FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about the family A’ bruidhinn mun teaghlach

That's Donald, my brotherSin Dòmhnall, mo bhràthair

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

blàth warm

pàrantan parents

mo phàrantan my parents

do phàrantan your parents

tha mo bhàthair pòsta ann an Dùn Èideann my brother is married in Edinburgh

You can use mo (my) to talk about your close relatives.

mo mhac my son

mo bhràthair my brother

mo phiuthar my sister

mo mhàthair my mother

m’ athair my father

mo sheanair my grandfather

mo sheanmhair my grandmother

mo phàrantan my parents

m’ antaidh my auntie

m’ uncail my uncle

You can also use agam to talk about your close relatives.

an nighean agam my daughter

an duine agam my husband

a’ bhean agam my wife

a’ chlann agam my children

am balach agam my boy

an gille agam my boy

a’ chaileag agam my girl

an teaghlach agam my family

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Eilidh Haidh, Iain. Hi, John.
Iain Haidh. Hi.
Eilidh Thig a-steach. Come in.
Mother Eilidh.
Cò tha sin?
Helen.
Who’s that?
Eilidh Seo Iain.
Agus seo mo phàrantan.
This is John.
And these are my parents.
Mother Halò Iain.
Ciamar a tha thu?
Hello John.
How are you?
Iain Tha gu math, tapadh leibh. I’m well, thank you.
Father Halò. Hello.
Iain Halò. Hello.
Father Càit a bheil sibh a’ dol a-nochd? Where are you going tonight?
Eilidh Tha sinn a’ dol gu dannsa. We are going to a dance.
Mother Chì sinn a-rithist sibh ma-thà. We’ll see you again then.
Eilidh Chì.
Tìoraidh an-dràst’.
Yes.
Cheerio for now.
Iain Tìoraidh. Cheerio.
Father Mar sin leibh. Bye.
Male neighbour Halò.
Feasgar math.
Hello.
Good afternoon.
Girl Feasgar math. Good afternoon.
Male neighbour A bheil do phàrantan aig an taigh? Are your parents at home?
Girl Chan eil.
Chan eil mo phàrantan aig an taigh, ach tha mo bhràthair aig an taigh.
A Chaluim.
No.
My parents aren’t at home, but my brother is at home.
Calum.
Man Sin an teaghlach.
’S e sin mo phàrantan.
Agus, sin mo phiuthar, Sìne.
Agus sin Dòmhnall, mo bhràthair.
Tha mo bhràthair pòsta ann an Dùn Èideann.
Agus, sin mi fhìn.
That’s the family.
Those are my parents.
And, that’s my sister, Jane.
And that’s Donald, my brother.
My brother’s married in Edinburgh.
And, that’s me.