bràthair beag? A wee sister or brother?
Eòghann Piuthar bheag? Bràthair beag? A Dhia! A wee sister? A wee brother? Ah God!